Ròmanaich 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid. 2 Oir shaor lagh Spiorad na beatha, ann an Iosa Crìosd, mise o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis. 3 Oir an nì nach robh an comas don lagh a dhèanamh, do bhrìgh gu robh e anfhann tre an fheòil, aig cur a Mhic fhèin do Dhia ann an coslas feòla peacaich, agus na ìobairt airson peacaidh, dhìt e am peacadh anns an fheòil: 4 A‑chum gum biodh fìreantachd an lagha air a coileanadh annainne, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid. 5 Oir an dream a tha a rèir na feòla, tha an aire air na nithean sin a bhuineas don fheòil; ach an dream a tha a rèir an Spioraid, air na nithean sin a bhuineas don Spiorad. 6 Oir an inntinn fheòlmhor is bàs i; ach an inntinn spioradail is beatha agus sìth i: 7 Do bhrìgh gur naimhdeas an inntinn fheòlmhor an aghaidh Dhè: oir chan eil i umhail do lagh Dhè, agus cha mhò a tha e an comas dhi a bhith. 8 Uime sin chan urrainn iadsan a tha anns an fheòil Dia a thoileachadh. 9 Ach chan eil sibhse anns an fheòil, ach anns an Spiorad, ma tha Spiorad Dhè a’ gabhail còmhnaidh annaibh. A‑nis mura eil Spiorad Chrìosd aig neach, cha bhuin e dha. 10 Agus ma tha Crìosd annaibh, tha an corp marbh gu deimhinn a‑thaobh peacaidh; ach is beatha an Spiorad a‑thaobh fìreantachd. 11 Ach ma tha Spiorad an tì a thog Iosa o na mairbh a’ gabhail còmhnaidh annaibh, an tì a thog Crìosd o na mairbh, beothaichidh e mar an ceudna ur cuirp bhàsmhor-se, tre a Spiorad-san a tha a chòmhnaidh annaibh. 12 Uime sin, a bhràithrean, tha sinn fo fhiachan, chan ann don fheòil, a‑chum ar beatha a chaitheamh a rèir na feòla. 13 Oir ma chaitheas sibh ur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre an Spiorad gnìomharan na colainn, bidh sibh beò. 14 Oir a mheud is a tha air an treòrachadh le Spiorad Dhè, is iad mic Dhè. 15 Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair. 16 Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad-ne gur sinn clann Dhè: 17 Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna. 18 Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn. 19 Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè. 20 Oir chuireadh an cruthachadh fo dhìomhanas, chan ann le a thoil, ach trìdsan a chuir fo dhìomhanas e; 21 Ann an dòchas gun saorar an cruthachadh fhèin fòs o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorsa ghlòrmhor clann Dhè. 22 Oir tha fhios againn gu bheil an cruthachadh uile ag osnaich, agus ann am pèin gu lèir, mar mhnaoi ri saothair, gus an àm seo: 23 Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad-thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp. 24 Oir is ann le dòchas a shaorar sinn: ach dòchas a chìthear, cha dòchas e: oir an nì a tha an duine a’ faicinn, carson a bhios dòchas aige ris? 25 Ach ma tha dòchas againn ris an nì nach eil sinn a’ faicinn, feithidh sinn gu foighidinneach ris. 26 Tha an Spiorad fhèin mar an ceudna a’ dèanamh còmhnaidh le ar n‑anfhainneachd: oir chan aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar a bu chòir dhuinn; ach tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son le osnaidhean do‑labhairt. 27 Agus is aithne dhàsan a tha a’ rannsachadh nan cridheachan ciod i inntinn an Spioraid, do bhrìgh gu bheil e a’ dèanamh eadar-ghuidhe airson nan naomh a rèir toil Dhè. 28 Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin. 29 Oir an dream a ro‑aithnich e, ro‑òrdaich e iad mar an ceudna a‑chum a bhith co‑chosmhail ri ìomhaigh a Mhic, a‑chum gum biodh esan na chiad-ghin am measg mòran bhràithrean. 30 Agus an dream a ro‑òrdaich e, ghairm e iad mar an ceudna: agus an dream a ghairm e, dh’fhìreanaich e mar an ceudna: agus an dream a dh’fhìreanaich e, ghlòraich e mar an ceudna. 31 Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh? 32 An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean? 33 Cò a chuireas coire sam bith as leth daoine taghte Dhè? Is e Dia a dh’fhìreanaicheas. 34 Cò a dhìteas? Is e Crìosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’èirich a‑rìs, agus a tha air deaslàimh Dhè, neach a tha mar an ceudna a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son. 35 Cò a sgaras sinn o ghràdh Chrìosd? An dèan trioblaid, no àmhghar, no geur-leanmhainn, no gorta, no lomnochdaidh, no cunnart, no claidheamh? 36 (A rèir mar a tha e sgrìobhte, Air do shon-sa mharbhadh sinn rè an là; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum marbhaidh.) 37 Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn. 38 Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, 39 No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna. |