Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Rìgh 10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh ann an ainm an Tighearna, thàinig i ga dhearbhadh le ceistean cruaidhe.

2 Agus thàinig i do Ierusalem le cuideachd ro‑mhòir, le càmhail a’ giùlan spìosraidh, agus ro‑mhòran òir agus chlachan luachmhor: agus thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, agus labhair i ris gach nì a bha na cridhe.

3 Agus mhìnich Solamh dhi a briathran uile: cha robh nì air bith am falach air an rìgh nach do mhìnich e dhi.

4 Agus nuair a chunnaic bànrighinn Shèba uile ghliocas Sholaimh, agus an taigh a thog e,

5 Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh, agus an trusgan, agus a ghillean-cupain, agus a dhol suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò.

6 Agus thubhairt i ris an rìgh, B’fhìor an t‑iomradh a chuala mise ann am thìr fhèin air do ghnìomharan, agus air do ghliocas.

7 Gidheadh, cha do chreid mi na briathran gus an tàinig mi agus gum faca mo shùilean fhèin e; agus, feuch, cha d’innseadh a leth dhomh: chaidh do ghliocas agus do shoirbheachadh thar an iomraidh a chuala mi.

8 Is sona do dhaoine, is sona iad seo do sheirbhisich, a sheasas ann ad fhianais an còmhnaidh, ag èisdeachd rid ghliocas.

9 Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a ghabh tlachd annad gud chur air rìgh-chathair Israeil: a chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna do Israel gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.

10 Agus thug i don rìgh sia-fichead tàlann òir, agus ro‑mhòran de spìosraidh, agus clachan luachmhor: (cha tàinig riamh tuilleadh a leithid seo de phailteas spìosraidh is a thug bànrighinn Shèba do rìgh Solamh.

11 Agus mar an ceudna luingeas Hiraim a ghiùlain òr o Ophir, thug i o Ophir ro‑mhòran de fhiodh almuig, agus clachan luachmhor.

12 Agus rinn an rìgh den fhiodh almuig puist do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, clàrsaichean mar an ceudna agus saltairean don luchd-ciùil: cha tàinig a leithid seo de fhiodh almuig, agus chan fhacas a leithid gus an là‑an‑diugh.)

13 Agus thug rìgh Solamh do bhànrighinn Shèba a h‑uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh air na thug e dhi a rèir a fhialaidheachd rìoghail fhèin: agus thill i, agus dh’fhalbh i da tìr, i fhèin agus a seirbhisich.

14 A‑nis b’e cudthrom an òir a thàinig gu Solamh ann an aon bhliadhna, sia ceud, trì-fichead, agus sia tàlannan òir;

15 A thuilleadh air na fhuair e o na ceannaichean, agus o mhalairt an luchd-spìosraidh, agus o uile rìghrean Aràbia, agus o uachdarain na tìre.

16 Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte: sia ceud secel òir chuir e a‑chum gach sgèithe.

17 Agus rinn e trì cheud targaid de òr buailte: trì puinnd òir chuir e a‑chum gach targaide: agus chuir an rìgh iad ann an taigh frìth Lebanoin.

18 Rinn an rìgh mar an ceudna rìgh-chathair mhòr de fhiaclan elephant, agus chòmhdaich e i leis an òr a bu ghlaine.

19 Bha sia ceuman aig an rìgh-chathair, agus bha mullach na rìgh-chathrach cruinn o a cùl: agus bha làmhan air gach taobh den àite-shuidhe, agus dà leòmhann a’ seasamh làimh ris na làmhan.

20 Agus sheas dà‑leòmhann-dheug an sin air na sia ceuman, air an taobh seo agus air an taobh ud: cha do rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile.

21 Agus bha uile shoithichean-òil rìgh Solamh de òr, agus uile shoithichean taigh frìth Lebanoin de òr fìorghlan: cha robh aon dhiubh de airgiod; cha robh meas air bith dheth ann an làithean Sholaimh.

22 Oir bha luingeas Tharsis aig an rìgh air muir maille ri luingeas Hiraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig luingeas Tharsis, a’ giùlan òir, agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag.

23 Mar seo thug rìgh Solamh barrachd air uile rìghrean an domhain ann an saoibhreas agus ann an gliocas.

24 Agus dh’iarr an talamh uile teachd an làthair Sholaimh, a dh’èisdeachd ra ghliocas, a chuir Dia na chridhe.

25 Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac; soithichean airgid agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, eich agus muileidean; cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna.

26 Agus chruinnich Solamh carbadan agus marc-shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà‑mìle-dheug marcaiche, a chuir e ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.

27 Agus thug an rìgh air airgead a bhith ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na craobhan seudair thug e a bhith mar na craobhan sicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.

28 Agus thugadh eich do Sholamh a‑mach as an Eiphit, agus snàth-lìn: ghabh ceannaichean an rìgh an snàth-lìn air luach.

29 Agus thàinig carbad a‑nìos agus chaidh e a‑mach as an Eiphit air sia ceud secel airgid, agus each air ceud gu leth: agus mar sin do uile rìghrean nan Hiteach, agus do rìghrean Shiria, thug iadsan a‑mach iad len làimh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan