Daniel 7 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Ann an ciad bhliadhna Bhelsasair rìgh Bhàbiloin, chunnaic Daniel bruadar, agus aisling a chinn air a leabaidh: an sin sgrìobh e am bruadar, agus dh’innis e suim nan nithean. 2 Labhair Daniel agus thubhairt e, Chunnaic mi ann am aisling anns an oidhche, agus, feuch, ghleac ceithir gaothan nèimh air an fhairge mhòir. 3 Agus thàinig ceithir beathaichean mòra a‑nìos as an fhairge, eug-samhail aon o chèile. 4 Bha a’ chiad aon cosmhail ri leòmhann, agus bha sgiathan iolaire aige: agus dh’amhairc mi gus an do spìonadh a sgiathan, agus thogadh suas on talamh e, agus thugadh air seasamh air a chasan mar dhuine, agus thugadh dha cridhe duine. 5 Agus feuch beathach eile, an dara aon, cosmhail ri math-ghamhainn, agus thog e suas e fhèin air aon taobh, agus bha aige trì aisnean na bheul, an taobh a‑staigh de a fhiaclan: agus thubhairt iad ris mar seo, Eirich, sluig mòran feòla. 6 Na dhèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, aon eile amhail liopard, aig an robh air a dhruim ceithir sgiathan eòin; bha aig a’ bheathach mar an ceudna ceithir cinn; agus thugadh dha uachdaranachd. 7 Na dhèidh seo chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus feuch, ceathramh beathach; eagalach agus uamhasach, agus ro‑làidir; agus bha fiaclan mòra iarainn aige: shluig e suas agus bhris e ann am bloighdean, agus shaltair e am fuidheall le a chasan; agus bha e eu‑cosmhail ris na h‑uile bheathaichean a bha roimhe; agus bha deich adhaircean air. 8 Thug mi fa‑near na h‑adhaircean, agus, feuch, thàinig a‑nìos nam measg adharc bheag eile, ron robh trì de na ciad adhaircean air an spìonadh a‑nìos as am freumhan: agus, feuch, anns an adhairc seo bha sùilean mar shùilean duine, agus beul a’ labhairt nithean mòra. 9 Dh’amhairc mi gus an robh na rìgh-chathraichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan Làithean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachd, agus falt a chinn mar olainn ghlain; a chathair-rìoghail mar lasair theine, a rothan mar theine loisgeach. 10 Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean. 11 Dh’amhairc mi an sin, do bhrìgh guth nam briathran mòra a labhair an adharc: dh’amhairc mi gus an do mharbhadh am beathach, gus an robh a chorp air a sgrios, agus air a thoirt don lasair loisgich. 12 A‑thaobh na cuid eile de na beathaichean, thugadh an uachdaranachd air falbh: gidheadh shìneadh am beatha, rè tamaill agus aimsir. 13 Chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus, feuch, thàinig neach cosmhail ri mac an duine le neòil nèimh, agus thàinig e a‑chum Aosda nan Làithean, agus thug iad e dlùth na làthair. 14 Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i. 15 Bha mise Daniel muladach ann am spiorad, ann am meadhon mo chuirp, agus rinn aislingean mo chinn mo bhuaireadh. 16 Thàinig mi am fagas do aon dhiubhsan a sheas dlùth, agus dh’fheòraich mi dheth brìgh an iomlain dheth seo: an sin dh’innis e dhomh, agus thug e fios dhomh air brìgh nan nithean. 17 Na ceithir beathaichean mòra seo, is ceithir rìghrean iad, a dh’èireas a‑mach as an talamh. 18 Ach glacaidh naoimh an Tì as àirde an rìoghachd, agus sealbhaichidh iad an rìoghachd gu sìorraidh, eadhon gu saoghal nan saoghal. 19 An sin b’àill leam fios fhaotainn air seadh a’ cheathramh beathaich, a bha eug-samhail ri càch uile, anabarrach uamhasach, aig an robh a fhiaclan de iarann, agus a iongannan de phrais; a shluig suas, a bhris ann am bloighdean, agus a shaltair am fuidheall le a chasan; 20 Fòs air seadh nan deich adhaircean a bha na cheann, agus na tè eile a thàinig a‑nìos agus ron do thuit trì, eadhon na h‑adhairc sin aig an robh sùilean, agus beul a labhair nithean ro‑mhòr, aig an robh sealladh na bu chruadalaiche na càch. 21 Dh’amhairc mi, agus rinn an adharc cheudna cogadh ris na naoimh, agus bhuadhaich i nan aghaidh; 22 Gus an tàinig Aosda nan Làithean, agus an tugadh breitheanas do naoimh an Tì as àirde: oir thàinig an t‑àm anns an do shealbhaich na naoimh an rìoghachd. 23 Mar seo thubhairt e, Is e an ceathramh beathach an ceathramh rìoghachd a bhios air an talamh, a bhios eug-samhail o gach uile rìoghachd, agus a shluigeas suas an talamh uile, agus a shaltras sìos e, agus a bhriseas e na bhloighdean. 24 Agus na deich adhaircean as an rìoghachd seo, is deich rìghrean iad a dh’èireas suas: agus èiridh aon eile nan dèidh; agus bidh e eug-samhail on chiad aon, agus ceannsaichidh e trì rìghrean. 25 Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir. 26 Agus suidhidh am breitheanas, agus bheir iad air falbh a thighearnas, gu a chaitheamh, agus gu a sgrios gu ruig a’ chrìoch. 27 Agus bheirear an rìoghachd agus an uachdaranachd, agus mòrachd na rìoghachd fo nèamh uile, do mhuinntir naomh an Tì as ro‑àirde, aig a bheil a rìoghachd na rìoghachd shìorraidh, agus bheir na h‑uile thighearnais ùmhlachd agus gèill dha. 28 An seo bha crìoch na cùise. Air mo shon-sa Daniel, rinn mo smuaintean gu ro‑mhòr mo bhuaireadh, agus dh’atharraich mo ghnùis annam; ach ghlèidh mi a’ chùis ann am chridhe. |