Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 14 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus bha a’ chàisg agus fèill an arain neo-ghortaichte an dèidh dà là: agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean cionnas a ghlacadh iad esan le foill, agus a chuireadh iad gu bàs e.

2 Ach thubhairt iad, Chan ann air an fhèill, air eagal gun èirich buaireas am measg an t‑sluaigh.

3 Agus air bhith dha ann am Betani, ann an taigh Shìmoin an lobhar, nuair a bha e na shuidhe aig bòrd, thàinig bean, aig an robh bocsa alabastair de ola spicnaird ro‑luachmhor; agus bhris i am bocsa, agus dhòirt i air a cheann e.

4 Agus bha cuid dhiubh diombach annta fhèin, agus ag ràdh, Carson a rinneadh an t‑ana-caitheamh seo air an ola?

5 Oir dh’fhaodadh i a bhith air a reic airson tuilleadh na trì cheud pèighinn, agus air a toirt do na bochdan. Agus rinn iad gearan na h‑aghaidh.

6 Ach thubhairt Iosa, Leigibh leatha; carson a tha sibh a’ cur dragh oirre? Rinn i obair mhath ormsa.

7 Oir tha na bochdan a‑ghnàth maille ribh, agus ge bè uair as àill leibh, faodaidh sibh math a dhèanamh dhaibh: ach chan eil mise a‑ghnàth agaibh.

8 Rinn i na dh’fhaodadh i; thàinig i ro‑làimh a dh’ungadh mo chuirp a‑chum adhlaic.

9 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè earrann air bith, air feadh an domhain uile, anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh, bidh mar an ceudna an nì seo a rinn i air innse mar chuimhne oirre.

10 Agus dh’imich Iùdas Iscariot, aon den dà‑fhear-dheug, a‑chum nan àrd-shagart, gu esan a bhrath dhaibh.

11 Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad aoibhneach, agus gheall iad airgead a thoirt dha. Agus dh’iarr e cionnas a dh’fhaodadh e gu h‑iomchaidh esan a bhrath.

12 Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo-ghortaichte, nuair a bu ghnàth leo an t‑uan-càisge a mharbhadh, thubhairt a dheisciobail ris, Càit an toil leat sinne a dhol a dh’ullachadh, a‑chum gun itheadh tu a’ chàisg?

13 Agus chuir e dithis de a dheisciobail, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑steach don bhaile, agus coinnichidh duine sibh a’ giùlan soitheach uisge: leanaibh e.

14 Agus ge bè àit an tèid e a‑steach, abraibh-se ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh, Càit a bheil an seòmar-aoidheachd, anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?

15 Agus nochdaidh esan dhuibh seòmar àrd, farsaing, na làn uidheam agus deasaichte: an sin ullaichibh dhuinn.

16 Agus chaidh a dheisciobail a‑mach, agus thàinig iad don bhaile, agus fhuair iad mar a thubhairt e riu; agus dh’ullaich iad a’ chàisg.

17 Agus air teachd don fheasgar, thàinig esan maille ris an dà‑fhear-dheug.

18 Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise.

19 Agus thòisich iad air a bhith dubhach, agus a ràdh ris, an dèidh a chèile, Am mise e? Agus fear eile, Am mise e?

20 Agus air freagairt dhàsan thubhairt e riu, Is fear den dà‑fhear-dheug e, a tha a’ tumadh maille riumsa anns a’ mhèis.

21 Tha Mac an Duine gu deimhinn ag imeachd, mar a tha e sgrìobhte uime, ach is an‑aoibhinn don fhear sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e.

22 Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus an dèidh a bheannachadh, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh: is e seo mo chorp-sa.

23 Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibhsan e: agus dh’òl iad uile as.

24 Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran.

25 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach òl mi nas mò de thoradh na fìonain gus an là sin anns an òl mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè.

26 Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann-ola.

27 Agus thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd: oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille, agus sgapar na caoraich.

28 Ach an dèidh dhomh èirigh, thèid mi romhaibh do Ghalile.

29 Ach thubhairt Peadar ris, Ged fhaigh iadsan uile oilbheum annad, gidheadh chan fhaigh mise e.

30 Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.

31 Ach is ro‑mhò a thubhairt esan, Ged is èiginn dhomh am bàs fhulang maille riut, chan àich mi a‑chaoidh thu. Agus mar sin thubhairt càch uile mar an ceudna.

32 Agus thàinig iad gu ionad dom b’ainm Getsemane; agus thubhairt e ra dheisciobail, Suidhibh-se an seo, gus an dèan mise ùrnaigh.

33 Agus thug e leis Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus thòisich e air a bhith fo uamh-chrith, agus fo anabarr bròin;

34 Agus thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh-se an seo, agus dèanaibh faire.

35 Agus chaidh e beagan air aghaidh, agus thuit e air an talamh, agus rinn e ùrnaigh, nam bu chomasach e gun rachadh an uair thairis air.

36 Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa.

37 Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair?

38 Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha an spiorad gu deimhinn togarrach, ach tha an fheòil anfhann.

39 Agus air dha imeachd a‑rìs, rinn e ùrnaigh, ag ràdh nam briathran ceudna.

40 Agus nuair a thill e, fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom, agus cha robh fhios aca cionnas a bheireadh iad freagradh air.

41 Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.

42 Eiribh, imicheamaid; feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas.

43 Agus air ball, air dha a bhith fhathast a’ labhairt, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, agus sluagh mòr maille ris le claidheamhan agus bataichean, o na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean.

44 Agus bha an tì a bhrath esan air toirt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach don toir mise pòg, is e sin e; glacaibh e, agus thugaibh leibh e gu tèarainte.

45 Agus air teachd dha, chaidh e air ball da ionnsaigh-san, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e.

46 Agus chuir iadsan làmh ann, agus ghlac iad e.

47 Agus air tarraing claidheimh do fhear de na bha an làthair, bhuail e òglach an àrd-shagairt, agus gheàrr e a chluas dheth.

48 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, An tàinig sibh a‑mach gam ghlacadh-sa, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn le claidheamhan agus le bataichean?

49 Bha mi gach là maille ribh anns an teampall, a’ teagasg, agus cha do ghlac sibh mi: ach tha seo a‑chum gum biodh na sgriobtairean air an coileanadh.

50 Agus air do na h‑uile a thrèigsinn, theich iad.

51 Agus lean òganach àraidh e, aig an robh lìon-aodach air a chur ma chorp lomnochd: agus rug na h‑òganaich air.

52 Ach air dhàsan an lìon-aodach fhàgail, theich e lomnochd uapa.

53 Agus thug iad leo Iosa a‑chum an àrd-shagairt: agus chruinnicheadh maille ris na h‑àrd-shagartan uile, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean.

54 Agus lean Peadar e fada uapa, gus an deachaidh e a‑steach do thalla an àrd-shagairt: agus bha e na shuidhe maille ris na seirbhisich, agus ga gharadh ris an teine.

55 Agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus a’ chomhairle uile fianais an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs; agus cha d’fhuair iad.

56 Oir rinn mòran dhaoine fianais bhrèige na aghaidh, ach cha do chòrd am fianais ri chèile.

57 Agus dh’èirich dream àraidh, agus thug iad fianais bhrèige na aghaidh, ag ràdh,

58 Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan.

59 Agus mar sin fhèin cha robh am fianais a’ teachd ri chèile.

60 Agus air èirigh suas don àrd-shagart anns a’ mheadhon, chuir e ceist air Iosa, ag ràdh, Nach toir thu freagradh air bith uat? Ciod sin mu bheil iad seo a’ toirt fianais ad aghaidh?

61 Ach dh’fhan esan na thosd, agus cha do fhreagair e nì sam bith. A‑rìs dh’fheòraich an t‑àrd-shagart dheth, agus thubhairt e ris, An tu Crìosd, mac an tì bheannaichte?

62 Agus thubhairt Iosa, Is mi: agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd le neòil nèimh.

63 An sin reub an t‑àrd-shagart a aodach, agus thubhairt e, Ciod am feum a tha againn tuilleadh air fianaisean?

64 Chuala sibh an toibheum: ciod i ur barail-se? Agus thug iad uile breith na aghaidh gun do thoill e am bàs.

65 Agus thòisich cuid dhiubh air smugaid a thilgeadh air, agus a aghaidh fhalach, agus a bhualadh lem basan, agus a ràdh ris, Dèan fàidheadaireachd: agus ghabh na seirbhisich air le slatan.

66 Agus air do Pheadar a bhith shìos anns an talla, thàinig aon de bhanoglaich an àrd-shagairt:

67 Agus nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh, agus air dhi beachdachadh air, thubhairt i ris, Bha thusa cuideachd maille ri Iosa o Nàsaret.

68 Ach dh’àich esan, ag ràdh, Chan aithne dhomh, agus chan eil mi a’ tuigsinn ciod a tha thu ag ràdh. Agus chaidh esan a‑mach don fhor-dhoras; agus ghoir an coileach.

69 Agus air do bhanoglaich fhaicinn a‑rìs, thòisich i air a ràdh riùsan a bha nan seasamh an làthair, Is ann dhiubh a tha am fear seo.

70 Agus dh’àich e a‑rìs. Agus an ceann beagan na dhèidh sin, thubhairt iadsan a bha nan seasamh an làthair a‑rìs ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud thu: oir is Galilèach thu, agus tha do chainnt cosmhail riu.

71 Ach thòisich esan air mallachadh agus air mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine seo mum bheil sibh a’ labhairt.

72 Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan