Eabhraidhich 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo. 2 Oir ma bha am facal a labhradh le ainglean seasmhach, agus gun d’fhuair gach uile bhriseadh agus eas-ùmhlachd dìol-thuarasdal dligheach; 3 Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e; 4 Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin? 5 Oir cha do chuir e fo cheannsal nan aingeal an saoghal ri teachd, mum bheil sinn a’ labhairt. 6 Ach rinn neach fianais ann an ionad àraidh, ag ràdh, Ciod e an duine gun cuimhnicheadh tu air? No mac an duine gum fiosraicheadh tu e? 7 Rinn thu e rè tamaill bhig na b’ìsle na na h‑aingil; chrùn thu e le glòir agus le urram, agus chuir thu e os cionn obraichean do làmh; 8 Chuir thu na h‑uile nithean sìos fo a chasan. Oir ann an cur nan uile nithean fodha dha, cha d’fhàg e nì air bith gun chur fodha. Ach a‑nis chan eil sinn a’ faicinn nan uile nithean fhathast air an cur fo a cheannsal: 9 Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram. 10 Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais. 11 Oir tha araon an tì a naomhaicheas, agus iadsan a naomhaichear, uile o aon: air an adhbhar sin cha nàir leis bràithrean a ghairm dhiubh, 12 Ag ràdh, Cuiridh mi d’ainm an cèill dom bhràithrean, ann am meadhon na h‑eaglais seinnidh mi cliù dhut. 13 Agus a-rìs, Cuiridh mi mo dhòchas ann. Agus a‑rìs, Feuch mise, agus a’ chlann a thug Dia dhomh. 14 Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal; 15 Agus gun saoradh e iadsan a bha tre eagal a’ bhàis rè am beatha uile fo dhaorsa. 16 Oir gu deimhinn cha do ghabh e nàdar nan aingeal air; ach ghabh e sìol Abrahàim air. 17 Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh: 18 Oir a mheud is gun d’fhuiling e fhèin, air dha a bhith air a bhuaireadh, is comasach e air cobhair a dhèanamh orrasan a tha air am buaireadh. |