Mata 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin threòraicheadh Iosa leis an Spiorad don fhàsach, a‑chum gum biodh e air a bhuaireadh leis an diabhal. 2 Agus nuair a thraisg e dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, an dèidh sin bha acras air. 3 Agus air teachd don bhuaireadair da ionnsaigh thubhairt e, Mas tu Mac Dhè, thoir àithne do na clachan seo a bhith nan aran. 4 Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Tha e sgrìobhte, Chan ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach uile fhacal a thig o bheul Dhè. 5 An sin thug an diabhal e don bhaile naomh, agus chuir e air binnein an teampaill e, 6 Agus thubhairt e ris, Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos: oir tha e sgrìobhte gun toir e àithne da ainglean mud thimcheall, agus togaidh iad suas thu nan làmhan, a‑chum nach buail thu, uair air bith, do chas air cloich. 7 Thubhairt Iosa ris a‑rìs, Tha e sgrìobhte, Cha bhuair thu an Tighearna do Dhia. 8 Thug an diabhal e a‑rìs a‑chum beinne ro‑àird, agus nochd e dha uile rìoghachdan an domhain, agus an glòir; 9 Agus thubhairt e ris, Iad seo uile bheir mise dhut, ma thuiteas tu sìos agus ma nì thu adhradh dhòmhsa. 10 An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis. 11 An sin dh’fhàg an diabhal e; agus, feuch, thàinig ainglean agus fhritheil iad dha. 12 Ach nuair a chuala Iosa gun do chuireadh Eòin an làimh, dh’imich e do Ghalile; 13 Agus air dha Nàsaret fhàgail, thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an Capernàum, a tha ri taobh na fairge, ann an leth-iomall Shabuloin agus Nephtalim: 14 A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh, 15 Talamh Shabuloin, agus talamh Nephtalim, slighe na fairge, air an taobh thall de Iòrdan, Galile nan Cinneach: 16 Am poball a bha nan suidhe ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus tha solas air èirigh do na daoine a bha nan suidhe ann an tìr agus an sgàil a’ bhàis. 17 O sin a‑mach thòisich Iosa air searmonachadh, agus air a ràdh, Gabhaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh am fagas. 18 Agus ag imeachd do Iosa ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e dithis bhràithrean, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge (oir b’iasgairean iad). 19 Agus thubhairt e riu, Leanaibh mise, agus nì mi iasgairean air daoine dhibh. 20 Agus air ball dh’fhàg iad na lìn, agus lean iad esan. 21 Agus air triall dha as a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, ann an luing maille ra athair Sebede, a’ càradh an lìon: agus ghairm e iad. 22 Agus air ball dh’fhàg iad an long agus an athair, agus lean iad e. 23 Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh. 24 Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad. 25 Agus lean cuideachd mhòr e o Ghalile, agus o Dhecapolis, agus o Ierusalem, agus o Iudèa, agus o na crìochan a tha an taobh thall de Iòrdan. |