Eòin 6 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Na dhèidh sin chaidh Iosa thar muir Ghalile, no Thiberiais. 2 Agus lean sluagh mòr e, do bhrìgh gum faca iad a mhìorbhailean a rinn e air an dream a bha easlan. 3 Agus chaidh Iosa suas air beinn, agus shuidh e an sin maille ra dheisciobail. 4 Agus bha a’ chàisg, fèill nan Iùdhach, am fagas. 5 An sin nuair a thog Iosa suas a shùilean, agus a chunnaic e gun tàinig buidheann mhòr shluaigh da ionnsaigh, thubhairt e ri Philip, Cia an t‑àit as an ceannaich sinn aran a‑chum gun ith iad seo? 6 (Ach thubhairt e seo ga dhearbhadh-san; oir bha fhios aige fhèin ciod a dhèanadh e.) 7 Fhreagair Philip e, Cha leòr dhaibh luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun gabhadh gach aon dhiubh beagan. 8 Thubhairt aon de a dheisciobail, Anndras, bràthair Shìmoin Pheadair, ris, 9 Tha òganach an seo, aig a bheil còig buileannan eòrna, agus dà iasg bheag: ach ciod iad seo am measg na h‑uiread? 10 Agus thubhairt Iosa, Thugaibh air na daoine suidhe sìos. A‑nis bha mòran feòir anns an àite. Air an adhbhar sin shuidh na daoine sìos, ann an àireamh timcheall còig mìle. 11 Agus ghlac Iosa na buileannan, agus air tabhairt buidheachais dha roinn e air na deisciobail iad, agus na deisciobail orrasan a shuidh: agus mar an ceudna de na h‑èisg bheaga, a mheud is a b’àill leo. 12 Nuair a shàsaicheadh iad, thubhairt e ra dheisciobail, Cruinnichibh am biadh briste a tha a thuilleadh ann, a‑chum nach caillear a’ bheag. 13 Air an adhbhar sin chruinnich iad e ri chèile, agus lìon iad dà‑chliabh-dheug de spruilleach nan còig buileannan eòrna, a bha a dh’fhuidheall aig a’ mhuinntir a dh’ith. 14 An sin nuair a chunnaic na daoine sin am mìorbhail a rinn Iosa, thubhairt iad, Gu fìrinneach is e seo am fàidh a bha gu teachd a‑chum an t‑saoghail. 15 Uime sin nuair a thuig Iosa gu robh iad air tì teachd agus breith air le làimh làidir, a‑chum gun dèanadh iad rìgh dheth, dh’imich e a‑rìs don bheinn na aonar. 16 Agus nuair a thàinig am feasgar, chaidh a dheisciobail sìos a‑chum na mara. 17 Agus air dol ann an luing dhaibh, chaidh iad thar a’ mhuir gu Capernàum: agus bha an dorchadas a‑nis ann, agus cha robh Iosa air teachd dan ionnsaigh. 18 Agus aig sèideadh do ghaoith mhòir, dh’èirich a’ mhuir. 19 Uime sin nuair a rinn iad iomramh timcheall còig no deich-ar‑fhichead de stàidean, chunnaic iad Iosa ag imeachd air a’ mhuir, agus a’ druideadh ris an luing; agus ghabh iad eagal. 20 Ach thubhairt esan riu, Is mise a tha ann; na biodh eagal oirbh. 21 Uime sin ghabh iad gu toileach a‑steach don luing e: agus air ball ràinig an long an tìr gus an robh iad a’ dol. 22 Air an là na dhèidh sin, nuair a chunnaic an sluagh a sheas air taobh eile na mara nach robh long eile an sin, ach an long sin anns an deachaidh a dheisciobail a‑steach, agus nach deachaidh Iosa anns an luing maille ra dheisciobail, ach gun d’fhalbh a dheisciobail nan aonar; 23 (Gidheadh thàinig luing bheaga eile o Thiberias, làimh ris an àite anns an d’ith iad an t‑aran, an dèidh don Tighearna buidheachas a thoirt;) 24 Uime sin nuair a chunnaic an sluagh nach robh Iosa an sin, no a dheisciobail, chaidh iad fhèin mar an ceudna ann am bàtaichean, agus thàinig iad gu Capernàum, ag iarraidh Iosa. 25 Agus air dhaibh fhaotainn air an taobh thall den mhuir, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, cuin a thàinig thu an seo? 26 Fhreagair Iosa iad agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Tha sibh gam iarraidh, chan ann a chionn gum faca sibh na mìorbhailean, ach a chionn gun d’ith sibh de na buileannan, agus gun do shàsaicheadh sibh. 27 Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair. 28 An sin thubhairt iad ris, Ciod a nì sinn, a‑chum is gun obraich sinn obraichean Dhè? 29 Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Is i seo obair Dhè, gun creid sibh anns an tì a chuir e uaithe. 30 Uime sin thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nì thusa, matà, a‑chum gum faic sinn, agus gun creid sinn thu? Ciod an obair a nì thu? 31 Dh’ith ar n‑athraichean mana anns an fhàsach; a rèir mar a tha e sgrìobhte, Thug e dhaibh aran o nèamh ra ithe. 32 An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tug Maois dhuibh an t‑aran o nèamh; ach tha m’Athair-sa a’ toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh. 33 Oir is e sin aran Dhè a tha a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus a tha a’ tabhairt beatha don t‑saoghal. 34 An sin thubhairt iad ris, A Thighearna, thoir dhuinne an t‑aran seo an còmhnaidh. 35 Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air. 36 Ach mar a thubhairt mi ribh, ged a chunnaic sibh mi, chan eil sibh a’ creidsinn. 37 Gach nì a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e am ionnsaigh; agus an tì a thig am ionnsaigh, cha tilg mi air chor sam bith a‑mach. 38 Oir thàinig mi a‑nuas o nèamh, chan ann a‑chum gun dèanainn mo thoil fhèin, ach toil an tì a chuir uaithe mi. 39 Agus is i seo toil an Athar a chuir uaithe mi, nach caillinn a’ bheag sam bith den uile a thug e dhomh, ach gun togainn suas e a‑rìs air an là dheireannach. 40 Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach. 41 An sin rinn na h‑Iùdhaich gearan uime, a chionn gun dubhairt e, Is mise an t‑aran a thàinig a‑nuas o nèamh. 42 Agus thubhairt iad, Nach e seo Iosa mac Iòseiph, neach aig an aithne dhuinn a athair agus a mhàthair? Cionnas mas eadh a tha e ag ràdh, Thàinig mi a‑nuas o nèamh. 43 Air an adhbhar sin fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Na dèanaibh gearan nur measg fhèin. 44 Chan urrainn neach air bith teachd am ionnsaigh-sa mura tarraing an t‑Athair a chuir uaithe mise e: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach. 45 Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia. Uime sin gach neach a chuala, agus a dh’fhòghlaim on Athair, thig e am ionnsaigh-sa. 46 Chan e gum faca neach sam bith an t‑Athair, ach an tì a tha o Dhia; chunnaic esan an t‑Athair. 47 Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, An tì a tha a’ creidsinn annamsa tha a bheatha mhaireannach aige. 48 Is mise aran na beatha. 49 Dh’ith ur n‑athraichean mana anns an fhàsach agus fhuair iad bàs. 50 Is e seo an t‑aran a tha a’ teachd a‑nuas o nèamh, a‑chum is gun ith neach dheth, agus nach faigh e bàs. 51 Is mise an t‑aran beò, a thàinig a‑nuas o nèamh: ma dh’itheas neach air bith den aran seo, bidh e beò gu sìorraidh: agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m’fheòil e, a bheir mi airson beatha an t‑saoghail. 52 Air an adhbhar sin bha connsachadh aig na h‑Iùdhaich ri chèile, ag ràdh, Cionnas a dh’fhaodas an duine seo a fheòil a thoirt dhuinn ra h‑ithe? 53 An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura ith sibh feòil Mac an Duine, agus mura òl sibh a fhuil, chan eil beatha agaibh annaibh. 54 Esan a dh’itheas m’fheòil-sa, agus a dh’òlas m’fhuil-sa, tha a’ bheatha shìorraidh aige; agus togaidh mise suas e air an là dheireannach. 55 Oir is biadh gu fìrinneach m’fheòil, agus is deoch gu fìrinneach m’fhuil. 56 Esan a dh’itheas m’fheòil-sa, agus a dh’òlas m’fhuil-sa, tha e a’ gabhail còmhnaidh annamsa, agus mise annsan. 57 Mar a tha an t‑Athair beò a chuir uaithe mise, agus a tha mise beò tron Athair; is amhail sin esan a dh’itheas mise, bidh e mar an ceudna beò tromhamsa. 58 Is e seo an t‑aran sin a thàinig a‑nuas o nèamh; chan ann mar a dh’ith ur n‑athraichean mana, agus a fhuair iad bàs: esan a dh’itheas an t‑aran seo, bidh e beò am feasd. 59 Thubhairt e na nithean seo anns an t‑sionagog, nuair a bha e a’ teagasg ann an Capernàum. 60 Uime sin nuair a chuala mòran de a dheisciobail seo, thubhairt iad, Is cruaidh a’ chainnt seo; cò a dh’fhaodas èisdeachd rithe? 61 Nuair a thuig Iosa ann fhèin gu robh a dheisciobail ri gearan uime seo, thubhairt e riu, A bheil seo a’ toirt oilbheim dhuibh? 62 Agus ciod nam faiceadh sibh Mac an Duine a’ dol a suas don àit anns an robh e roimhe? 63 Is e an Spiorad a bheothaichas; chan eil tairbhe air bith anns an fheòil: na briathran a tha mise a’ labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad. 64 Ach tha cuid dhibhse nach eil a’ creidsinn. (Oir b’aithne do Iosa o thùs cò iad nach robh a’ creidsinn, agus cò an tì a bhrathadh e.) 65 Agus thubhairt e, Air an adhbhar sin thubhairt mi ribh, nach urrainn neach air bith teachd am ionnsaigh, mura bi e air a thoirt dha om Athair. 66 On àm sin chaidh mòran de a dheisciobail air an ais, agus cha d’imich iad nas mò maille ris. 67 An sin thubhairt Iosa ris an dà‑fhear-dheug, An àill leibhse falbh cuideachd? 68 An sin fhreagair Sìmon Peadar e, A Thighearna, cò a dh’ionnsaigh an tèid sinn? Agadsa tha briathran na beatha maireannaich. 69 Agus tha sinne a’ creidsinn, agus tha fhios againn gur tusa Crìosd, Mac an Dè bheò. 70 Fhreagair Iosa iad, Nach do thagh mise sibhse dà‑fhear-dheug, agus tha fear agaibh na dhiabhal? 71 Ach labhair e mu Iùdas Iscariot, mac Shìmoin: oir is e seo an tì a bha gu esan a bhrath, air dha a bhith na aon den dà‑fhear-dheug. |