Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 13:8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Tha Ìosa Crìosd ceudna an dè, agus an‑diugh agus gu sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Iosa Criosta tha an dé, agus an diugh, tha agus gu siorruidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 13:8
19 Iomraidhean Croise  

Agus shuidhich Abrahàm doire chraobh aig Beer-sèba, agus ghairm e an sin air ainm an Tighearna, an Dia sìorraidh.


Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne,


Mun do ghineadh na beanntan, agus mun do dhealbh thu an talamh agus an cruinne-cè, eadhon o bhithbhuantachd gu bithbhuantachd is tusa Dia.


Oir tha mìle bliadhna ann ad shealladh-sa mar an là‑an‑dè nuair a thèid e seachad, agus mar fhaire anns an oidhche.


Agus thubhairt Dia ri Maois, IS MI AN TI AS MI: agus thubhairt e, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir IS MI mise dur n‑ionnsaigh.


Cò a dh’obraich agus a choilean seo, a’ gairm nan ginealach o thùs? Mise an Tighearna, an ciad neach, agus maille riùsan air dheireadh, is mise e.


Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.


Oir is mise Iehòbhah, cha chaochail mi: air an adhbhar sin chan eil sibhse, O chlann Iàcoib, air ur sgrios.


Oir Mac Dhè, Iosa Crìosd, a shearmonaicheadh nur measg-se leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timòteus, cha robh e na sheadh agus na chan eadh, ach annsan bha seadh.


Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne.


Agus fillidh tu iad mar bhrat, agus caochlaidhear iad: ach is tusa an Tì ceudna, agus chan fhàilnich do bhliadhnachan.


Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.


Don Dia a tha a‑mhàin glic, ar Slànaighear, gu robh glòir agus mòralachd, neart agus cumhachd, a‑nis agus air feadh nan uile linn. Amen.


Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.


Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;


Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan