Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


72 Rannan à Beibh'l mu Bheatha Ìosa

72 Rannan à Beibh'l mu Bheatha Ìosa

Nuair a bha e air thalamh, bha ar Tighearna gràdhach Iosa a’ teagasg agus a’ slànachadh. Chleachd ar Slànaighear a chuid ùine gus an t-slighe gu tèarainteachd a shealltainn agus na bha ri thighinn innse.

’S e Iosa Crìosd an eisimpleir againn air naomhachd agus air mar a chumas sinn ar creideamh làidir agus ar càirdeas dlùth ris an Athair.

An dèidh trì làithean, fhuaireadh e anns an teampall, na shuidhe am measg nan tidsearan, ag èisteachd riutha agus a’ cur cheistean orra. Agus bha iongnadh air na h-uile a bha ga chluinntinn ri a ghliocas agus ri a fhreagairtean. Lucas 2:46-47.




Lùcas 2:46-47

Agus thàrladh an dèidh trì làithean gun d’fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am meadhon an luchd-teagaisg, araon gan èisdeachd, agus a’ cur cheist orra. Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse agus ra fhreagraidhean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 2:11

Seo toiseach nam mìorbhailean a rinn Iosa ann an Cana Ghalile, agus dh’fhoillsich e a ghlòir; agus chreid a dheisciobail ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 2:21

Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall-ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 1:21

Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 10:38

Agus an tì nach glac a chrann-ceusaidh, agus nach lean mise, chan airidh orm e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 19:34

Ach lot fear de na saighdearan a thaobh le sleagh, agus air ball thàinig a‑mach fuil agus uisge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 19:1

An sin air an adhbhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiùrs e e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 16:9

Agus air èirigh do Iosa anns a’ mhadainn air a’ chiad là den t‑seachdain, nochdadh e air tùs do Mhuire Magdalen, as an do thilg e seachd deamhain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 18:12

An sin rug a’ bhuidheann, agus an ceannard, agus maoir nan Iùdhach, air Iosa, agus cheangail iad e,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 6:41-44

Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile. Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad. Agus thog iad dà‑chliabh-dheug làn den bhiadh bhriste, agus de na h‑èisg. Agus b’iad an dream a dh’ith de na buileannan còig mìle fear.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 2:7

Agus rug i a ciad-ghin mic, agus phaisg i e ann am brat-spèilidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e; do bhrìgh nach robh àit aca anns an taigh-òsda.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 16:19

Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 14:25

Agus anns a’ cheathramh faire den oidhche, chaidh Iosa dan ionnsaigh, ag imeachd air an fhairge.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 19:40

An sin ghabh iad corp Iosa, agus cheangail iad e ann an lìon-aodaichean, maille ris an spìosraidh, mar as gnàth leis na h‑Iùdhaich adhlacadh a dhèanamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 53:4

Gu deimhinn ar n‑anfhainneachd ghiùlain e, agus ar doilgheasan dh’iomchair e; ach shaoil sinne gu robh e air a bhualadh, air a smachdachadh le Dia, agus air a chlaoidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 1:14

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:15

Ge bè neach a dh’aidicheas gur e Iosa Mac Dhè, tha Dia na chòmhnaidh annsan, agus esan ann an Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 8:24

Agus thàinig iad da ionnsaigh, agus dhùisg iad e, ag ràdh, A Mhaighistir, a Mhaighistir, tha sinn caillte! An sin dh’èirich esan, agus chronaich e a’ ghaoth, agus onfhadh an uisge: agus sguir iad, agus thàinig fiath ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 2:52

Agus thàinig Iosa air aghaidh ann an gliocas agus am meudachd, agus ann an deagh-ghean aig Dia agus aig daoine.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 53:5

Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 3:16-17

Agus nuair a bhaisteadh Iosa, chaidh e air ball suas as an uisge; agus, feuch, dh’fhosgladh nèamh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a’ tùirling mar chalaman, agus a’ teachd air: Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:9

An seo dh’fhoillsicheadh gràdh Dhè dhuinne, do bhrìgh gun do chuir Dia a aon-ghin Mhic don t‑saoghal, a‑chum gum bitheamaid beò trìdsan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 4:1-2

An sin threòraicheadh Iosa leis an Spiorad don fhàsach, a‑chum gum biodh e air a bhuaireadh leis an diabhal. An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis. An sin dh’fhàg an diabhal e; agus, feuch, thàinig ainglean agus fhritheil iad dha. Ach nuair a chuala Iosa gun do chuireadh Eòin an làimh, dh’imich e do Ghalile; Agus air dha Nàsaret fhàgail, thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an Capernàum, a tha ri taobh na fairge, ann an leth-iomall Shabuloin agus Nephtalim: A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh, Talamh Shabuloin, agus talamh Nephtalim, slighe na fairge, air an taobh thall de Iòrdan, Galile nan Cinneach: Am poball a bha nan suidhe ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus tha solas air èirigh do na daoine a bha nan suidhe ann an tìr agus an sgàil a’ bhàis. O sin a‑mach thòisich Iosa air searmonachadh, agus air a ràdh, Gabhaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh am fagas. Agus ag imeachd do Iosa ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e dithis bhràithrean, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge (oir b’iasgairean iad). Agus thubhairt e riu, Leanaibh mise, agus nì mi iasgairean air daoine dhibh. Agus nuair a thraisg e dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, an dèidh sin bha acras air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 5:2

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:1-2

Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh, chaidh e suas air beinn; agus air suidhe dha, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh. Is beannaichte an dream a tha a’ fulang geur-leanmhainn airson na còrach: oir is leòsan rìoghachd nèimh. Is beannaichte a bhios sibh nuair a bheir daoine ana-cainnt dhuibh, agus a nì iad geur-leanmhainn oirbh, agus a labhras iad gach uile dhroch fhacal ribh gu breugach, air mo sgàth-sa. Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur-leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh. Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine. Is sibhse solas an t‑saoghail. Chan fhaodar baile a tha air a shuidheachadh air sliabh fhalach. Agus cha las daoine coinneal a‑chum gun cuir iad i fo shoitheach, ach ann an coinnleir, agus nì i solas do na bheil a‑staigh. Guma h‑ann mar sin a dhealraicheas ur solas an làthair dhaoine, a‑chum gum faic iad ur deagh obraichean, agus gun toir iad glòir dur n‑Athair a tha air nèamh. Na measaibh gun tàinig mise a bhriseadh an lagha no nam fàidhean; chan ann a bhriseadh a thàinig mi, ach a choileanadh. Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach, Gus an tèid nèamh agus talamh thairis, cha tèid aon lide no aon phuing den lagh thairis, gus an coileanar gach aon nì. Air an adhbhar sin ge bè neach a bhriseas aon de na h‑àitheantan seo as lugha, agus a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine as lugha dheth ann an rìoghachd nèimh: ach ge bè neach a nì, agus a theagaisgeas iad, goirear duine mòr dheth ann an rìoghachd nèimh. Agus dh’fhosgail e a bheul, agus theagaisg e iad, ag ràdh,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 12:2

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 9:35

Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 10:10

Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 2:5

Uime sin biodh an inntinn cheudna annaibhse, a bha ann an Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 2:5

Oir is aon Dia a tha ann, agus aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Crìosd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 10:45

Oir cha tàinig eadhon Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thoirt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:10

Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 4:18-19

Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite, A shearmonachadh bliadhna thaitneach an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 8:12

An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:8

Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 2:1-11

Agus air an treas là bha pòsadh ann an Cana Ghalile; agus bha màthair Iosa an sin. Agus thubhairt e ris, Cuiridh gach duine fìon math an làthair air tùs; agus nuair a dh’òlas daoine gu leòr, an sin am fìon as miosa: ach ghlèidh thusa am fìon math gus a‑nis. Seo toiseach nam mìorbhailean a rinn Iosa ann an Cana Ghalile, agus dh’fhoillsich e a ghlòir; agus chreid a dheisciobail ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 9:10

Agus air tilleadh do na h‑Abstoil, dh’innis iad dha gach nì a rinn iad. Agus thug e leis iad, agus chaidh e fa leth gu àite fàsail, a bhuineadh don bhaile den goirear Betsaida.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 3:16

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 3:17

Oir cha do chuir Dia a Mhac don t‑saoghal a‑chum gun dìteadh e an saoghal, ach a‑chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìdsan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 6:35

Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 26:26-28

Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa. Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibh e, ag ràdh, Olaibh uile dheth: Oir is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 4:15

Ach a’ labhairt na fìrinn ann an gràdh, gum fàs sinn suas anns na h‑uile nithean thuigesan, as e an ceann, eadhon Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:6

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 15:18

Ma tha an saoghal gur fuathachadh, tha fhios agaibh gun d’fhuathaich e mise romhaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 15:13

Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 27:50-51

Agus nuair a dh’èigh Iosa a‑rìs le glaodh mòr, thug e suas a spiorad. Agus, feuch, reubadh brat-roinn an teampaill na dhà chuid o mhullach gu ìochdar; agus chriothnaich an talamh, agus sgoilteadh na creagan:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 23:34

An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 19:30

An sin nuair a ghabh Iosa am fìon-geur, thubhairt e, Tha e crìochnaichte: agus air cromadh a chinn dha, thug e suas a spiorad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 28:5-6

Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh. Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 24:6-7

Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile; Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 1:3

Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 1:4

A dhearbhadh a bhith na Mhac do Dhia le cumhachd, a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 2:5-8

Uime sin biodh an inntinn cheudna annaibhse, a bha ann an Iosa Crìosd: Neach air a bhith dha ann an cruth Dhè, nach do mheas e na reubainn e fhèin a bhith co‑ionann ri Dia: Ach chuir e e fhèin ann an dìmeas, a’ gabhail air fhèin cruth seirbhisich, air a dhèanamh ann an coslas dhaoine: Agus air dha a bhith air fhaghail ann an cruth mar dhuine, dh’irioslaich e e fhèin, agus bha e umhail gu bàs, eadhon bàs a’ chroinn-cheusaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 1:16-17

Oir is ann leis-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo-fhaicsinneach, mas àrd-chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis-san agus air a shon-san a chruthaicheadh na h‑uile nithean: Agus tha esan ro na h‑uile nithean, agus trìdsan tha na h‑uile nithean a’ co‑sheasamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 5:31-32

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh, ach acasan a tha tinn. Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 11:25-26

Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 4:39

Agus dh’èirich e, agus chronaich e a’ ghaoth, agus thubhairt e ris an fhairge, Tosd, bi sàmhach. An sin laigh a’ ghaoth, agus bha fiath mòr ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 21:9

Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 19:10

Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a thèarnadh an nì sin a bha caillte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 7:37-38

Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e. An tì a chreideas annamsa, mar a tha an sgriobtar ag ràdh, sruthaidh as a bhroinn aibhnichean de uisge beò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 17:5

Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd: èisdibh ris.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 10:30

Mise agus an t‑Athair, is aon sinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 12:32

Na biodh eagal ort, a threud bhig; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 9:2-3

Agus an ceann sia làithean, thug Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin leis, agus threòraich e iad leo fhèin air leth gu beinn àird: agus dh’atharraicheadh a chruth nam fianais. Agus thug iad da ionnsaigh e: agus nuair a chunnaic e e, reub an spiorad air ball e; agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fhèin, agus a’ cur cobhair as a bheul. Agus dh’fheòraich e de a athair, Cia fhad an aimsir o thàinig seo air? Agus thubhairt e, O bha e na leanabh. Agus gu minig thilg e anns an teine e, agus anns an uisge, a‑chum gum milleadh e e: ach ma tha thusa comasach air nì sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, agus cuidich leinn. Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas. Agus ghlaodh athair an leinibh a‑mach air ball, agus thubhairt e le deòir, Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna; cuidich thusa lem mhì-chreideamh. Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò. Agus ghlaodh an spiorad, agus reub e gu ro‑chràiteach e, agus chaidh e a‑mach as: agus bha e an riochd mairbh, ionnas gun dubhairt mòran, Tha e marbh. Ach air do Iosa a ghlacadh air làimh, thog e suas e, agus dh’èirich e. Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth an uaigneas, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach? Agus thubhairt esan riu, Chan eil e comasach gun tèid a ghnè seo a‑mach le nì air bith, ach le ùrnaigh agus trasgadh. Agus rinneadh a aodach dealrach, ro‑gheal mar an sneachd: air mhodh nach robh e an comas do ghlanadair-aodaich sam bith air talamh a ghealachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 28:18

Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 2:22-24

Fheara Israeil, èisdibh ris na briathran seo: Iosa o Nàsaret, duine a dhearbhadh le Dia nur measg-se, le cumhachdan agus le mìorbhailean agus le comharraidhean, a rinn Dia leis-san nur meadhon-se, mar tha fhios agaibh fhèin: An duine seo, a thugadh thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ghlac sibhse, agus le làmhan dhroch dhaoine cheus agus mharbh sibh e: Neach a thog Dia suas, air dha piantan a’ bhàis fhuasgladh; do bhrìgh nach robh e an comas gun cùmte esan leis:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 5:8

Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 2:20

Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 2:13-16

Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd. Oir is esan ar sìth-ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar-dhealachaidh: Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe; Agus gun dèanadh e rèidh araon iad ri Dia ann an aon chorp tre a chrann-cheusaidh, air dha an naimhdeas a mharbhadh le sin;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 5:11-12

Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac. An tì aig a bheil am Mac tha beatha aige: an tì aig nach eil Mac Dhè chan eil beatha aige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac

Urnuigh ri Dia

A Dhè Shaor! An-diugh tha mi ag èigheachd riut agus a' sireadh do ghnùis. Tha mi airson a' ghlòir agus an urram gu lèir a thoirt dhut. Tapadh leat, oir le d' thighinn, dh'atharraich thu cùrsa eachdraidh a' chinne-daonna agus cha robh an fheadhainn againn a tha eòlach ort mar an ceudna tuilleadh. Tapadh leat, a Thighearna Ìosa, airson do bheatha, is tu agus bidh tu mo eisimpleir as motha, dh'fhàg thu do rìgh-chathair glòire agus rinn thu thu fhèin na sheirbhiseach, rinn thu thu fhèin coltach ri daoine agus cha do ghlèidh thu do bheatha fhèin. A Ìosa mhath, is tu Rìgh na glòire, thionndaidh thu uisge gu fìon, mheudaich thu na h-èisg 's na buileannan, shlànaich thu na h-euslaintich, ghlan thu na lobhair, shaor thu na prìosanaich. A Ìosa, teagaisg dhomh do eisimpleir a leantainn, àicheadh air an t-saoghal agus an duine a-muigh a chur dhìom, airson 's gun fhàs an duine a-staigh. Tapadh leat, a Thighearna, tha mi a' toirt a' ghlòir agus an urram gu lèir dhut. An ainm Ìosa. Amen.
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan