Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ròmanaich 10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A bhràithrean, is e dùrachd mo chridhe, agus m’ùrnaigh ri Dia airson Israeil, gum biodh iad air an tèarnadh.

2 Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhaibh, gu bheil eud aca a‑thaobh Dhè, ach chan ann a rèir eòlais.

3 Oir air dhaibh a bhith aineolach air fìreantachd Dhè, agus ag iarraidh am fìreantachd fhèin a chur air chois, cha do strìochd iad do fhìreantachd Dhè.

4 Oir is e Crìosd crìoch an lagha a‑chum fìreantachd do gach neach a chreideas.

5 Oir tha Maois a’ cur an cèill na fìreantachd a tha on lagh, eadhon, An duine a nì na nithean sin, gum bi e beò leo.

6 Ach mar seo tha an fhìreantachd a tha o chreideamh ag ràdh, Na abair nad chridhe, Cò a thèid suas air nèamh? (sin ri ràdh, a thoirt Chrìosd a‑nuas;)

7 No, Cò a thèid sìos don doimhne? (sin ri ràdh, a thoirt Chrìosd a‑rìs air ais o na mairbh:)

8 Ach ciod a tha i ag ràdh? Tha m’fhacal am fagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe: is e sin facal a’ chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh,

9 Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.

10 Oir is ann leis a’ chridhe a chreidear a‑chum fìreantachd, agus leis a’ bheul a dh’aidichear a‑chum slàinte.

11 Oir tha an sgriobtar ag ràdh, Ge bè neach a chreideas annsan cha nàraichear e.

12 Oir chan eil eadar-dhealachadh eadar an t‑Iùdhach agus an Greugach: oir an aon Tighearna a tha os cionn nan uile, tha e saoibhir do na h‑uile a ghairmeas air.

13 Oir ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna tèarnar e.

14 Ach cionnas a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus cionnas a chreideas iad anns an tì air nach cuala iad iomradh? Agus cionnas a chluinneas iad gun searmonaiche?

15 Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha!

16 Ach cha robh iad uile umhail don t‑soisgeul. Oir tha Esaias ag ràdh, A Thighearna, cò a chreid ar n‑aithris-ne?

17 Uime sin, is ann o èisdeachd a thig creideamh, agus èisdeachd tre fhacal Dhè.

18 Ach tha mi ag ràdh, Nach cuala iad? Chuala gu deimhinn, chaidh am fuaim air feadh gach tìre a‑mach, agus am briathran gu iomallan an domhain.

19 Ach tha mi ag ràdh, Nach robh fhios aig Israel? Air tùs, tha Maois ag ràdh, Cuiridh mi eud oirbh le Cinneach nach eil nan Cinneach, agus le Cinneach neo-thuigseach cuiridh mi fearg oirbh.

20 Ach tha Esaias ro‑dhàn, agus tha e ag ràdh, Fhuaireadh mi leòsan nach d’iarr mi; dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach d’fheòraich air mo shon.

21 Ach ri Israel tha e ag ràdh, Shìn mi a‑mach mo làmhan rè an là gu h‑iomlan ri poball eas-umhail agus a labhras am aghaidh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan