Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus uamhasach an Tighearna.
Is truagh dhuibhse a tha ag iarraidh là an Tighearna. Ciod e sin dhuibhse là an Tighearna? Dorchadas agus chan e solas.
Guilibh gu h‑àrd, oir tha là an Tighearna dlùth; mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.
Feuch, cuiridh mise dur n‑ionnsaigh Eliah am fàidh ro theachd là mòr agus uamhasach an Tighearna.
Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach. Is là feirge an là sin, là trioblaid agus teanntachd; là fàsalachd agus lèirsgrios; là dorchadais agus oglaidheachd; là neul agus tiugh-dhorchadais;
Oir tha an là dlùth, eadhon là an Tighearna dlùth, là neulach, àm nan cinneach a bhios ann.
Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.
Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,
Oir tha sàr fhios agaibh fhèin gun tig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche.
Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus comharraichte sin an Tighearna:
Neach mar an ceudna a dhaingnicheas sibh gus a’ chrìoch, a‑chum gum bi sibh neo-lochdach ann an là ar Tighearna Iosa Crìosd.
Oir thig là Tighearna nan sluagh air gach neach a tha uaibhreach agus àrd, agus air gach neach a tha air a thogail suas, agus leagar sìos e;
Oir thig an Tighearna fhèin a‑nuas o nèamh le àrd-iolaich, le guth an àrd-aingil, agus le trompaid Dhè: agus èiridh na mairbh ann an Crìosd air tùs: An dèidh sin, sinne a bhios beò agus a dh’fhàgar, togar suas sinn maille riùsan anns na neòil, an còdhail an Tighearna anns an adhar: agus mar sin bidh sinn gu sìorraidh maille ris an Tighearna.
Oir is e là dìoghaltas an Tighearna a tha ann, agus bliadhna an ath-dhìolaidh airson connsachadh Shioin.
Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna.
Agus cuiridh an Tighearna a‑mach a ghuth fa chomhair a fheachd: oir tha a champ ro‑mhòr; oir is treun esan a thoirt gu buil a fhacail; oir tha là an Tighearna mòr agus ro‑uamhasach, agus cò a dh’fhaodas a fhulang?
Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, garg le feirg agus le dian-chorraich, a chur na tìre fàs, agus a sgrios nan ciontach a‑mach aisde.
Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich.
Amhail a dh’aidich sibh an càil, gur sinne ur gàirdeachas, mar as sibhse mar an ceudna ar gàirdeachas-ne ann an là an Tighearna Iosa.
Oir feuch, thig an Tighearna le teine, agus a charbad mar chuairt-ghaoith; a dhòrtadh a‑mach a chorraich mar ainteas, agus a achmhasain le lasraichean teine. Oir le teine agus le a chlaidheamh tagraidh an Tighearna ris gach uile fheòil; agus bidh mòran air am marbhadh leis an Tighearna.
Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.
Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.
Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine.
Anns an là anns an toir Dia breith air nithean uaigneach dhaoine, a rèir mo shoisgeil-sa, tre Iosa Crìosd.
Iarraibh-se an Tighearna, uile dhaoine ciùine na talmhainn, a dh’obraich a bhreitheanas; iarraibh fìreantachd, iarraibh macantachd: faodaidh e a bhith gun tèarnar sibhse ann an là fearg an Tighearna.
Do bhrìgh gun do shuidhich e là anns an toir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tre an duine sin a dh’òrdaich e; agus air seo thug e dearbhadh do na h‑uile dhaoine, le esan a thogail suas o na mairbh.
Gun a bhith a’ leigeadh dhinn sinn fhèin a chruinneachadh an ceann a chèile, mar as gnàth le dream àraidh; ach a’ comhairleachadh a chèile: agus gum bu mhò a nì sinn seo, gu bheil sibh a’ faicinn an là a’ tarraing am fagas.
Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.
Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.
Sèidibh-se an trompaid ann an Sion, agus èighibh caismeachd catha ann am shliabh naomh-sa: criothnaicheadh uile luchd-àiteachaidh na tìre; oir tha là an Tighearna a’ teachd, oir tha e am fagas.
Agus seo, air dhuibh fios na h‑aimsir a bhith agaibh, gur mithich dhuinn a‑nis mosgladh o chadal, oir tha ar slàinte a‑nis nas fhaisge na nuair a chreid sinn.
Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh. Agus cruinnichear iad ri chèile, mar a chruinnichear prìosanaich ann an sloc; agus druidear suas iad mar ann am prìosan; agus an dèidh mòran làithean fiosraichear iad.
Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna; Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall: Agus a chuireas e Iosa Crìosd dur n‑ionnsaigh, a chaidh a ro‑òrdachadh: Neach as èiginn do nèamh a ghabhail gu aimsirean aiseag nan uile nithean, air an do labhair Dia le beul a fhàidhean naomha uile, o thoiseach an t‑saoghail.
Gun sibh a bhith gu h‑ealamh air ur crathadh nur n‑inntinn, no fo bhuaireas, le spiorad, no le facal, no le litir, mar uainne, mar gum biodh là Chrìosd am fagas. Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor: oir cha tig an là sin mura tig air tùs trèigsinn-creidimh, agus mura foillsichear duine sin a’ pheacaidh, mac an sgrios;
Chan e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh; ach an tì a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh. Is iomadh iad a their riumsa anns an là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd ann ad ainm-sa, agus ann ad ainm-sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus ann ad ainm-sa nach do rinn sinn iomadh mìorbhail? Agus an sin aidichidh mise gu follaiseach dhaibh, Cha b’aithne dhomh riamh sibh: imichibh uam, a luchd-dèanamh na h‑eucoir.
Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.
Nach bi là an Tighearna na dhorchadas, agus chan ann na sholas? Eadhon ro‑dhorcha, agus gun soilleireachd air bith ann?
Uime sin luaisgidh mi na nèamhan, agus gluaisear an talamh as a àit, ann am feirg Tighearna nan sluagh, agus ann an là a dhian-chorraich.
Bithibh tosdach an làthair an Tighearna Iehòbhah, oir tha là an Tighearna dlùth; oir dh’ullaich an Tighearna ìobairt, ghairm e a aoidhean.
Oir is e seo là Tighearna nan sluagh, là dìoghaltais, a‑chum e fhèin a dhìoladh air a naimhdean; agus sluigidh an claidheamh, agus bidh e sàthach, agus cuirear air mhisg e lem fuil: oir tha ìobairt aig Tighearna nan sluagh anns an tìr mu thuath, làimh ri abhainn Euphràteis.
Agus thèid iad a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann an tuill na talmhainn, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach. Tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan slèibhtean; agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na h‑uile chinnich da ionnsaigh. Anns an là sin tilgidh duine iodhalan airgid agus iodhalan òir, a rinn iad, gach aon dha fhèin, gu sleuchdadh dhaibh, a‑chum nam famh agus a‑chum nan ialtag; Gu dol a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann am mullaichean nan sgeir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach.
A‑rìs, tha e a’ suidheachadh là àraidh, ag ràdh ann an Daibhidh, An‑diugh, an dèidh aimsir cho fada; mar a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe.
Uime sin feithibh-se riumsa, tha an Tighearna ag ràdh, gus an là anns an èirich mi suas a‑chum na creiche: oir is e mo rùn na cinnich a chruinneachadh, na rìoghachdan a tharraing ri chèile; a dhòrtadh orra mo chorraich, uile theas m’fheirge: oir loisgear an talamh gu h‑iomlan le teine m’eud-sa.
Le sùil a bhith agaibh ris, agus a’ luathachadh a‑chum teachd là Dhè, anns am bi na nèamhan, air dhaibh a bhith ri theine, air an sgaoileadh as a chèile, agus anns an leaghar na dùilean le dian-theas? Gidheadh tha dùil againne ri nèamhan nuadh agus talamh nuadh, a rèir a gheallaidh, anns an còmhnaich fìreantachd.
Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.
An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd, oir tha e a’ teachd a thoirt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal le ceartas, agus air na slòigh le a fhìrinn.
Oir, feuch, còmhdaichidh dorchadas an talamh, agus dall-cheò na cinnich; ach ortsa èiridh an Tighearna, chìthear a ghlòir a’ dealradh ort.
Agus a‑nis, a chlann bheag, fanaibh annsan; a‑chum nuair a dh’fhoillsichear e, gum bi dànachd againn, agus nach bi nàire oirnn na làthair aig a theachd.
Mo thruaighe! oir is mòr an là sin, agus chan eil a choimeas ann: agus is aimsir teanntachd i do Iàcob; ach tèarnar aisde e.
Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn. Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè.
Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile, carson a tha sibh nur seasamh ag amharc gu nèamh? An t‑Iosa seo a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhail sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol do nèamh.
Oir mar a tha an dealanach a dhealraicheas o aon ionad fo nèamh, a’ soillseachadh gus an t‑ionad eile fo nèamh, mar sin bidh Mac an Duine mar an ceudna na là fhèin.
Mòr-chuideachdan, mòr-chuideachdan, ann an gleann a’ ghearraidh; oir tha là an Tighearna dlùth ann an gleann a’ ghearraidh.
Agus tàrlaidh anns an là sin nach bi solas soilleir agus dorchadas ann; Ach bidh e na aon là, a bhios aithnichte don Tighearna: cha là agus chan oidhche a bhios ann: ach tàrlaidh air tràth feasgair gum bi solas ann.
Agus anns an là sin, bidh freumh Iese na sheasamh mar bhrataich do na slòigh; da ionnsaigh-san iarraidh na cinnich, agus bidh a thàmh glòrmhor. Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge. Agus togaidh e an àird bratach airson nan cinneach, agus tionailidh e dìobaraich Israeil, agus muinntir sgapte Iùdah cruinnichidh e le chèile o cheithir ceàrnan na talmhainn.
Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.
Ach chan eil sibhse, a bhràithrean, anns an dorchadas, ionnas gum beireadh an là sin oirbh mar ghadaiche. Is sibhse uile clann an t‑solais, agus clann an là: chan ann den oidhche, no den dorchadas sinn. Uime sin na caidleamaid mar dhaoine eile; ach dèanamaid faire agus bitheamaid stuama.
Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann-ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd-sa, agus crìoch an t‑saoghail? Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr. Agus cuiridh e a‑mach aingeal le fuaim mhòir na gall-truimp, agus cruinnichidh iad a shluagh taghte o na ceithir gaothan, o leth-iomall nèimh gus an leth-iomall eile. Ach fòghlamaibh cosamhlachd on chrann-fìge: nuair a bhios a gheug a‑nis maoth, agus a dh’fhàsas an duilleach, aithnichidh sibh gur fagas an samhradh: Agus mar an ceudna, nuair a chì sibhse na nithean sin uile, biodh fhios agaibh gu bheil e am fagas, eadhon aig na dorsan. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tèid an ginealach seo fhèin thairis gus an tachair na nithean seo uile. Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh. Ach chan eil fios an là no na h‑uaire sin aig duine air bith, no fòs aig ainglean nèimh, ach aig m’Athair-sa a‑mhàin. Ach amhail a bha làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine. Oir mar a bha iad anns na làithean ron tuil ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus a’ toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach anns an àirc, Agus nach robh fhios aca gus an tàinig an tuil, agus an do thog i leatha iad uile; mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh: An sin bidh dithis air a’ mhachair; gabhar fear aca, agus fàgar am fear eile. Bidh dithis bhan a’ meileadh anns a’ mhuileann; gabhar aon dhiubh, agus fàgar an aon eile. Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna. Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear-an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe. Uime sin, bithibh-se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine. Cò e, mas eadh, a tha na òglach fìrinneach agus glic, a chuir a thighearna os cionn a mhuinntir, a thabhairt bìdh dhaibh na àm fhèin? Is beannaichte an t‑òglach sin a gheibh a thighearna, ri àm dha teachd, a’ dèanamh mar sin. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn a mhaoin gu h‑iomlan. Ach ma their an droch sheirbhiseach ud na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàil na theachd; Agus ma thòisicheas e air a cho-sheirbhisich a bhualadh, agus air ithe agus òl maille ri luchd-misge: Oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus meallaidh iad mòran.
Agus rinn Enoch mar an ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadaireachd umpa seo, ag ràdh, Feuch, tha an Tighearna a’ teachd le deich mìle de a naoimh, A dhèanamh breitheanais air na h‑uile, agus a‑chum iadsan uile a tha mì‑dhiadhaidh nam measg fhàgail ris, a‑thaobh an uile ghnìomharan mì‑dhiadhaidh a rinn iad gu mì‑dhiadhaidh, agus a‑thaobh an uile bhriathar cruaidhe, a labhair peacaich mhì-dhiadhaidh na aghaidh.
Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort.
Thig ar Dia-ne, agus cha bhi e na thosd; ro a ghnùis lasaidh teine millteach, agus mun cuairt air bidh doineann mhòr.
Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan sliabh, agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na slòigh da ionnsaigh. Bi ann an saothair, agus beir, O nighean Shioin, mar mhnaoi ri saothair: oir a‑nis thèid thu a‑mach as a’ chathair, agus gabhaidh tu còmhnaidh anns a’ mhachair, agus thèid thu eadhon gu Bàbilon; an sin saorar thu; an sin fuasglaidh an Tighearna thu à làimh do naimhdean. A‑nis fòs tha mòran chinneach air cruinneachadh ad aghaidh, a tha ag ràdh, Biodh i air a truailleadh, agus faiceadh ar sùil ar miann air Sion. Ach chan aithne dhaibh seo smuaintean an Tighearna, cha mhò a thuigeas iad a chomhairle: oir nì e an cruinneachadh mar na sguaban a‑chum an ùrlair. Èirich agus buail an t‑arbhar, O nighean Shioin; oir nì mise d’adharc na h‑iarann, agus d’iongannan nan umha; agus buailidh tu nam bloighdean mòran chinneach; agus coisrigidh tu an ionmhas don Tighearna; agus am maoin do Thriath na talmhainn uile. Agus thèid mòran chinneach, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, agus gu taigh Dia Iàcoib; agus teagaisgidh e dhuinn ma shlighean, agus gluaisidh sinne na cheuman: oir à Sion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna à Ierusalem.
Ach carson a tha thusa a’ toirt breith air do bhràthair? No carson a tha thusa a’ dèanamh tarcais air do bhràthair? Oir seasaidh sinn gu lèir am fianais cathair-bhreitheanais Chrìosd. Oir tha e sgrìobhte, Mar as beò mise, tha an Tighearna ag ràdh, lùbaidh gach glùn dhòmhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia. Air an adhbhar sin bheir gach aon againn cunntas uime fhèin do Dhia.
Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne. Oir is èiginn don chorp thruaillidh seo neo-thruaillidheachd a chur uime, agus don chorp bhàsmhor seo neo-bhàsmhorachd a chur uime.
Agus chìthear an Tighearna os an cionn, agus thèid a shaighead a‑mach mar an dealanach: agus sèididh an Tighearna Iehòbhah an trompaid, agus thèid e a‑mach le iomaghaothan na h‑àird a deas.
Anns an là sin bidh meangan an Tighearna sgiamhach agus glòrmhor, agus toradh an fhearainn òirdheirc agus maiseach, dhaibhsan a thèid as de Israel. Agus tàrlaidh, an neach a dh’fhàgar ann an Sion, agus a dh’fhanas ann an Ierusalem, goirear esan naomh, eadhon gach aon a tha sgrìobhte am measg nam beò ann an Ierusalem, Nuair a nigheas an Tighearna air falbh salchar nighean Shioin, agus a ghlanas e fuil Ierusaleim as a meadhon, le spiorad breitheanais, agus le spiorad losgaidh. Agus cruthaichidh an Tighearna air gach àite-tàimh de shliabh Shioin, agus air a coitheanalan, neul anns an là, agus deatach, agus dealradh teine lasraich anns an oidhche; oir thar a’ ghlòir uile bidh còmhdach. Agus bidh e na bhùth, airson sgàile on teas anns an là, agus airson dìdein, agus airson ionaid-fasgaidh on doininn agus on uisge.
A shamhail seo de dhuine a thoirt thairis do Shàtan a‑chum sgrios na feòla, a‑chum gum bi an spiorad air a shaoradh ann an là an Tighearna Iosa.
Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach-saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan.
Agus gu feitheamh ri a Mhac o nèamh, a thog e suas o na mairbh, eadhon Iosa a shaor sinne on fheirg a tha ri teachd.
Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e. Agus anns an là sin theirear, Feuch, is e seo ar Dia-ne; dh’fheith sinn ris, agus thèarainn e sinn; is e seo an Tighearna, dh’fheith sinn ris, nì sinn gàirdeachas agus uaill na shlàinte.
Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge.
Agus reubaibh ur cridhe, agus chan e ur n‑aodach; agus tillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a‑chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mun olc.
Tha mi a’ sparradh ort uime sin am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a bheir breith air beò agus marbh, aig a theachd dealrach agus na rìoghachd:
A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich: Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e) fo thùirse tre iomadh buaireadh; A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:
Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar. Bidh mòran air an glanadh, agus air an dèanamh geal, agus air an dearbhadh: ach nì na h‑aingidh gu h‑olc; agus cha tuig aon neach de na h‑aingidh; ach tuigidh na daoine glice. Agus on àm anns an toirear air falbh an ìobairt làitheil, agus an cuirear suas a’ ghràinealachd a nì lèirsgrios, bidh mìle, dà cheud, ceithir-fichead agus deich làithean. Is beannaichte esan a dh’fheitheas, agus a thig gus am mìle, trì cheud, agus còig-deug ar fhichead là. Ach imich thusa romhad gus an tig a’ chrìoch: oir gabhaidh tu fois, agus seasaidh tu ann ad chrannchur aig crìch nan làithean. Agus dùisgidh mòran dhiubhsan a tha nan cadal ann an duslach na talmhainn, cuid gu beatha shìorraidh, agus cuid gu nàire agus masladh bith-bhuan.
Agus tillidh saor-dhaoine an Tighearna, agus thig iad gu Sion le caithreim, agus aoibhneas sìorraidh air an cinn: gheibh iad gàirdeachas agus aoibhneas, agus teichidh bròn agus osnaich air falbh.
Tha an Tì a tha a’ toirt fianais air na nithean seo ag ràdh, Gu deimhinn tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr. Amen. Seadh, thig, a Thighearna Iosa.
Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.
Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich; Cridheachan dhaoine gan trèigsinn tro eagal, agus feitheamh nan nithean sin a tha teachd air an domhan: oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh. Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr-ghlòir. Agus nuair a thòisicheas na nithean seo air tachairt, an sin amhaircibh suas, agus togaibh ur cinn; oir tha ur saorsa am fagas.
Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.
Agus bheir e breith am measg nan cinneach, agus bheir e achmhasan do mhòran shlògh; agus buailidh iad an claidheamhan gu coltairean, agus an sleaghan gu corrain-sgathaidh; cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhòghlaim iad cogadh nas mò.
Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh.
Ach cò a dh’fhaodas là a theachd a ghiùlan? Agus cò a sheasas nuair a dh’fhoillsichear e? Oir is cosmhail e ri teine an fhir-leaghaidh, agus ri acfhainn-ghlanaidh an fhir a nigheas aodach:
Nuair a thig e gu bhith air a ghlòrachadh na naoimh, agus a‑chum gun dèanar iongantach e anntasan uile a tha a’ creidsinn anns an là sin (do bhrìgh gun do chreideadh ar fianais-ne nur measg-se).
Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad-thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp.
Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear-tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn.
An seo tha ar gràdh-ne air a dhèanamh coileanta, a‑chum gum bi againn dànachd ann an là a’ bhreitheanais: do bhrìgh mar a tha esan, gur amhail sin a tha sinne anns an t‑saoghal seo.
Nìthear obair gach aon duine follaiseach: oir nochdaidh an là i, do bhrìgh gum foillsichear i le teine; agus dearbhaidh an teine obair gach aoin, ciod as gnè dhi.
Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh. Agus bidh ionracas na chrios ma leasraidh, agus fìrinn na crios ma àirnean.
Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus, feuch, each geal; agus ghoireadh den Tì a shuidh air Dìleas, agus Fìor; agus ann am fìreantachd tha e a’ dèanamh breitheanais agus cogaidh. Agus bha a shùilean mar lasair theine, agus air a cheann bha mòran chrùn; agus bha ainm aige sgrìobhte, nach b’aithne do neach sam bith ach e fhèin; Agus bha e air a sgeadachadh le trusgan tumte ann am fuil: agus is e an t‑ainm a ghoirear dheth, FACAL DHE. Agus lean na h‑armailtean a bha air nèamh e air eich gheala, air an sgeadachadh le lìon-aodach grinn, geal agus glan. Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich. Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA.
Agus tha dòchas agam ann an Dia, ris a bheil sùil mar an ceudna aca fhèin, gun tig aiseirigh nam marbh, nam fìrean araon agus nan neo-fhìrean.
Mar anns na làithean anns an tàinig iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, nochdaidh mise dhaibh nithean mìorbhaileach. Chì na cinnich, agus bidh iad fo amhluadh airson an uile chumhachd: cuiridh iad an làmh air am beul, bidh an cluasan bodhar.
Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.