Eabhraidhich 4:16 - Am Bìoball Gàidhlig 199216 Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199216 Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh‐chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma. Faic an caibideilAn Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201716 Bu chòir dhuinn tighinn ma‑thà le dànachd gu rìgh‑chathair nan gràs, airson 's gun tèid tròcair a thoirt dhuinn agus gum faigh sinn gràs airson cuideachaidh tràthail. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187516 Gabhamaid ma ta le earbsa gu cathair nan gras, los gun ruig sinn air trocair, ʼs gum faigh sinn grasan gu comhnadh trathail. Faic an caibideil |
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, an làthair na cathair-thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair-thròcair.