A charaid, tha Ìosa nad Shlànaighear. Dh'fhulaing e bàs air a' chrois air do shon-sa, a ghràidh. 'S e Mac Dhè fhèin a th' ann, agus troimhe-san tha slàinte agus beatha shìorraidh againn.
Tha Ìosa na Rìgh nan Rìghrean agus na Thighearna nan Tighearnan. Dh'fhulaing e airson do pheacaidhean, agus tha e ag iarraidh ort tighinn faisg air a h-uile latha, eòlas fhaighinn air, agus bruidhinn ris. Tha e airson a bhith nad charaid as dlùithe.
Tha gaol cho mòr aige ort 's gun do rinn e an ìobairt mhòr sin air do shon. Tha e ag ràdh ann an Lucas 19:10, "Thàinig Mac an Duine a dh'iarraidh agus a shaorachadh an nì a bha caillte." Chan eil slàinte ri fhaighinn ach troimhe-san, agus saorsa bho chuing an t-saoghail seo a tha a' dol seachad.
Mar a tha Achdan nan Abstol 4:12 ag ràdh, "Chan eil slàinte ann an neach sam bith eile; oir chan eil ainm eile fo nèamh air a thoirt do dhaoine, anns am feum sinn a bhith air ar sàbhaladh."
Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.
Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.
Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.
Le seo is aithne dhuinn gràdh Dhè, do bhrìgh gun do leig esan sìos a anam fhèin air ar son-ne: agus is còir dhuinne ar n‑anaman fhèin a leigeadh sìos airson nam bràithrean.
Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean.
Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.
Ach chuir e e fhèin ann an dìmeas, a’ gabhail air fhèin cruth seirbhisich, air a dhèanamh ann an coslas dhaoine: Agus air dha a bhith air fhaghail ann an cruth mar dhuine, dh’irioslaich e e fhèin, agus bha e umhail gu bàs, eadhon bàs a’ chroinn-cheusaidh.
Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.
Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.
Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.
Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;
Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.
Leis an toil seo tha sinne air ar naomhachadh, tre toirt suas corp Iosa Crìosd aon uair.
Gu deimhinn ar n‑anfhainneachd ghiùlain e, agus ar doilgheasan dh’iomchair e; ach shaoil sinne gu robh e air a bhualadh, air a smachdachadh le Dia, agus air a chlaoidh.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs, fanaidh e na aonar: ach ma gheibh e bàs, bheir e toradh mòr uaithe.
Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Ann an seo tha gràdh, chan e gun do ghràdhaich sinne Dia, ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac fhèin gu bhith na ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean.
Fheara, gràdhaichibh ur mnathan fhèin, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd an eaglais, agus a thug e e fhèin air a son;
An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?
Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.
Is mise an t‑aran beò, a thàinig a‑nuas o nèamh: ma dh’itheas neach air bith den aran seo, bidh e beò gu sìorraidh: agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m’fheòil e, a bheir mi airson beatha an t‑saoghail.
Oir cha tàinig eadhon Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thoirt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.
Oir is aon Dia a tha ann, agus aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Crìosd; A thug e fhèin na èirig airson nan uile, mar fhianais ann an àm iomchaidh:
Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, gun d’fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtar: Agus carson a tha sinne an gàbhadh gach uair? Air ur gàirdeachas-se a tha agam ann an Iosa Crìosd ar Tighearna, tha mi a’ faghail a’ bhàis gach là. Ma chòmhraig mi mar dhuine ri fiadh-bheathaichean ann an Ephesus, ciod i mo thairbhe, mura èirich na mairbh? Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs. Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan. Dùisgibh a‑chum fìreantachd, agus na dèanaibh peacadh; oir chan eil eòlas Dhè aig cuid; a‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt seo. Ach their neach-eigin, Cionnas a dh’èireas na mairbh? Agus ciod a’ ghnè cuirp leis an tig iad? Amadain, an nì sin a chuireas tu, cha bheothaichear e, mura bàsaich e air tùs: Agus an nì a chuireas tu, chan e an corp a bhios a tha thu a’ cur, ach gràinne lom, faodaidh e a bhith de chruithneachd, no de sheòrsa-eigin eile: Ach tha Dia a’ toirt cuirp dha mar a bu toil leis, agus do gach uile shìol a chorp fhèin. Chan aon fheòil gach uile fheòil: ach tha feòil air leth aig daoine, agus feòil eile aig ainmhidhean, feòil eile aig iasg, agus feòil eile aig eunlaith. Agus gun d’adhlaiceadh e, agus gun d’èirich e a‑rìs air an treas là a rèir nan sgriobtar:
Oir is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean.
Neach a shònraich Dia na ìobairt-rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad-fhulangas Dhè;
Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh-beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd; Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal:
Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!
Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.
Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,
Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram.
Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid. Agus ma tha Crìosd annaibh, tha an corp marbh gu deimhinn a‑thaobh peacaidh; ach is beatha an Spiorad a‑thaobh fìreantachd. Ach ma tha Spiorad an tì a thog Iosa o na mairbh a’ gabhail còmhnaidh annaibh, an tì a thog Crìosd o na mairbh, beothaichidh e mar an ceudna ur cuirp bhàsmhor-se, tre a Spiorad-san a tha a chòmhnaidh annaibh. Uime sin, a bhràithrean, tha sinn fo fhiachan, chan ann don fheòil, a‑chum ar beatha a chaitheamh a rèir na feòla. Oir ma chaitheas sibh ur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre an Spiorad gnìomharan na colainn, bidh sibh beò. Oir a mheud is a tha air an treòrachadh le Spiorad Dhè, is iad mic Dhè. Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair. Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad-ne gur sinn clann Dhè: Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna. Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn. Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè. Oir shaor lagh Spiorad na beatha, ann an Iosa Crìosd, mise o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis.
Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.
Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile.
A thug e fhèin airson ar peacaidhean, a‑chum gun saoradh e sinn on droch shaoghal a tha an làthair, a rèir toil Dhè agus ar n‑Athar-ne:
Chan eil neach air bith ga thoirt uam, ach tha mi ga leigeadh sìos uam fhèin: tha cumhachd agam a leigeadh sìos, agus tha cumhachd agam a ghlacadh a‑rìs. An àithne seo fhuair mi om Athair.
Ach b’i toil an Tighearna a bhruthadh; chuir e fo àmhghar e; nuair a nì thu a anam na ìobairt-rèitich, chì e sliochd, sìnear a làithean; agus soirbhichidh rùn an Tighearna na làimh.
Is mò gu mòr uime sin, air dhuinn a‑nis a bhith air ar fìreanachadh tre a fhuil, a shaorar trìdsan o fheirg sinn.
Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh: Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs.
Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.
Oir cheannaicheadh le luach sibh: uime sin thugaibh glòir do Dhia le ur corp, agus le ur spiorad, as le Dia.
A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.
Oir an nì nach robh an comas don lagh a dhèanamh, do bhrìgh gu robh e anfhann tre an fheòil, aig cur a Mhic fhèin do Dhia ann an coslas feòla peacaich, agus na ìobairt airson peacaidh, dhìt e am peacadh anns an fheòil:
A’ dubhadh a‑mach làmh-sgrìobhadh nan òrdaighean dar taobh-ne, a bha nar n‑aghaidh, agus thug e as an t‑slighe i, air dha a sparradh ri a chrann-ceusaidh-san:
Oir is ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh: do bhrìgh gun d’fhuiling Crìosd mar an ceudna air ur son, a’ fàgail eisimpleir agaibh, a‑chum gun leanadh sibh a cheuman:
Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata.
A‑chum eòlas a bhith agam airsan, agus air cumhachd a aiseirigh, agus air co‑chomann a fhualangais, air a bhith dhomh air mo chur ann an coslas crutha ra bhàs;
Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;
Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd.
Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.
Agus mu thimcheall na naoidheamh uaire, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eli, Eli, lama sabachtani? Is e sin ri ràdh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?
Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.
An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.
Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite; Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite.
Oir cha do thoilich eadhon Crìosd e fhèin; ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhut ormsa.
Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear.
Agus bithibh coibhneil teò-chridheach da chèile; a’ toirt maitheanais da chèile, eadhon mar a thug Dia maitheanas dhuibhse ann an Crìosd.
A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san: Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean:
An sin nuair a ghabh Iosa am fìon-geur, thubhairt e, Tha e crìochnaichte: agus air cromadh a chinn dha, thug e suas a spiorad.
Oir tha searmonachadh a’ chroinn-cheusaidh na amaideachd dhaibhsan a chaillear; ach dhuinne a shaorar is e cumhachd Dhè e.
An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.
Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna.
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
Uime sin, o dh’fhuiling Crìosd air ar son-ne anns an fheòil, armaichibh-se mar an ceudna sibh fhèin leis an inntinn cheudna: oir an tì a dh’fhuiling anns an fheòil, sguir e de pheacadh;
Uime sin, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil dànachd againn gu dol a‑steach don ionad as naoimhe tre fhuil Iosa, Oir an sin nach sguireadh iad de bhith gan toirt suas? Do bhrìgh nach biodh aig luchd-dèanamh na naomh-sheirbhis tuilleadh cogais air bith peacaidh, air dhaibh a bhith aon uair air an glanadh. Air slighe nuaidh agus bheò a choisrig e dhuinne, tre an roinn-bhrat, is sin ri ràdh, tre a fheòil fhèin:
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
Air fhios seo a bhith againn, gu bheil ar seann duine air a cheusadh maille ris, ionnas gum biodh corp a’ pheacaidh air a sgrios, a‑chum à seo suas nach dèanamaid seirbhis don pheacadh.
(Oir mar sin b’èiginn gum fuilingeadh e gu minig o thoiseach an t‑saoghail); ach a‑nis dh’fhoillsicheadh e aon uair ann an deireadh an t‑saoghail, a‑chum peacadh a chur air cùl trìd e fhèin ìobradh.
Agus air an son-san tha mise gam naomhachadh fhèin, a‑chum gum bi iadsan mar an ceudna air an naomhachadh tron fhìrinn.
A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.
An seo dh’fhoillsicheadh gràdh Dhè dhuinne, do bhrìgh gun do chuir Dia a aon-ghin Mhic don t‑saoghal, a‑chum gum bitheamaid beò trìdsan.
Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp-sa a tha air a thoirt air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa. Agus bha na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ag iarraidh cionnas a dh’fhaodadh iad esan a chur gu bàs; oir bha eagal an t‑sluaigh orra. Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil-sa, a dhòirteadh air ur son-se.
An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.
No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.
Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann:
Uime sin bithibh-se nur luchd-leanmhainn air Dia, mar chloinn ghràdhaich; A’ dearbhadh ciod an nì a tha taitneach don Tighearna. Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo-thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh. Oir is gràineil eadhon rin innse na nithean a tha air an dèanamh leo ann an uaigneas. Ach tha na h‑uile nithean a tha air an cronachadh air an dèanamh follaiseach leis an t‑solas: oir gach uile nì a nì soilleir, is solas e. Uime sin tha e ag ràdh, Mosgail, thusa a tha ad chadal, agus èirich o na mairbh, agus bheir Crìosd solas dhut. Feuchaibh uime sin gun gluais sibh gu faiceallach, chan ann mar amadain, ach mar dhaoine glice, Ag ath-cheannach na h‑aimsir, do bhrìgh gu bheil na làithean olc. Air an adhbhar sin na bithibh-se neo-ghlic, ach a’ tuigsinn ciod e toil an Tighearna. Agus na bithibh air mhisg le fìon, anns a bheil anabarr; ach bithibh air ur lìonadh den Spiorad: A’ labhairt ribh fhèin ann an sailm, ann an laoidhean, agus ann an dàin spioradail, a’ seinn agus a’ dèanamh ciùil nur cridhe don Tighearna: Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.
Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:
Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.
Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim. Air tiormachadh mar shoitheach creadha tha mo neart, agus tha mo theanga a’ leantainn rim ghial, agus gu ùir a’ bhàis thug thu mi. Oir chuartaich madraidh mi; dh’iadh coitheanal dhroch dhaoine umam; lot iad mo làmhan agus mo chasan. Faodaidh mi mo chnàmhan uile àireamh; tha iadsan a’ sealltainn, tha iad a’ geur-amharc orm. Roinn iad mo thrusgan eatorra, agus air mo bhrat thilg iad crannchur.
Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan.
Ach Dia, a tha saoibhir ann an tròcair, airson a mhòr-ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn, Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho-bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;)
Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.
Oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart, ann an àm iomchaidh bhàsaich Crìosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh.
Athair, is àill leam an dream a thug thu dhomh, gum bi iad maille rium, far a bheil mi; a‑chum gum faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh: oir ghràdhaich thusa mi mun do leagadh bunaitean an domhain.
Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh, Gum bi sibh comasach, maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde; Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.
Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta. Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile: Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna; A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh: A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd. Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh. Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh. Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin. Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine. Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine. A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh. Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
Gach nì a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e am ionnsaigh; agus an tì a thig am ionnsaigh, cha tilg mi air chor sam bith a‑mach.
Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac.
Agus iadsan as le Crìosd, cheus iad an fheòil, maille ri a h‑an‑tograidhean agus a h‑ana-miannan.
Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.
Na biodh fiachan sam bith aig aon neach oirbh, ach a‑mhàin a chèile a ghràdhachadh: oir an tì aig a bheil gràdh do neach eile, choilean e an lagh.
Tha an gràdh fad-fhulangach, agus coibhneil; cha ghabh an gràdh farmad; cha dèan an gràdh ràiteachas, chan eil e air a shèideadh suas. Cha ghiùlan e e fhèin gu mì‑chiatach, chan iarr e na nithean sin a bhuineas dha fhèin, chan eil e so‑bhrosnachaidh a‑chum feirge, cha smaoinich e olc sam bith, Cha dèan e gàirdeachas anns an eucoir, ach nì e gàirdeachas anns an fhìrinn; Fuilingidh e na h‑uile nithean, creididh e na h‑uile nithean, bidh sùil aige ris na h‑uile nithean, giùlainidh e na h‑uile nithean.
A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad.
Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.
Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:
Agus air a shon seo is esan eadar-mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh.
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte; Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan. Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach. A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn;
Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais.
A‑chum cliù glòir a ghràis, tre an do rinn e sinn taitneach na Mhac gràdhach: Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;
Agus ghlaodh iad le guth àrd, ag ràdh, Slàinte dar Dia-ne a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan.
Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.
Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais.
A thugadh thairis airson ar cionta, agus a thogadh suas a‑rìs airson ar fìreanachaidh.
Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.
Na nithean seo sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh-se a tha a’ creidsinn ann an ainm Mac Dhè; a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh, agus a‑chum gun creid sibh ann an ainm Mac Dhè.
Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut gum bi thu maille riumsa an‑diugh ann am Pàrras.
Oir chuir mi romham gun eòlas a ghabhail air nì sam bith nur measg, ach air Iosa Crìosd, agus esan air a cheusadh.
Agus dh’imich e beagan air adhart, agus thuit e air a aghaidh, a’ dèanamh ùrnaigh, agus ag ràdh, O m’Athair, ma dh’fhaodas e a bhith, rachadh an cupan seo seachad orm; gidheadh, na biodh e mar as àill leamsa, ach mar as toil leatsa.
Agus chan eil slàinte ann an neach air bith eile: oir chan eil ainm air bith eile fo nèamh air a thabhairt am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhith air ar tèarnadh.
Gun deònaicheadh e dhuibh a rèir saoibhreas a ghlòire, a bhith air ur neartachadh gu treun, tre a Spiorad-san anns an duine an leth a‑staigh; Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh, Gum bi sibh comasach, maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde; Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.
Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.
Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair.
An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.
Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh, A‑chum gun saoradh e iadsan a bha fon lagh, ionnas gum faigheamaid-ne uchd-mhacachd na cloinne.
Agus thubhairt e riu uile, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann-ceusaidh gach là, agus leanadh e mise. Oir ge bè neach lem b’àill a anam a thèarnadh, caillidh e e: ach ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth-sa, saoraidh esan e.
Ma choimheadas sibh m’àitheantan, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh.
An tì a their gu bheil e a’ fantainn annsan, is còir dha mar an ceudna gluasad, eadhon mar a ghluais esan.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;
Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè: Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd;
Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.
Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn. Bunaitean teagasg nam baistidhean, agus leagadh nan làmh, agus aiseirigh nam marbh, agus breitheanais shìorraidh. Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.
Gu robh gràs maille riùsan uile a tha a’ gràdhachadh ar Tighearna Iosa Crìosd ann an treibhdhireas. Amen.
A‑nis gun tugadh ar Tighearna Iosa Crìosd e fhèin, agus Dia, eadhon ar n‑Athair-ne, a ghràdhaich sinn, agus a thug dhuinn sòlas sìorraidh, agus dòchas math tre ghràs, Comhfhurtachd dur cridhe-se, agus gun daingnicheadh e sibh anns gach uile dheagh fhacal agus ghnìomh.
Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom.
Agus an tì nach glac a chrann-ceusaidh, agus nach lean mise, chan airidh orm e. An tì a gheibh a anam, caillidh e e: ach an tì a chailleas a anam air mo shon-sa, gheibh e e.
Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:
A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.
Oir tha sibh marbh, agus tha ur beatha falaichte maille ri Crìosd ann an Dia. Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha-ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.
Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.
Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.
Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh: Neach as e geall-daingnich ar n‑oighreachd-ne, gu teachd saorsa na seilbhe a cheannaicheadh a‑chum cliù a ghlòire.
Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.
Cò a sgaras sinn o ghràdh Chrìosd? An dèan trioblaid, no àmhghar, no geur-leanmhainn, no gorta, no lomnochdaidh, no cunnart, no claidheamh?
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.