Nuair a smaoinicheas mi air Ìosa, mar Rìgh nan rìghrean, tha mi a’ faicinn cumhachd agus àrd-uachdranachd Dhè. Tha am Bìoball làn de sgeulachdan a tha a’ bruidhinn air riaghladh Ìosa thairis air a h-uile càil.
Chan eil crìochan air a rìoghachd; tha e a’ sgaoileadh thairis air an talamh agus na speuran. Tha riaghladh Ìosa foirfe agus siorruidh. Tha a rìgh-chathair suidhichte anns na nèamhan, agus chan eil crìoch air a rìoghachd.
Tha e a’ riaghladh le ceartas agus tròcair, a’ sealltainn coibhneas dhaibhsan a tha lag agus fo leatrom. Chan eil crìochan air a chumhachd, agus tha a ghliocas agus a thuigse do-rannsaichte.
Tha Ìosa a’ nochdadh dhuinn gràdh Dhè tro rèite le mac an duine. Tro ìobairt air a’ chrois, tha e a’ tabhann cothrom dhuinn beatha shìorruidh agus saorsa fhaighinn.
Chan eil a rìoghachd stèidhichte air fòirneart no ceannas ach air seirbheis agus ìobairt. Tha an tiotal "Rìgh nan rìghrean" cuideachd a’ bruidhinn air a bhuaidh thairis air peacadh agus bàs.
Chruthaich Ìosa buaidh air cumhachd an uilc agus dh’èirich e beò a-rithist, a’ dearbhadh a chumhachd thairis air a h-uile cruthachadh. Tha a rìoghachd a’ dol thairis air ùine agus àite, agus tha a ghlòir a’ deàrrsadh gu soilleir.
Nuair a smaoinicheas mi air Ìosa mar Rìgh nan rìghrean, tha mi air mo bhrosnachadh gus mo bheatha a chur fo a uachdranas. Tha mi a’ tuigsinn gur ann annsan a-mhàin a lorgas mi fìor shìth agus slàinte.
’S e rìoghachd gaoil, ceartas agus naomhachd a th’ ann an rìoghachd Ìosa, agus mar shaoranaich na rìoghachd seo, tha mi air mo ghairm gus a bhith beò a rèir a phrionnsapalan agus a laghan.
Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.
Nì, na àmannan fhèin, a dh’fhoillsicheas an Tì a tha beannaichte, agus a‑mhàin cumhachdach, Rìgh nan rìgh, agus Tighearna nan tighearnan;
Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,
Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA.
Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.
Na biodh eagal ort, a nighean Shioin: feuch, tha do Rìgh a’ teachd, na shuidhe air loth asail.
Oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia nan dia, agus Tighearna nan tighearnan, Dia mòr, cumhachdach, agus uamhasach, aig nach eil bàidh ri neach seach a chèile, agus nach gabh duais.
Air an adhbhar sin thubhairt Pilat ris, An rìgh thu mas eadh? Fhreagair Iosa, Thubhairt thusa gur rìgh mi. Is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mi don t‑saoghal, a‑chum gun dèanainn fianais don fhìrinn. Gach neach a tha air taobh na fìrinn, èisdidh e rim ghuth-sa.
Chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus, feuch, thàinig neach cosmhail ri mac an duine le neòil nèimh, agus thàinig e a‑chum Aosda nan Làithean, agus thug iad e dlùth na làthair.
Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i.
Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.
Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac-sa; an‑diugh ghin mi thu.
Iarr orm, agus bheir mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan na talmhainn mar sheilbh.
Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear-tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn.
Fhreagair Iosa, Chan ann den t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa: nam b’ann den t‑saoghal seo a bhiodh mo rìoghachd, dhèanadh mo sheirbhisich cogadh, a‑chum nach tugte thairis do na h‑Iùdhaich mi: ach a‑nis chan ann o seo a tha mo rìoghachd.
Agus nuair a rugadh Iosa ann am Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, feuch, thàinig draoidhean on àird an ear gu Ierusalem,
Agus nuair a chunnaic iad an reul, rinn iad gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.
Agus air dol a‑steach dhaibh don taigh, fhuair iad an naoidhean maille ra mhàthair Muire, agus thuit iad sìos, agus rinn iad adhradh dha: agus air fosgladh an ionmhas dhaibh, thug iad dha tìodhlacan; òr, agus tùis, agus mirr.
Agus air faotainn rabhaidh o Dhia ann am bruadar, gun iad a thilleadh a dh’ionnsaigh Heroid, chaidh iad dan dùthaich fhèin air slighe eile.
Agus nuair a dh’imich iad air an ais, feuch, nochdadh aingeal an Tighearna do Iòseph ann am bruadar, ag ràdh, Èirich, agus gabh an naoidhean agus a mhàthair, agus teich don Èiphit, agus bi an sin gus an labhair mise riut: oir iarraidh Herod an naoidhean ga mhilleadh.
Agus dh’eirich e, agus ghabh e da ionnsaigh an naoidhean agus a mhàthair anns an oidhche, agus dh’imich e don Èiphit:
Agus bha e an sin gu bàs Heroid, a‑chum gun coileante an nì a labhair an Tighearna leis an fhàidh, ag ràdh, A‑mach as an Èiphit ghairm mi mo Mhac.
An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.
An sin choileanadh an nì a labhradh le Ieremias am fàidh, ag ràdh,
Chualas guth ann an Rama, caoidh, agus gul, agus bròn ro‑mhòr, Rachel a’ caoineadh a cloinne, agus cha b’àill leatha sòlas a ghabhail, a chionn nach eil iad beò.
Ach nuair a dh’eug Herod, feuch, nochdadh aingeal an Tighearna ann am bruadar do Iòseph anns an Èiphit,
Ag ràdh, Càit a bheil rìgh sin nan Iùdhach a tha air a bhreith? Oir chunnaic sinne a reul anns an àird an ear, agus tha sinn air teachd a thabhairt adhraidh dha.
Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.
A‑nis don Rìgh shìorraidh, neo-thruaillidh, neo-fhaicsinneach, do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu saoghal nan saoghal. Amen.
Agus bidh an Tighearna na rìgh os cionn na talmhainn uile: anns an là sin bidh aon Tighearna ann, agus a ainm na aon.
Ach tha mise ag ràdh ribh, Na tugaibh mionnan idir: na tugaibh air nèamh, oir is e rìgh-chathair Dhè e.
Na tugaibh air an talamh, oir is e stòl a chas e: na tugaibh air Ierusalem, oir is e baile an rìgh mhòir e.
Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach na chòdhail, agus ghlaodh iad, Hosanna, beannaichte gu robh Rìgh Israeil a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!
Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.
Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.
Ag ràdh, Càit a bheil rìgh sin nan Iùdhach a tha air a bhreith? Oir chunnaic sinne a reul anns an àird an ear, agus tha sinn air teachd a thabhairt adhraidh dha.
Ach ris a’ Mhac tha e ag ràdh, Tha do rìgh-chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat-rìoghail ro‑chothromach slat do rìoghachd-sa:
Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.
Bidh e mòr, agus goirear Mac an Tì as ro‑àirde dheth; agus bheir an Tighearna Dia dha rìgh-chathair a athar fhèin Daibhidh.
Agus bidh e na Rìgh air taigh Iàcoib gu bràth, agus cha bhi crìoch air a rìoghachd.
Tha an Tighearna a’ rìoghachadh, tha e air a sgeadachadh le mòralachd; tha an Tighearna air a sgeadachadh le neart, agus chrioslaich e e fhèin; tha an saoghal mar an ceudna air a dhaingneachadh, a‑chum nach gluaisear e.
Is rìoghachd shìorraidh do rìoghachd-sa, agus mairidh d’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach.
Oir is ann a‑chum seo a fhuair Crìosd bàs, agus a dh’èirich e, agus a tha e beò a‑rìs, a‑chum gum biodh e na Thighearna air a’ bheò agus air a’ mharbh.
Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.
Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.
Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire:
Agus cruinnichear na làthair na h‑uile chinnich; agus sgaraidh e iad o chèile, amhail a sgaras buachaille na caoraich o na gobhair:
Agus cuiridh e na caoraich air a làimh dheis, ach na gobhair air a làimh chlì.
An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:
Oir tha an Tighearna, an Tì as àirde, na adhbhar eagail; is Rìgh mòr e os cionn na talmhainn uile.
Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.
Innsibh do nighean Shioin, Feuch, tha do Rìgh a’ teachd ad ionnsaigh gu ciùin, agus e na shuidhe air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.
Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram.
Agus sheas Iosa an làthair an uachdarain: agus dh’fhiosraich an t‑uachdaran dheth, ag ràdh, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu.
Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.
Air an adhbhar sin labhair Pilat riu a‑rìs, air dha a bhith toileach Iosa a chur fa sgaoil.
Ach ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceus e, ceus e.
Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.
Agus laigh iadsan air le guthan mòra, ag iarraidh esan a cheusadh: agus bhuadhaich an guthan-san, agus guthan nan àrd-shagart.
Agus thug Pilat breith gun dèante na dh’iarr iad.
Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil.
Agus an tràth a thug iad leo e, rug iad air Sìmon, duine àraidh o Chirène, a bha a’ teachd on dùthaich, agus chuir iad an crann-ceusaidh air, ga ghiùlan an dèidh Iosa.
Agus lean cuideachd mhòr e den t‑sluagh, agus de mhnathan, a bha mar an ceudna ri bròn, agus ga chaoineadh-san.
Ach air tionndadh do Iosa riu, thubhairt e, A nigheanan Ierusaleim, na guilibh air mo shon-sa, ach guilibh air ur son fhèin, agus airson ur cloinne:
Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo-thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne.
Agus dh’fheòraich Pilat dheth, ag ràdh, An tusa rìgh nan Iùdhach? Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Tha thu ga ràdh.
Don tug Abrahàm eadhon deicheamh den uile: neach as e air tùs, air eadar-theangachadh, rìgh na fìreantachd, agus na dhèidh sin mar an ceudna, rìgh Shàleim, is e sin rìgh na sìthe;
Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.
A dh’obraich e ann an Crìosd, nuair a thog e o na mairbh e, agus a chuir e na shuidhe air a dheaslàimh fhèin e anns na h‑ionadan nèamhaidh,
Gu ro‑àrd os cionn gach uile uachdaranachd, agus cumhachd, agus neirt, agus tighearnais, agus gach ainme a dh’ainmichear, chan e a‑mhàin anns an t‑saoghal seo, ach anns an t‑saoghal ri teachd mar an ceudna:
Agus chuir e na h‑uile nithean fo a chasan, agus thug e e gu bhith na cheann os cionn nan uile nithean don eaglais,
Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann!
Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach-saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan.
Is mise Alpha agus Omega, an tùs agus a’ chrìoch, an ciad neach agus an neach deireannach.
Shocraich an Tighearna a rìgh-chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile.
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Cò a dhìteas? Is e Crìosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’èirich a‑rìs, agus a tha air deaslàimh Dhè, neach a tha mar an ceudna a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son.
A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san:
Ag ràdh le guth àrd, Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd, agus saoibhreas, agus gliocas, agus neart, agus urram, agus glòir, agus moladh fhaotainn.
Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal.
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;
O sin a‑mach thòisich Iosa air searmonachadh, agus air a ràdh, Gabhaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh am fagas.
Carson a ghabh na cinnich boile, agus a smaoinich na slòigh nì dìomhain?
A‑nis, matà, a rìghrean, bithibh glic; gabhaibh fòghlam, a bhritheamhan na talmhainn.
Dèanaibh seirbhis don Tighearna le eagal, agus dèanaibh gàirdeachas le ball-chrith.
Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as.
Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte-san, ag ràdh,
Briseamaid o chèile an cuibhreach, agus tilgeamaid dhinn an cuing?
An tì a tha na shuidhe air nèamh, nì e gàire; nì an Tighearna fanaid orra.
Uime sin nuair a thuig Iosa gu robh iad air tì teachd agus breith air le làimh làidir, a‑chum gun dèanadh iad rìgh dheth, dh’imich e a‑rìs don bheinn na aonar.
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.
Togaidh esan taigh dom ainm-sa, agus daingnichidh mise rìgh-chathair a rìoghachd gu bràth.
Ach thubhairt esan riu, Is èiginn dhòmhsa rìoghachd Dhè a shearmonachadh do bhailtean eile mar an ceudna; oir is ann a‑chum seo a chuireadh mi.
Agus ag ràdh, Choileanadh an aimsir, agus tha rìoghachd Dhè am fagas; dèanaibh-se aithreachas, agus creidibh an soisgeul.
Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.
Cuiridh Mac an Duine aingil uaithe, agus tionailidh iad as a rìoghachd na h‑uile nithean a bheir oilbheum, agus iadsan a tha a’ dèanamh aingidheachd;
Agus thubhairt e riu, Tha sibhse o shìos, tha mise o shuas: tha sibhse den t‑saoghal seo, chan eil mise den t‑saoghal seo.
Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.
Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.
Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh-chathrach, ag ràdh,
Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.
Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh aig mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.
Oir is e am fear ceann na mnà, eadhon mar as e Crìosd ceann na h‑eaglais: agus is esan Slànaighear a’ chuirp.
Do bhrìgh uime sin gu bheil againn Ard-shagart mòr, a chaidh a‑steach do na nèamhan, Iosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.
Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.
Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus, feuch, each geal; agus ghoireadh den Tì a shuidh air Dìleas, agus Fìor; agus ann am fìreantachd tha e a’ dèanamh breitheanais agus cogaidh.
An sin daingnichidh mise cathair do rìoghachd air Israel gu bràth, mar a labhair mi ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine air rìgh-chathair Israeil.
Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.
Ag ràdh, Guma beannaichte an Rìgh a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna: sìth air nèamh, agus glòir anns na h‑àrdan.
Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a ghabh tlachd annad gud chur air rìgh-chathair Israeil: a chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna do Israel gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.
Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.
An sin bidh a’ chrìoch dheireannach, nuair a bheir e suas an rìoghachd do Dhia, eadhon an t‑Athair; nuair a chuireas e as do gach uile uachdaranachd, agus gach uile ùghdarras, agus chumhachd.
Oir is èiginn gun rìoghaich e gus an cuir e a naimhdean uile fo a chasan.
Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:
Tha do rìgh-chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat cheartais slat-shuaicheantais do rìoghachd-sa.
Agus bidh uachdaranachd aige o fhairge gu fairge, agus on abhainn gu ruig crìochan na talmhainn.
Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; criothnaicheadh na slòigh; tha e na shuidhe eadar ceruban; biodh crith air an talamh.
Tha an Tighearna mòr ann an Sion, agus tha e àrd os cionn gach sluaigh.
Feuch, thig an Tighearna Iehòbhah le làimh làidir, agus bheir a ghàirdean buaidh a‑mach dha; feuch, tha a dhuais maille ris, agus a obair na fhianais.
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Gu bheil cuid den dream a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad Mac an Duine a’ teachd na rìoghachd fhèin.
Agus tha mise ag òrdachadh dhuibh rìoghachd, mar a dh’òrdaich m’Athair dhòmhsa;
An sin chaidh Sàtan ann an Iùdas don co‑ainm Iscariot, a bha de àireamh an dà‑fhir-dheug.
A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Agus ghlaodh iad le guth àrd, ag ràdh, Slàinte dar Dia-ne a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan.
Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.
Tha mi a’ sparradh ort uime sin am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a bheir breith air beò agus marbh, aig a theachd dealrach agus na rìoghachd:
Oir an cinneach agus an rìoghachd nach dèan seirbhis dhut, bidh iad caillte; seadh, sgriosar na cinnich sin gu tur.
A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan;
Oir chan eil an t‑Athair a’ toirt breith air duine sam bith; ach thug e gach uile bhreitheanas don Mhac:
Uime sin biodh fios gu cinnteach aig taigh Israeil uile, gun do rinn Dia na Thighearna, agus na Chrìosd, an t‑Iosa seo fhèin, a cheus sibhse.
Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.
Oir mar sin fritheilear gu pailt dhuibh slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd.
Agus dh’àithn e dhuinne searmonachadh don t‑sluagh, agus fianais a dhèanamh gur esan a dh’òrdaicheadh le Dia na bhritheamh air beò agus air marbh.
Agus nuair a dh’fheòraich na Pharasaich dheth cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad agus thubhairt e, Cha tig rìoghachd Dhè air chor gum mothaichear i.
Cha mhò a their iad, Feuch an seo, no, Feuch an sin: oir feuch, tha rìoghachd Dhè an taobh a‑staigh dhibh.
Agus thubhairt Iosa, Is mi: agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd le neòil nèimh.
Ach thubhairt Iosa, Fuilingibh do na leanaban, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsaigh: oir is ann dan leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.
Oir is e d’fhear-pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.
Uime sin ma dh’èirich sibh maille ri Crìosd, iarraibh na nithean a tha shuas, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deaslàimh Dhè.