Gnìomharan 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus bha duine àraidh ann an Cesarèa, dom b’ainm Cornelius, ceannard-ceud den chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach, 2 Duine cràbhach, agus air an robh eagal Dhè maille ra thaigh uile, a bha a’ toirt mòran dèirce don t‑sluagh, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri Dia a‑ghnàth. 3 Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimcheall na naoidheamh uaire den là, aingeal Dhè a’ teachd a‑steach da ionnsaigh, agus ag ràdh, A Chorneliuis. 4 Agus air dhàsan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearna? Agus thubhairt e ris, Chaidh d’ùrnaighean agus do dhèircean suas mar chuimhneachan ann am fianais Dhè. 5 Agus a‑nis cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar: 6 Tha e air aoidheachd maille ri Sìmon àraidh, fear-deasachaidh leathair, aig a bheil a thaigh làimh ris an fhairge: innsidh esan dhut ciod as còir dhut a dhèanamh. 7 Agus nuair a dh’fhalbh an t‑aingeal a labhair ri Cornelius, ghairm e da ionnsaigh dithis de mhuinntir a thaighe, agus saighdear cràbhach den dream a bha a‑ghnàth a’ feitheamh air; 8 Agus nuair a chuir e an t‑iomlan an cèill dhaibh, chuir e iad gu Iopa. 9 Agus air an là màireach, nuair a bha iadsan air an turas, agus a’ teachd am fagas don bhaile, chaidh Peadar suas air mullach an taighe a dhèanamh ùrnaigh, mu thimcheall na siathamh uaire. 10 Agus dh’fhàs e ro‑acrach, agus bu mhiann leis biadh ithe: ach am feadh a bha iadsan ag ullachadh, thuit e ann an neul. 11 Agus chunnaic e nèamh fosgailte, agus soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas da ionnsaigh, mar bhraith-lìn mhòir, ceangailte air a ceithir oisnean, agus air a leigeadh sìos air an talamh; 12 Anns an robh gach uile ghnè bheathaichean ceithir-chasach na talmhainn, agus bheathaichean allta, agus bhiasdan snàigeach, agus eunlaith an adhair. 13 Agus thàinig guth da ionnsaigh, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith. 14 Ach thubhairt Peadar, Chan eadh, a Thighearna; oir cha d’ith mi riamh aon nì coitcheann no neòghlan. 15 Agus thubhairt an guth ris a‑rìs an dara uair, Na nithean sin a ghlan Dia, na gairm thusa coitcheann. 16 Agus rinneadh seo trì uairean: agus thogadh an soitheach a‑rìs suas gu nèamh. 17 A‑nis nuair a bha Peadar fo amharas ann fhèin ciod a bu chiall don t‑sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius, an dèidh dhaibh taigh Shìmoin iarraidh, nan seasamh aig an doras, 18 Agus air gairm dhaibh, dh’fheòraich iad an robh Sìmon, don co‑ainm Peadar, air aoidheachd an sin. 19 Am feadh a bha Peadar a’ smaoineachadh air an t‑sealladh, thubhairt an Spiorad ris, Feuch, tha triùir dhaoine gad iarraidh. 20 Uime sin èirich, agus gabh sìos, agus imich maille riu, gun amharas air bith a bhith ort: oir is mise a chuir uam iad. 21 Agus chaidh Peadar sìos a‑chum nan daoine (a chuireadh da ionnsaigh o Chornelius), agus thubhairt e, Feuch, is mise an tì a tha sibh ag iarraidh: ciod e an t‑adhbhar mun tàinig sibh? 22 Agus thubhairt iadsan, Fhuair Cornelius an ceannard-ceud, duine cothromach air a bheil eagal Dhè, agus fo dheagh ainm aig cinneach nan Iùdhach uile, rabhabh o Dhia le aingeal naomh, fios a chur ortsa da thaigh, agus briathran a chluinntinn uat. 23 An sin ghairm e a‑steach iad, agus thug e aoidheachd dhaibh. Agus air an là màireach dh’imich Peadar maille riu, agus chaidh dream àraidh de na bràithrean o Iopa maille ris. 24 Agus air an là màireach chaidh iad a‑steach do Chesarèa: agus bha Cornelius a’ feitheamh riu, agus air gairm a luchd-dàimh agus a chàirdean dìleas an ceann a chèile. 25 Agus nuair a bha Peadar a’ dol a‑steach, choinnich Cornelius e, agus thuit e sìos aig a chasan, agus rinn e adhradh dha. 26 Ach thog Peadar suas e, ag ràdh, Seas suas; is duine mise mar an ceudna. 27 Agus a’ còmhradh ris, chaidh e a‑steach, agus fhuair e mòran cruinn. 28 Agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil e mì‑dhligheach do dhuine a tha na Iùdhach coluadar a chumail ri neach a tha de chinneach eile, no teachd am fagas dha; ach nochd Dia dhòmhsa gun duine air bith a ghairm coitcheann no neòghlan. 29 Uime sin thàinig mi nuair a chuireadh fios orm, gun aon nì a ràdh na aghaidh: air an adhbhar sin tha mi a’ feòraich carson a chuir sibh fios orm? 30 Agus thubhairt Cornelius, On cheathramh là gus an uair seo bha mi a’ dèanamh trasgaidh; agus air an naoidheamh uair bha mi a’ dèanamh ùrnaigh nam thaigh, agus, feuch, sheas duine am làthair ann an aodach dealrach. 31 Agus thubhairt e, A Chorneliuis, fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus tha do dhèircean air an cuimhneachadh am fianais Dhè. 32 Uime sin cuir gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar; tha e air aoidheachd ann an taigh Shìmoin, fear-deasachaidh leathair, làimh ris a’ mhuir; neach, nuair a thig e, a labhras riut. 33 Uime sin chuir mi air ball fios ort; agus is math a rinn thu teachd. Air an adhbhar sin tha sinne uile an seo an làthair ann am fianais Dhè, a dh’èisdeachd nan uile nithean a tha air an àithneadh dhutsa le Dia. 34 An sin dh’fhosgail Peadar a bheul, agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag aithneachadh nach eil Dia ag amharc air pearsa seach a chèile: 35 Ach anns gach uile chinneach tha an neach air a bheil a eagal-san, agus a tha ag obrachadh fìreantachd, taitneach dha. 36 Am facal a chuir Dia gu cloinn Israeil a’ searmonachadh sìthe tre Iosa Crìosd (neach as e Tighearna nan uile), 37 Am facal sin is aithne dhuibh, a sgaoileadh air feadh tìr Iudèa uile, agus a thòisich o Ghalile, an dèidh a’ bhaistidh a shearmonaich Eòin: 38 Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris. 39 Agus tha sinne nar fianaisean air na h‑uile nithean a rinn e, araon ann an tìr nan Iùdhach, agus ann an Ierusalem; neach a mharbh iad, ga chrochadh air crann: 40 Esan thog Dia suas air an treas là, agus nochd e e gu follaiseach; 41 Chan ann don t‑sluagh uile, ach do fhianaisean, a thaghadh le Dia ro‑làimh, eadhon dhuinne, a dh’ith agus a dh’òl maille ris an dèidh dha èirigh o na mairbh. 42 Agus dh’àithn e dhuinne searmonachadh don t‑sluagh, agus fianais a dhèanamh gur esan a dh’òrdaicheadh le Dia na bhritheamh air beò agus air marbh. 43 Dhàsan tha na fàidhean uile a’ toirt fianais, gum faigh gach neach a chreideas ann maitheanas nam peacaidhean tre a ainm-san. 44 Am feadh a bha Peadar fhathast a’ labhairt nam briathran sin, thùirling an Spiorad Naomh orrasan uile a chuala am facal. 45 Agus ghabh na creidmhich den timcheall-ghearradh, a mheud dhiubh is a thàinig maille ri Peadar, iongantas mòr, do bhrìgh gun do dhòirteadh air na Cinnich mar an ceudna tìodhlac an Spioraid Naoimh. 46 Oir chuala iad iad a’ labhairt le teangaidhean, agus ag àrd-mholadh Dhè. An sin fhreagair Peadar, 47 Am faod neach sam bith uisge a thoirmeasg, a‑chum nach rachadh iad seo a bhaisteadh, a fhuair an Spiorad Naomh, cho math rinne? 48 Agus dh’òrdaich e iad a bhith air am baisteadh ann an ainm an Tighearna. An sin ghuidh iad air fantainn maille riu làithean àraidh. |