Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 44 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ach a‑nis èisd, O Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi.

2 Mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, agus a dhealbh thu on bhroinn, agus a chuidicheas thu; Na biodh eagal ort, a Iàcoib m’òglach, agus a Iesuruin, a roghnaich mi;

3 Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.

4 Agus fàsaidh iad suas mar anns an fheur; mar gheugan seilich ri taobh nan sruth-chlaisean.

5 Their am fear seo, Is leis an Tighearna mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iàcoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a làimh don Tighearna, agus sloinnidh e e fhèin air ainm Israeil.

6 Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.

7 Agus cò, mar mise, a ghairmeas, agus a chuireas an cèill e, agus a chuireas an òrdagh dhomh e, on àm anns an do shuidhich mi an sluagh o shean? No a chuireas an cèill dhuinn na nithean a tha a’ teachd, agus a tha ri teachd.

8 Na biodh eagal oirbh, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia eile ann; chan aithne dhomh aon.

9 Iadsan a nì dealbh snaidhte, is dìomhanas iad uile; agus nan nithean taitneach cha bhi tairbhe; agus tha iad nam fianaisean nan aghaidh fhèin, nach faic iad, agus nach tuig iad, a‑chum gum biodh iad air an nàrachadh.

10 Cò a dhealbh dia, no a thilg dealbh leaghte, anns nach eil tairbhe sam bith?

11 Feuch, bidh a chompanaich uile air an nàrachadh; agus an luchd-obrach, is daoine iad: cruinnichear iad uile ri chèile, seasadh iad suas; bidh eagal orra, agus bidh iad air an nàrachadh le chèile.

12 Gearraidh an gobha mìr iarainn, obraichidh e e anns na h‑èibhlean, agus nì e a chumadh le ùird, agus caithidh e spionnadh a ghàirdein air; seadh, bidh e acrach, agus fàilnichidh a neart; chan òl e uisge, agus bidh e fann.

13 Sìnidh an saor a‑mach a riaghail, comharraichidh e e le dath; cuiridh e cumadh air leis an locair, agus sgèithidh e e leis a’ ghobhal-roinn; agus dealbhaidh e e a rèir coslas fir, a rèir maise duine, a‑chum fantainn anns an fhàrdaich.

14 Gearraidh e sìos craobhan seudair dha fhèin agus gabhaidh e an giuthas agus an darach, a thaghas e dha fhèin am measg craobhan na frìthe; suidhichidh e crann-uinsinn, agus altraimidh an t‑uisge e.

15 An sin bidh e aig duine a‑chum a losgadh; agus gabhaidh e dheth, agus garaidh e e fhèin; seadh, cuiridh e teine ris, agus deasaichidh e aran; seadh, nì e dia, agus bheir e adhradh dha; nì e dealbh snaidhte dheth, agus cromaidh e sìos dha.

16 Cuid dheth loisgidh e as an teine; le cuid eile dheth deasaichidh agus ithidh e feòil; ròstaidh e biadh, agus sàsaichear e; an sin garaidh e e fhèin, agus their e, Ahà, rinn mi mo gharadh; dh’aithnich mi an teine.

17 Agus den chuid eile dheth nì e dia, eadhon dealbh snaidhte dha fhèin; cromaidh e sìos dha, agus bheir e adhradh dha; agus nì e ùrnaigh ris, agus their e, Teasairg mi, oir is tu mo dhia.

18 Chan eil eòlas aca, cha mhò a tha tuigse aca; oir dhruid e an sùilean air chor is nach faic iad, agus an cridheachan air chor is nach tuig iad.

19 Agus chan eil aon neach a’ toirt fa‑near na chridhe, cha mhò a tha eòlas no tuigse aige gu a ràdh, Loisg mi cuid dheth as an teine, dheasaich mi fòs aran air èibhlean dheth; ròist mi feòil agus dh’ith mi, agus an dèan mi am fuidheall dheth na ghràinealachd? An crom mi mi fhèin sìos do bhun craoibhe?

20 Tha e a’ teachd beò air luaithre; thug cridhe meallta air seachran e, air chor is nach toir e as a anam fhèin; cha mhò a their e, Nach eil breug ann am làimh dheis?

21 Cuimhnich na nithean seo, O Iàcoib; agus Israeil, oir is tu m’òglach; dhealbh mi thu, is òglach dhòmhsa thu; O Israeil, cha leig mise air dìochuimhn thu.

22 Dhubh mi as, mar neul, d’euceartan; agus mar cheò, do lochdan; till rium, oir shaor mise thu.

23 Seinnibh, O nèamhan, oir thug an Tighearna gu crìch; togaibh iolach, O dhoimhneachdan na talmhainn; brisibh a‑mach le ceileir, a shlèibhtean; O dhoire, agus gach craobh a tha ann; oir shaor an Tighearna Iàcob, agus ghlòraich e e fhèin ann an Israel.

24 Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, agus esan a dhealbh thu on bhroinn: Is mise an Tighearna, cruithear nan uile nithean; a tha a’ sìneadh nan nèamhan a‑mach am aonar; a tha a’ sgaoileadh na talmhainn leam fhèin;

25 A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd;

26 A dhaingnicheas facal a sheirbhisich, agus a choileanas comhairle a theachdairean; a their ri Ierusalem, Bidh tu air d’àiteachadh; agus ri bailtean Iùdah, Bidh sibh air ur togail; agus a h‑ionadan fàsail togaidh mi suas:

27 A their ris an doimhne, Bi air do thiormachadh; agus tiormaichidh mi d’aibhnichean:

28 A their mu Chìrus, Is e mo bhuachaille; agus coileanaidh e m’uile thoil, ag ràdh ri Ierusalem, Togar thu; agus ris an teampall, Leagar do bhunait.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan