Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a thàinig là na Caingis, bha iad gu lèir a dh’aon inntinn ann an aon àite.

2 Agus thàinig gu h‑obann toirm o nèamh, mar shèideadh gaoithe ro‑thrèin, agus lìon i an taigh uile far an robh iad nan suidhe.

3 Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh teangaidhean sgoilte, mar de theine, agus shuidh e air gach aon dhiubh fa leth:

4 Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

5 Agus bha a’ gabhail còmhnaidh ann an Ierusalem, Iùdhaich, daoine cràbhach, de gach uile chinneach fo nèamh.

6 A‑nis, nuair a sgaoileadh an t‑iomradh seo, thàinig an sluagh an ceann a chèile, agus bha iad fo amhluadh, do bhrìgh gun cuala gach aon iad a’ labhairt nan cànain fhèin.

7 Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt?

8 Agus cionnas a tha sinne gan cluinntinn gach aon nar cànain fhèin, anns an do rugadh sinn?

9 Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd-àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia,

10 Phrigia, agus Phamphilia, na h‑Eiphit, agus crìochan na Libia timcheall Chirène, agus coigrich on Ròimh, Iùdhaich agus proselitich.

11 Muinntir Chrete, agus Aràbia, tha sinn gan cluinntinn a’ labhairt nar teangaidhean fhèin gnìomharan mòralach Dhè.

12 Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma-chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?

13 Ach thubhairt dream eile a’ fanaid, Tha na daoine seo làn de fhìon ùr.

14 Ach air seasamh do Pheadar maille ris an aon-fhear-deug, thog e a ghuth, agus thubhairt e riu, Fheara Iudèa, agus sibhse uile a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, biodh fhios seo agaibh, agus èisdibh rim bhriathran-sa:

15 Oir chan eil iad seo air mhisg, mar a tha sibhse a’ meas, oir is i an treas uair den là a tha ann.

16 Ach is e seo an nì a chaidh a labhairt leis an fhàidh Ioel:

17 Agus tàrlaidh anns na làithean deireannach (arsa Dia), dòirtidh mise dem Spiorad air gach uile fheòil; agus nì ur mic agus ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean, agus bruadaraidh ur seann daoine bruadair:

18 Agus dòirtidh mise air m’òglaich, agus air mo bhanoglaich, dem Spiorad anns na làithean sin; agus nì iad fàidheadaireachd:

19 Agus nochdaidh mise iongantasan anns na nèamhan shuas, agus comharraidhean air an talamh shìos; fuil, agus teine, agus dubh-neul deataich:

20 Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus comharraichte sin an Tighearna:

21 Agus tàrlaidh, ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, gun tèarnar e.

22 Fheara Israeil, èisdibh ris na briathran seo: Iosa o Nàsaret, duine a dhearbhadh le Dia nur measg-se, le cumhachdan agus le mìorbhailean agus le comharraidhean, a rinn Dia leis-san nur meadhon-se, mar tha fhios agaibh fhèin:

23 An duine seo, a thugadh thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ghlac sibhse, agus le làmhan dhroch dhaoine cheus agus mharbh sibh e:

24 Neach a thog Dia suas, air dha piantan a’ bhàis fhuasgladh; do bhrìgh nach robh e an comas gun cùmte esan leis:

25 Oir thubhairt Daibhidh ma thimcheall, Chunnaic mi an Tighearna romham a‑ghnàth; oir tha e aig mo dheaslàimh, a‑chum nach gluaiste mi:

26 Air an adhbhar seo rinn mo chridhe gàirdeachas, agus rinn mo theanga aoibhneas: tuilleadh fòs, gabhaidh m’fheòil còmhnaidh fhoisneach ann an dòchas:

27 Do bhrìgh nach fàg thu m’anam shìos ann an ifrinn, cha mhò a dh’fhuilingeas tu dod naomh-Aon fhèin gum faic e truaillidheachd.

28 Dh’fhoillsich thu dhòmhsa slighean na beatha; lìonaidh tu mi de shubhachas led ghnùis.

29 Fheara agus a bhràithrean, leigibh leam labhairt gu dàna ribh mun phrìomh-athair Daibhidh, araon gun d’fhuair e bàs, agus gun d’adhlaiceadh e, agus gu bheil a uaigh maille rinn gus an là‑an‑diugh.

30 Air an adhbhar sin air dha a bhith na fhàidh, agus fiosrach gun do mhionnaich Dia le mionnan dha, de thoradh a leasraidh, a rèir na feòla, gun togadh e suas Crìosd, gu suidhe air a rìgh-chathair-san:

31 Air dhàsan seo a ro‑fhaicinn, labhair e mu aiseirigh Chrìosd, nach d’fhàgadh a anam ann an ifrinn, agus nach faca a fheòil truaillidheachd.

32 An t‑Iosa seo thog Dia suas, air a bheil sinne uile nar fianaisean.

33 Uime sin, air dha a bhith air àrdachadh le deaslàimh Dhè, agus gealladh an Spioraid Naoimh fhaotainn on Athair, dhòirt e a‑mach an nì seo, a tha sibhse a‑nis a’ faicinn agus a’ cluinntinn.

34 Oir cha deachaidh Daibhidh suas a‑chum nan nèamh: ach tha e fhèin ag ràdh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis,

35 Gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

36 Uime sin biodh fios gu cinnteach aig taigh Israeil uile, gun do rinn Dia na Thighearna, agus na Chrìosd, an t‑Iosa seo fhèin, a cheus sibhse.

37 A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?

38 An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

39 Oir tha an gealladh dhuibhse, agus dur cloinn, agus do na h‑uile a tha fad o làimh, eadhon a mheud is a ghairmeas an Tighearna ar Dia.

40 Agus le mòran de bhriathran eile rinn e fianais agus dh’earalaich e iad, ag ràdh, Saoraibh sibh fhèin on ghinealach fhiar seo.

41 An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

42 Agus bhuanaich iad gu seasmhach ann an teagasg nan abstol, agus ann an co‑chomann, agus ann am briseadh arain, agus ann an ùrnaighean.

43 Agus thàinig eagal air gach anam: agus rinneadh mòran de mhìorbhailean agus de chomharraidhean leis na h‑abstoil.

44 Agus bha iadsan uile a chreid ann an aon àite, agus bha na h‑uile nithean aca coitcheann;

45 Agus reic iad an seilbh agus am maoin, agus roinn iad air na h‑uile iad, a rèir mar a bha feum gach neach.

46 Agus a’ buanachadh dhaibh gach là a dh’aon inntinn anns an teampall, agus a’ briseadh arain o thaigh gu taigh, chaith iad am biadh le gàirdeachas agus le aon-fhillteachd cridhe,

47 A’ moladh Dhè, agus deagh-ghean aca on t‑sluagh uile. Agus chuir an Tighearna gach là ris an eaglais an dream a thèarnar.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan