Ged a tha an saoghal seo làn le fòirneart, is dòcha gu bheil do bheatha làitheil làn thrioblaid agus mì-chinnt, tha Dia air gealltainn sìth a thoirt dhut a tha nas fhaide na gach tuigse. Feumaidh sinn mar chlann Dhè sireadh na sìthe gach latha agus a ghràdh a nochdadh.
Tha an Tighearna air ar gairm gu bhith againn sìth am meadhan nan duilgheadasan a dh’fhaodas a bhith againn. Cuidichidh earbsa ann an Dia le bhith a’ cumail na sìthe. Tha a bhriathar ag ràdh ann an (Isaiah 26:3): “Cumaidh tu ann an sìth iomlan an t-anam a tha a’ seasamh ort, a chionn gu bheil earbsa aige annad.”
Tha Dia ag iarraidh ort earbsa a chur ann. Is dòcha gu bheil e doirbh an-dràsta, nuair a tha thu fo thrioblaid is àmhghar, ach ma chuireas tu d’earbsa ann ad Athair nèamhaidh, bheir e sìth dhut.
Tha Dia air buaidh a thoirt air an t-saoghal mu thràth. Na biodh eagal ort. Tha a h-uile rud fo smachd aig Dia, agus tha e a’ gabhail cùram dhìot.
Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.
Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh.
Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil.
Is cealg a bhios ann an cridhe luchd-deilbh an uilc; ach do chomhairlich na sìthe bidh gàirdeachas.
Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, Macantas, stuaim: an aghaidh an samhail sin chan eil lagh.
Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte. Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air. Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd. Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear gu mòr mi.
Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin.
Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.
Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.
Teagaisg dhomh do thoil a dhèanamh, oir is tu mo Dhia; treòraicheadh do spiorad math mi gu tìr an ionracais.
Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):
Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.
Cluinnidh mi ciod a their Dia an Tighearna, oir labhraidh e sìth ra shluagh agus ra naoimh; ach na tilleadh iad a‑chum amaideachd.
A Thighearna, òrdaichidh tu sìth dhuinne; oir eadhon ar n‑uile bheartan cumhachdach dh’obraich thusa annainn.
Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.
Chan eil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh iomlan an t‑eagal a‑mach; do bhrìgh gu bheil pian anns an eagal; an tì a tha fo eagal, cha do rinneadh coileanta ann an gràdh e.
Suidhichibh ur n‑aigne air na nithean a tha shuas, agus chan ann air na nithean a tha air an talamh.
Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.
Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh.
Thoir tuigse dhomh, agus gleidhidh mi do lagh; seadh, coimheadaidh mi e lem uile chridhe.
Na nithean sin araon a dh’fhòghlaim agus a ghabh sibh, agus a chuala agus a chunnaic sibh annamsa, dèanaibh: agus bidh Dia na sìthe maille ribh.
Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna:
Ach dh’earb mise asadsa, a Thighearna; thubhairt mi, Is tusa mo Dhia. Ann ad làimh-sa tha m’aimsirean: saor mi à làimh mo naimhdean, agus uapasan a tha an tòir orm.
Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.
Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.
Rinn agus dhealbh do làmhan mi; thoir tuigse dhomh, a‑chum gum fòghlaim mi d’àitheantan.
Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh. Tha m’anam a’ feitheamh air an Tighearna, nas mò na luchd-faire na maidne, seadh, na luchd-faire na maidne.
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
Tha slàinte nam fìrean on Tighearna; is esan an neart ann an àm teanntachd; Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearna, agus bheir e dhut iarrtasan do chridhe. Agus cuidichidh an Tighearna leo, agus teasairgidh e iad; teasairgidh e iad o dhroch dhaoine, agus saoraidh e iad, a chionn gun d’earb iad as.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.
Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.
Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.
Biodh briathran mo bheòil agus smuaintean mo chridhe taitneach ad làthair, a Thighearna, mo charraig agus m’fhear-saoraidh.
Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
O iomall na talmhainn èighidh mi riut, nuair a bhios mo chridhe lag; a‑chum na carraig as àirde na mi fhèin, treòraich thusa mi,
Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir:
Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.
Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?
Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad. Cuiribh-se ur dòchas anns an Tighearna a‑ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh.
Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.
Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach? Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan?
Dh’fheith mi le foighidinn ris an Tighearna, agus chrom e thugam, agus chuala e mo ghlaodh. Cha d’fhalaich mi d’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe; chuir mi an cèill d’fhìrinn agus do shlàinte; cha do cheil mi do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn on choitheanal mhòr. A Thighearna, na cùm-sa do chaomh-thròcairean uam; gleidheadh do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn a‑ghnàth mi. Oir dh’iadh uilc gun àireamh mun cuairt orm; ghlac m’euceartan mi, agus chan eil e an comas dhomh sealltainn suas; nas lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thrèig mo chridhe mi. Guma toil leat, a Thighearna, mo theasairginn; greas, a Thighearna, a‑chum mo chuideachaidh. Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile a tha ag iarraidh m’anama ga sgrios; ruaigear air an ais agus nàraichear iadsan a tha a’ guidhe uilc dhomh. Aonaranach gu robh iadsan mar thuarasdal an nàire, a their riumsa, Ahà, ahà! Dèanadh iadsan uile a dh’iarras thusa gàirdeachas agus aoibhneas annad; abradh iadsan an còmhnaidh a ghràdhaicheas do shlàinte, Mòr-mholadh gu robh don Tighearna. Tha mise bochd agus uireasbhaidheach, ach smaoinichidh an Tighearna orm. Is tusa m’fhear-cobhair agus m’fhear-saoraidh; a Dhè, na dèan moille. Agus thug e a‑nìos à sloc uamhainn mi, à clàbar làthaich, agus chuir e mo chasan air carraig; shocraich e mo cheuman. Agus chuir e òran nuadh ann am bheul, òran-molaidh dar Dia: chì mòran e, agus bidh eagal orra, agus earbaidh iad as an Tighearna.
Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.
Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.
Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich.
Dèanaibh gàirdeachas a‑ghnàth. Dèanaibh ùrnaigh gun sgur. Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.
Is lìonmhor na smuaintean ann an cridhe duine; ach is i comhairle an Tighearna a sheasas.
Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.
Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich, agus ann an ionadan-còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan-tàimh suaimhneach,
Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna a‑ghnàth: a‑rìs tha mi ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas.
Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas: Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne, Dhaibhsan a chumas a choicheangal, agus a chuimhnicheas a àitheantan a‑chum an dèanamh.
Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.
Agus stiùraidh an Tighearna thu an còmhnaidh, agus sàsaichidh e d’anam ri àm tarta, agus ungaidh e do chnàmhan; agus bidh tu mar lios air a dheagh uisgeachadh, agus mar thobar fìor-uisge, air nach tig fàiling uisge.
Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn, Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd-compàirt de a naomhachd. Ach cha mheasar smachdachadh air bith am feadh tha e an làthair sòlasach, ach doilgheasach: gidheadh, na dhèidh sin bheir e uaithe toradh sìochail na fìreantachd don dream a tha gu dligheach air an cleachdadh ris. Uime sin, togaibh suas na làmhan a tha air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùinean laga; Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh. Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna: A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh: Air eagal gum bi fear-strìopachais ann, no neach mì‑naomh sam bith mar Esau, a reic airson aon ghreim bìdh còir a chiad-bhreith. Oir tha fhios agaibh nuair a b’àill leis, an dèidh sin, am beannachadh a shealbhachadh, gun do dhiùltadh e: oir cha d’fhuair e àit aithreachais, ged a dh’iarr e e gu dùrachdach le deòir. Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn, Agus fuaim na trompaid, agus guth nam briathar, ionnas gun do ghuidh an dream a chuala e nach labhairte am facal riu tuilleadh: Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.
Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil. Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.
Oir cha bhi aig a’ pheacadh tighearnas oirbh: oir chan eil sibh fon lagh, ach fo ghràs.
Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh. An sin tàirngidh sibh uisge le aoibhneas à tobraichean na slàinte.
Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.
Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;
Mar chìr-mheala tha briathran taitneach, milis don anam agus nan slàinte do na cnàmhan.
Riutsa, a Thighearna, togaidh mi m’anam suas. Is tròcair agus fìrinn uile shlighean an Tighearna, dhaibhsan a ghleidheas a choicheangal agus a theisteis. Air sgàth d’ainme, a Thighearna, lagh mo chionta, oir tha e mòr. Cò e am fear air a bheil eagal an Tighearna? Seòlaidh e esan anns an t‑slighe a roghnaicheas e. Nì a anam tàmh ann am math, agus mealaidh a shliochd an tìr. Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal. Tha mo shùilean a‑ghnàth ris an Tighearna, oir bheir esan mo chasan as an lìon. Amhairc orm, agus gabh truas dhìom, oir tha mi am aonar agus fo àmhghar. Tha teinn mo chridhe a’ dol am meud; om àmhgharan saor thusa mi. Amhairc air m’àmhghar agus air mo phèin, agus lagh mo pheacaidhean gu lèir. Amhairc air mo naimhdean, oir tha iad lìonmhor, agus le fuath anabarrach tha iad gam fhuathachadh. Annadsa, mo Dhia, cuiridh mi mo dhòchas; na nàraichear mi, agus na dèanadh mo naimhdean gàirdeachas os mo chionn.
Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:
Uime sin seasaibh gu daingeann anns an t‑saorsa leis an do rinn Crìosd saor sinn, agus na bithibh a‑rìs air ur cuibhreachadh le cuing na daorsa.
Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin. Oir an dream a ro‑aithnich e, ro‑òrdaich e iad mar an ceudna a‑chum a bhith co‑chosmhail ri ìomhaigh a Mhic, a‑chum gum biodh esan na chiad-ghin am measg mòran bhràithrean.
Is fìrinn d’àitheantan-sa gu lèir; gu fealltach tha iad an tòir orm; cuidich thusa leam.
Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama.
Agus bidh do chlann uile air an teagasg leis an Tighearna; agus is mòr a bhios sìth do chloinne.
Is iomlan lagh an Tighearna, ag iompachadh an anama; tha fianais an Tighearna cinnteach, a’ dèanamh a’ bhaoghalta glic. Tha reachdan an Tighearna ceart, a’ dèanamh a’ chridhe aoibhneach; tha àithne an Tighearna glan, a’ soillseachadh nan sùl.
Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.
Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?
Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.
Chan e gu bheil mi a’ labhairt a‑thaobh uireasbhaidh: oir dh’fhòghlaim mi, ge bè staid anns a bheil mi, a bhith toilichte. Is aithne dhomh a bhith ìosal, agus is aithne dhomh mar an ceudna pailteas a mhealtainn: anns gach àit, agus anns na h‑uile nithean, theagaisgeadh mi, araon a bhith sàthach agus acrach, araon pailteas a shealbhachadh agus uireasbhaidh fhulang.
Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn. Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn.
Thionndaidh thu dhòmhsa mo bhròn gu dannsa; chuir thu dhìom m’aodach-saic, agus chrioslaich thu mi le aoibhneas;
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; on ear bheir mi do shliochd, agus on iar cruinnichidh mi thu:
Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh. Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin.
A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.
Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile.
Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.
An sin tillear mo naimhdean air an ais, anns an là a ghairmeas mi ort: air seo tha fhios agam, oir tha Dia leam.
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.
A Thighearna, rannsaich thu mi, agus is aithne dhut mi. Eadhon an sin stiùraidh do làmh mi, agus cumaidh do dheaslàmh suas mi. Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm. Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa. Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar. Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin. Cha d’fhalaicheadh mo chorp uat nuair a rinneadh mi ann an diamhaireachd, a dhealbhadh mi gu h‑iongantach ann an ionadan ìochdarach na talmhainn. Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann. O cia luachmhor leamsa do smuaintean-sa, a Dhè! Cia mòr an àireamh! Nan àirmhinn iad, is lìonmhoire iad na a’ ghaineamh; nuair a dhùisgeas mi, tha mi a‑ghnàth maille riutsa. Gu cinnteach, a Dhè, marbhaidh tusa an t‑aingidh; uime sin, a dhaoine fuileachdach, imichibh uam. Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as. Oir labhair iad ad aghaidh gu h‑aingidh; thug do naimhdean d’ainm an dìomhanas. Nach eil mi a’ tabhairt fuath, a Thighearna, dhaibhsan a tha a’ tabhairt fuath dhutsa? Agus nach eil mi a’ gabhail gràin dhiubhsan a tha ag èirigh suas ad aghaidh? Le fuath iomlan tha mi a’ tabhairt fuath dhaibh; mar naimhdean measam iad. Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean; Agus amhairc a bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t‑slighe shìorraidh. Chuartaich thu mo cheum agus mo laighe sìos, agus air mo shlighean gu lèir is fiosrach thu.
Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.
A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.
Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;
Ann an slighe d’àitheantan ruithidh mi, nuair a chuireas tu mo chridhe ann am farsaingeachd.
Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.
Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha!
Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu. Is sibhse m’fhianaisean-sa, deir an Tighearna, eadhon m’òglach a roghnaich mi; a‑chum gun aithnich agus gun creid sibh mi; agus gun tuig sibh gur mi Esan; romhamsa cha robh dia sam bith air a dhealbhadh, cha mhò a bhios aon am dhèidh. Is mise, eadhon mise, an Tighearna; agus a‑mach uamsa chan eil slànaighear ann. Dh’fhoillsich mise, agus theasairg mi, agus chuir mi an cèill, nuair nach robh dia eile nur measg; uime sin is fianaisean sibh dhòmhsa, deir Iehòbhah, gur mi Dia. Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e? Mar seo deir an Tighearna, ur fear-saoraidh, Tì naomh Israeil, Air ur son-se chuir mi fios gu Bàbilon, agus thug mi a‑nuas a croinn-dhruididh uile, agus na Caldèanaich a nì uaill nan longan. Is mise an Tighearna, ur Tì naomh, Cruithear Israeil, ur rìgh. Mar seo deir an Tighearna, esan a nì slighe anns an fhairge, agus rathad anns na h‑uisgeachan làidir; A bheir a‑mach an carbad agus an t‑each, an armailt agus am feachd; le chèile laighidh iad sìos, agus chan èirich iad; chuireadh as iad, mhùchadh iad mar asgart. Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near. Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe, agus aibhnichean anns an dìthreabh. Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
Tha an Spiorad fhèin mar an ceudna a’ dèanamh còmhnaidh le ar n‑anfhainneachd: oir chan aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar a bu chòir dhuinn; ach tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son le osnaidhean do‑labhairt.