Isaiah 54 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Seinn, a bhean aimrid nach do rug clann; seinn gu luath-ghaireach, agus dèan iolach àrd, thusa nach robh ri saothair chloinne; oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich na clann na mnà pòsda, deir an Tighearna. 2 Leudaich ionad do phàillein, agus sgaoileadh iad a‑mach bratan-còmhdaich do bhùthan; na caomhain, leig am fad do chùird, agus daingnich do chuaillean: 3 Oir air an làimh dheis agus chlì brisidh tu a‑mach; agus sealbhaichidh do shliochd na cinnich, agus àitichidh iad na cathraichean fàsail. 4 Na gabh eagal, oir cha mhaslaichear thu; na gabh nàire, oir cha chuirear thu gu amhluadh; oir dìochuimhnichidh tu nàire d’òige, agus masladh do bhantrachais cha chuimhnich thu nas mò. 5 Oir is e d’fhear-pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris. 6 Oir mar mhnaoi air a trèigsinn, agus fo àmhghar na spiorad, ghairm an Tighearna thu, agus mar mhnaoi a phòsadh na h‑òige, a chionn gun do chuireadh air falbh thu, deir an Tighearna. 7 Rè tiota bhig, dhealaich mi riut; ach le mòr iochd cruinnichidh mi thu. 8 Ann an corraich bhig dh’fhalaich mi mo ghnùis car tiota uat; ach le coibhneas sìorraidh nì mi tròcair ort, deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh. 9 Oir tha seo mar uisgeachan Nòah dhomh; mar a mhionnaich mi nach rachadh uisgeachan Nòah tuilleadh thar an talamh, is amhail a mhionnaich mi nach bithinn ann an corraich riut, agus nach toirinn achmhasan dhut. 10 Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot. 11 O thusa a tha ainniseach, air do luasgadh leis an doininn, agus gun chomhfhurtachd agad; feuch leagaidh mi do chlachan ann an dath sgiamhach, agus suidhichidh mi do bhunaitean le clachan saphir. 12 Agus nì mi d’uinneagan de chlachan rùbi, agus do gheatachan de charbuncalan, agus d’uile iomall de chlachan rìomhach. 13 Agus bidh do chlann uile air an teagasg leis an Tighearna; agus is mòr a bhios sìth do chloinne. 14 Ann am fìreantachd socraichear thu; bidh tu fada o shàrachadh, ionnas nach gabh thu eagal; agus o uamhas, ionnas nach tig e dlùth dhut. 15 Feuch, bidh cruinneachadh gu deimhinn ann, ach chan ann leamsa; cò sam bith a chruinnicheas ad aghaidh, tuitidh e air do sgàth. 16 Feuch, is mise a chruthaich an gobha a tha a’ sèideadh suas nan èibhlean anns an teine, agus a’ toirt a‑mach acfhainn a‑chum a obrach; agus is mi a chruthaich am milltear a‑chum cur fàs. 17 Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna. |