1 Corintianach 15 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Os bàrr, a bhràithrean, tha mi a’ cur an cèill dhuibh an t‑soisgeil a shearmonaich mi dhuibh, ris an do ghabh sibhse mar an ceudna, agus anns a bheil sibh nur seasamh; 2 Tro mar an ceudna a bheil sibh air ur tèarnadh, ma chumas sibh gu daingeann an nì a shearmonaich mi dhuibh, mura do chreid sibh gu dìomhain. 3 Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, gun d’fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtar: 4 Agus gun d’adhlaiceadh e, agus gun d’èirich e a‑rìs air an treas là a rèir nan sgriobtar: 5 Agus gum facas e le Cèphas, na dhèidh sin leis an dà‑fhear-dheug. 6 Na dhèidh sin, chunnacas e le tuilleadh is còig ceud bràthair air aon àm; dem bheil a’ chuid as mò beò gus a‑nis, ach tha cuid dhiubh nan cadal. 7 Na dhèidh sin, chunnacas e le Seumas; agus a‑rìs leis na h‑abstoil uile. 8 Nan dèidh uile chunnacas leamsa e mar an ceudna, mar neach a rugadh ann an an‑àm. 9 Oir is mi as lugha de na h‑abstoil, neach nach fiù abstol a ghairm dhìom, do bhrìgh gu robh mi a’ geur-leanmhainn eaglais Dhè. 10 Ach tre ghràs Dhè is mi an nì as mi: agus cha robh a ghràs, a bhuilicheadh orm, gun bhrìgh; ach shaothraich mi nas pailte na iad uile; gidheadh cha mhise, ach gràs Dhè a bha maille rium. 11 Uime sin cò air bith iad dhinn, mise no iadsan, is ann mar seo a tha sinne a’ searmonachadh, agus is ann mar seo a chreid sibhse. 12 A‑nis ma shearmonaichear Crìosd, gun d’èirich e o na mairbh, cionnas a tha cuid nur measg-se ag ràdh nach eil aiseirigh nam marbh ann? 13 Ach mura eil aiseirigh nam marbh ann, cha mhò a dh’èirich Crìosd. 14 Agus mura d’èirich Crìosd, gu deimhinn is dìomhain ar searmoin-ne, agus is dìomhain ur creideamh-se mar an ceudna. 15 Seadh, fhuaireadh sinne nar fianaisean brèige air Dia; do bhrìgh gun do rinn sinn fianais a‑thaobh Dhè, gun do thog e suas Crìosd; neach nach do thog e suas, mura èirich na mairbh. 16 Oir mura èirich na mairbh, cha mhò a dh’èirich Crìosd: 17 Agus mura d’èirich Crìosd, tha ur creideamh-se dìomhain; tha sibh fhathast nur peacaidhean. 18 Mar sin mar an ceudna tha an dream a chaidil ann an Crìosd, caillte. 19 Mas anns a’ bheatha seo a‑mhàin a tha dòchas againn ann an Crìosd, is sinn as truaighe de na h‑uile dhaoine. 20 Ach a‑nis tha Crìosd air èirigh o na mairbh, agus rinneadh dheth an ciad-thoradh dhiubhsan a chaidil. 21 Oir mar as ann tre dhuine a thàinig am bàs, is ann tre dhuine a thig aiseirigh nam marbh mar an ceudna. 22 Oir mar ann an Adhamh a tha na h‑uile a’ faghail a’ bhàis, is amhail sin mar an ceudna a nìthear na h‑uile beò ann an Crìosd. 23 Ach gach uile dhuine na òrdagh fhèin: Crìosd an ciad-thoradh, na dhèidh sin iadsan as le Crìosd aig a theachd. 24 An sin bidh a’ chrìoch dheireannach, nuair a bheir e suas an rìoghachd do Dhia, eadhon an t‑Athair; nuair a chuireas e as do gach uile uachdaranachd, agus gach uile ùghdarras, agus chumhachd. 25 Oir is èiginn gun rìoghaich e gus an cuir e a naimhdean uile fo a chasan. 26 Sgriosar an nàmhaid deireannach, am bàs. 27 Oir chuir e na h‑uile nithean fo a chasan. Ach nuair a tha e ag ràdh gun do chuir e na h‑uile nithean fodha, is nì follaiseach gu bheil esan a chuir na h‑uile nithean fodha, an leth a‑muigh dheth seo. 28 Agus nuair a chuirear na h‑uile nithean fodha, an sin bidh am Mac fhèin fon Tì a chuir na h‑uile nithean fodhasan, a‑chum gum bi Dia na uile anns na h‑uile. 29 No ciod a nì iadsan a bhaistear airson nam marbh, mura èirich na mairbh air aon dòigh? Carson mas eadh a bhaistear iad airson nam marbh? 30 Agus carson a tha sinne an gàbhadh gach uair? 31 Air ur gàirdeachas-se a tha agam ann an Iosa Crìosd ar Tighearna, tha mi a’ faghail a’ bhàis gach là. 32 Ma chòmhraig mi mar dhuine ri fiadh-bheathaichean ann an Ephesus, ciod i mo thairbhe, mura èirich na mairbh? Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs. 33 Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan. 34 Dùisgibh a‑chum fìreantachd, agus na dèanaibh peacadh; oir chan eil eòlas Dhè aig cuid; a‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt seo. 35 Ach their neach-eigin, Cionnas a dh’èireas na mairbh? Agus ciod a’ ghnè cuirp leis an tig iad? 36 Amadain, an nì sin a chuireas tu, cha bheothaichear e, mura bàsaich e air tùs: 37 Agus an nì a chuireas tu, chan e an corp a bhios a tha thu a’ cur, ach gràinne lom, faodaidh e a bhith de chruithneachd, no de sheòrsa-eigin eile: 38 Ach tha Dia a’ toirt cuirp dha mar a bu toil leis, agus do gach uile shìol a chorp fhèin. 39 Chan aon fheòil gach uile fheòil: ach tha feòil air leth aig daoine, agus feòil eile aig ainmhidhean, feòil eile aig iasg, agus feòil eile aig eunlaith. 40 Agus tha cuirp nèamhaidh ann, agus cuirp thalmhaidh: gidheadh tha glòir air leth aig na cuirp nèamhaidh, agus glòir eile aig na cuirp thalmhaidh. 41 Tha aon ghlòir aig a’ ghrèin, agus glòir eile aig a’ ghealaich, agus glòir eile aig na reultan; oir tha eadar-dhealachadh eadar reul agus reul a‑thaobh glòire. 42 Agus is ann mar sin a bhios aiseirigh nam marbh. Cuirear ann an truaillidheachd e; togar ann an neo-thruaillidheachd e: 43 Cuirear e ann an eas-urram; togar ann an glòir e: cuirear ann an anfhainneachd e; èiridh e ann an cumhachd: 44 Cuirear e na chorp nàdarra; èiridh e na chorp spioradail. Tha corp nàdarra ann, agus corp spioradail. 45 Agus mar seo tha e sgrìobhte, Rinneadh an ciad dhuine Adhamh na anam beò, an t‑Adhamh deireannach na Spiorad a bheothaicheas. 46 Gidheadh chan e an nì spioradail a bha ann air tùs, ach an nì nàdarra; agus na dhèidh sin an nì spioradail. 47 An ciad duine on talamh, talmhaidh: an dara duine, an Tighearna o nèamh. 48 Mar an duine talmhaidh, is amhail sin iadsan a tha talmhaidh: agus mar a tha an duine nèamhaidh, is ann mar sin iadsan a tha nèamhaidh. 49 Agus mar a ghiùlain sinn ìomhaigh an duine thalmhaidh, giùlanaidh sinn mar an ceudna ìomhaigh an duine nèamhaidh. 50 A‑nis seo tha mi ag ràdh, a bhràithrean, nach faodar le feòil agus fuil rìoghachd Dhè a shealbhachadh; cha mhò a shealbhaicheas truaillidheachd neo-thruaillidheachd. 51 Feuch, tha mi a’ labhairt nì diamhair ribh; cha chaidil sinn uile, ach caochlaidhear sinn uile, 52 Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne. 53 Oir is èiginn don chorp thruaillidh seo neo-thruaillidheachd a chur uime, agus don chorp bhàsmhor seo neo-bhàsmhorachd a chur uime. 54 Agus nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo-thruaillidheachd uime, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo-bhàsmhorachd uime, an sin coileanar am facal a tha sgrìobhte, Shluigeadh suas am bàs le buaidh. 55 O bhàis, càit a bheil do ghath? O uaigh, càit a bheil do bhuaidh? 56 Is e am peacadh gath a’ bhàis; agus is e neart a’ pheacaidh an lagh: 57 Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd. 58 Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna. |