Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Gidheadh cha bhi an doilleireachd mar a bha ri linn a h‑àmhghair, nuair a bhuail e gu h‑aotrom an toiseach talamh Shebuloin agus talamh Naphtali, agus na dhèidh sin bhuail e na bu truime e, air slighe na fairge, taobh thall Iòrdain, Galile nan cinneach.

2 An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.

3 Rinn thu an cinneach lìonmhor; nach do mheudaich thu an aoibhneas? Rinn iad gàirdeachas ad làthair, mar ghàirdeachas anns an fhogharadh; mar a nì daoine gàirdeachas nuair a roinneas iad a’ chreach.

4 Oir bhris thu cuing a eallaich, agus bata a ghuailne, slat an fhir a shàraich e, mar ann an là Mhidiain.

5 Oir tha gach uile chath an fhir-chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine.

6 Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.

7 Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.

8 Chuir an Tighearna facal a dh’ionnsaigh Iàcoib, agus thuit e air Israel.

9 Agus bidh fios aig an t‑sluagh uile, aig Ephraim agus fear-àiteachaidh Shamaria, a tha ag ràdh, ann an uaill agus àrdan cridhe,

10 Tha na clachan creadha air tuiteam, ach togaidh sinn le clachan snaidhte; tha na craobhan sicamoir air an gearradh sìos, ach cuiridh sinn craobhan seudair nan àite.

11 Uime sin àrdaichidh an Tighearna luchd-mìoruin Resin na aghaidh, agus togaidh e suas a naimhdean le chèile;

12 Na Sirianaich on taobh bheòil, agus na Philistich on taobh chùil; agus ithidh iad suas Israel le beul farsaing. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

13 Ach chan eil an sluagh seo air tilleadh ris an tì a bhuail iad; cha mhò a dh’iarr iad Tighearna nan sluagh:

14 Uime sin gearraidh an Tighearna as o Israel an ceann agus an t‑earball, a’ gheug agus an luachair, ann an aon là.

15 An duine aosmhor agus urramach, is esan an ceann; agus am fàidh a tha a’ teagasg brèige, is esan an t‑earball.

16 Oir tha luchd-stiùraidh an t‑sluaigh seo gan cur air seachran; agus bidh iadsan a stiùrar leo air an slugadh suas.

17 Air an adhbhar sin cha dèan an Tighearna gàirdeachas os cionn an òganach, cha mhò a nì e iochd rin dìlleachdain agus am bantraichean; oir tha gach aon dhiubh na chealgair agus na fhear dòbheairt, agus tha gach beul a’ labhairt amaideachd. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

18 Oir loisgidh aingidheachd mar theine; ithidh i suas an dris agus an droigheann; agus cuiridh i ri theine badan na frìthe; agus èiridh iad an àird nan smùid a’ dol suas.

19 Trìd corraich Tighearna nan sluagh dhorchaicheadh an tìr; agus bidh an sluagh mar chonnadh airson an teine: cha dèan duine iochd air a bhràthair fhèin.

20 Agus bheir e teum air an làimh dheis, agus gidheadh bidh e acrach; agus ithidh e suas air an làimh chlì, agus cha bhi iad sàsaichte; ithidh gach duine feòil a ghàirdein fhèin.

21 Ithidh Manaseh Ephraim, agus Ephraim Manaseh; agus bidh iad le chèile an aghaidh Iùdah. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan