Anns an Tiomnadh Nuadh, às dèidh do na Ròmanaich Ìosa a cheusadh, chaidh a ungadh agus a chur ann an uaigh, ach thog Dia e bho na mairbh gus coicheangal ùr a stèidheachadh. 'S e tilleadh a' chuirp atharraichte, air a chumhachdachadh leis an Spiorad Naomh, a bha anns an aiseirigh chorporra. Chaidh Ìosa a thogail bho na mairbh, mar "toiseach an fheadhainn a dh'fhuirich" (1 Corintianaich 15:3-4).
Às dèidh an aiseirigh, chaidh e suas ann an corp is anam gu làthair an Athar agus tha e a’ riaghladh bho sin thairis air a’ chruthachadh uile; ’s e Àrdachadh an Tighearna a theirear ris an tachartas seo. Tha an aiseirigh a’ dearbhadh gur e Crìosd Slànaighear an t-saoghail.
Dè tha thusa air a dhèanamh le Ìosa? Bhàsaich e nad àite gus am faigheadh do pheacaidhean maitheanas. Chan eil duine eile ann as urrainn seo a dhèanamh. Tha Achdan nan Abstol 4:12 ag ràdh: "Agus chan eil slàinte ann an neach sam eile: oir chan eil ainm eile fo nèamh air a thoirt do dhaoine, leis am bheil sinn ri bhith air ar sàbhaladh."
Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.
Ach a‑nis tha Crìosd air èirigh o na mairbh, agus rinneadh dheth an ciad-thoradh dhiubhsan a chaidil.
Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh? Agus thug e a‑mach iad cho fad is Betani; agus thog e suas a làmhan, agus bheannaich e iad. Agus am feadh a bha e gam beannachadh, dhealaicheadh riu e, agus thogadh suas gu nèamh e. Agus rinn iad adhradh dha, agus thill iad gu Ierusalem le gàirdeachas mòr: Agus bha iad a‑ghnàth anns an teampall, a’ moladh agus a’ beannachadh Dhè. Amen. Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile;
Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?
Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile; Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.
Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris.
A‑chum eòlas a bhith agam airsan, agus air cumhachd a aiseirigh, agus air co‑chomann a fhualangais, air a bhith dhomh air mo chur ann an coslas crutha ra bhàs;
Oir ma chaidh ar suidheachadh maraon ann an coslas a bhàis, bidh sinn mar an ceudna air ar suidheachadh ann an coslas a aiseirigh. Air fhios seo a bhith againn, gu bheil ar seann duine air a cheusadh maille ris, ionnas gum biodh corp a’ pheacaidh air a sgrios, a‑chum à seo suas nach dèanamaid seirbhis don pheacadh.
Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.
Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe.
Agus gun d’adhlaiceadh e, agus gun d’èirich e a‑rìs air an treas là a rèir nan sgriobtar:
Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, gun d’fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtar: Agus carson a tha sinne an gàbhadh gach uair? Air ur gàirdeachas-se a tha agam ann an Iosa Crìosd ar Tighearna, tha mi a’ faghail a’ bhàis gach là. Ma chòmhraig mi mar dhuine ri fiadh-bheathaichean ann an Ephesus, ciod i mo thairbhe, mura èirich na mairbh? Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs. Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan. Dùisgibh a‑chum fìreantachd, agus na dèanaibh peacadh; oir chan eil eòlas Dhè aig cuid; a‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt seo. Ach their neach-eigin, Cionnas a dh’èireas na mairbh? Agus ciod a’ ghnè cuirp leis an tig iad? Amadain, an nì sin a chuireas tu, cha bheothaichear e, mura bàsaich e air tùs: Agus an nì a chuireas tu, chan e an corp a bhios a tha thu a’ cur, ach gràinne lom, faodaidh e a bhith de chruithneachd, no de sheòrsa-eigin eile: Ach tha Dia a’ toirt cuirp dha mar a bu toil leis, agus do gach uile shìol a chorp fhèin. Chan aon fheòil gach uile fheòil: ach tha feòil air leth aig daoine, agus feòil eile aig ainmhidhean, feòil eile aig iasg, agus feòil eile aig eunlaith. Agus gun d’adhlaiceadh e, agus gun d’èirich e a‑rìs air an treas là a rèir nan sgriobtar:
Oir mar as ann tre dhuine a thàinig am bàs, is ann tre dhuine a thig aiseirigh nam marbh mar an ceudna.
Esan a dh’itheas m’fheòil-sa, agus a dh’òlas m’fhuil-sa, tha a’ bheatha shìorraidh aige; agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh. Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe.
Do bhrìgh gun do shuidhich e là anns an toir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tre an duine sin a dh’òrdaich e; agus air seo thug e dearbhadh do na h‑uile dhaoine, le esan a thogail suas o na mairbh.
A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd-bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh, Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
Is beannaichte agus is naomh an tì aig a bheil cuid anns a’ chiad aiseirigh: orra seo chan eil cumhachd aig an dara bàs; ach bidh iad nan sagartan do Dhia, agus do Chrìosd, agus rìoghaichidh iad maille ris mìle bliadhna.
Cò a dhìteas? Is e Crìosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’èirich a‑rìs, agus a tha air deaslàimh Dhè, neach a tha mar an ceudna a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son.
Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh: Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs.
Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad a‑chum bàis e. Agus bheir iad thairis e do na Cinnich a‑chum fanaid a dhèanamh air, agus a‑chum sgiùrsadh, agus a cheusadh: ach air an treas là èiridh e a‑rìs.
A dhearbhadh a bhith na Mhac do Dhia le cumhachd, a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh:
An sin chaidh a‑steach mar an ceudna an deisciobal sin eile a thàinig air tùs a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic, agus chreid e. Oir cha do thuig iad fhathast an sgriobtar, gum b’èiginn gun èireadh esan a‑rìs o na mairbh.
Air dhàsan seo a ro‑fhaicinn, labhair e mu aiseirigh Chrìosd, nach d’fhàgadh a anam ann an ifrinn, agus nach faca a fheòil truaillidheachd. An t‑Iosa seo thog Dia suas, air a bheil sinne uile nar fianaisean.
Tha am baisteadh, mar shamhlachas a tha a’ co‑fhreagradh dha seo (chan e cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deagh chogais a‑thaobh Dhè), a‑nis gar tèarnadh-ne, tre aiseirigh Iosa Crìosd:
Ach a‑nis tha Crìosd air èirigh o na mairbh, agus rinneadh dheth an ciad-thoradh dhiubhsan a chaidil. Oir mar as ann tre dhuine a thàinig am bàs, is ann tre dhuine a thig aiseirigh nam marbh mar an ceudna. Oir mar ann an Adhamh a tha na h‑uile a’ faghail a’ bhàis, is amhail sin mar an ceudna a nìthear na h‑uile beò ann an Crìosd.
Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.
Agus is e ceann a’ chuirp, eadhon na h‑eaglais: neach as e an toiseach, an ciad-ghin o na mairbh; a‑chum gum biodh aige àrd-cheannas anns na h‑uile.
Agus le mòr-chumhachd thug na h‑abstoil fianais air aiseirigh an Tighearna Iosa: agus bha mòr-ghràs orra uile.
A‑chum eòlas a bhith agam airsan, agus air cumhachd a aiseirigh, agus air co‑chomann a fhualangais, air a bhith dhomh air mo chur ann an coslas crutha ra bhàs; Dh’fheuchainn am faodainn air aon chor teachd a‑chum aiseirigh nam marbh.
Agus thog Dia araon an Tighearna suas, agus togaidh e sinne suas tre a chumhachd fhèin mar an ceudna.
Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.
Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh. Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh; Agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; oir thàinig aingeal an Tighearna a‑nuas o nèamh, agus air teachd dha, charaich e a’ chlach on doras, agus shuidh e oirre. A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.
Air an adhbhar sin dh’adhlaiceadh sinn maille ris tre an bhaisteadh a‑chum bàis: ionnas mar a thogadh Crìosd suas o na mairbh le glòir an Athar, mar sin gun gluaiseamaid-ne mar an ceudna ann an nuadhachd beatha.
Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là: Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm-san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem. Agus is fianaisean sibhse air na nithean seo.
Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.
Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:
Pòl abstol (chan ann o dhaoine, no tre dhuine, ach tre Iosa Crìosd, agus tre Dhia an t‑Athair, a thog suas e o na mairbh),
Agus dh’fhosgladh na h‑uaighean, agus dh’èirich mòran de chuirp nan naomh, a bha nan cadal, Agus chaidh iad a‑mach as na h‑uaighean an dèidh a aiseirigh-san, agus chaidh iad a‑steach don bhaile naomh, agus nochdadh iad do mhòran.
A dh’obraich e ann an Crìosd, nuair a thog e o na mairbh e, agus a chuir e na shuidhe air a dheaslàimh fhèin e anns na h‑ionadan nèamhaidh, Gu ro‑àrd os cionn gach uile uachdaranachd, agus cumhachd, agus neirt, agus tighearnais, agus gach ainme a dh’ainmichear, chan e a‑mhàin anns an t‑saoghal seo, ach anns an t‑saoghal ri teachd mar an ceudna:
Air a’ chiad là den t‑seachdain thàinig Muire Magdalen gu moch, agus an dorchadas fhathast ann, a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic i a’ chlach air a togail on uaigh. An sin dh’imich na deisciobail a‑rìs a‑chum an cuideachd fhèin. Ach sheas Muire aig an uaigh a‑muigh, a’ gul: agus a’ gul dhi chrom i sìos, ag amharc a‑steach don uaigh, Agus chunnaic i dà aingeal ann an culaidhean geala, nan suidhe, fear aig a’ cheann, agus fear aig na casan, anns an àite anns an robh corp Iosa na laighe; Agus thubhairt iadsan rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Thubhairt i riu, Airson gun tug iad mo Thighearna leo, agus nach eil fhios agam càit an do chuir iad e. Agus nuair a thubhairt i seo, thill i air a h‑ais, agus chunnaic i Iosa na sheasamh, agus cha d’aithnich i gum b’e Iosa a bha ann. Thubhairt Iosa rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Cò a tha thu ag iarraidh? Air saoilsinn dhise gum b’e an gàrradair a bha ann, thubhairt i ris, A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise leam e. Thubhairt Iosa rithe, A Mhuire. Air tionndadh dhise, thubhairt i ris, Rabboni, is e sin ri ràdh, A Mhaighistir. Thubhairt Iosa rithe, Na bean rium; oir cha deachaidh mi fhathast suas a‑chum m’Athar: ach imich a‑chum mo bhràithrean, agus abair riu, Tha mise a’ dol suas a‑chum m’Athar fhèin agus ur n‑Athar-se, agus a‑chum mo Dhè fhèin agus ur Dè‑se. Thàinig Muire Magdalen agus dh’innis i do na deisciobail gum faca i an Tighearna, agus gun dubhairt e na nithean seo rithe. Agus air teachd don fheasgar an là sin fhèin, air a’ chiad là den t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail cruinn air eagal nan Iùdhach, thàinig Iosa agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e riu, Sìth dhuibh. Ruith i an sin, agus thàinig i gu Sìmon Peadar, agus gus an deisciobal eile a b’ionmhainn le Iosa, agus thubhairt i riu, Thug iad leo an Tighearna as an uaigh, agus chan eil fhios againn càit an do chuir iad e.
Agus air teachd don fheasgar an là sin fhèin, air a’ chiad là den t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail cruinn air eagal nan Iùdhach, thàinig Iosa agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e riu, Sìth dhuibh. Ruith i an sin, agus thàinig i gu Sìmon Peadar, agus gus an deisciobal eile a b’ionmhainn le Iosa, agus thubhairt i riu, Thug iad leo an Tighearna as an uaigh, agus chan eil fhios againn càit an do chuir iad e. Agus air dha seo a ràdh, nochd e dhaibh a làmhan agus a thaobh. An sin bha aoibhneas air na deisciobail nuair a chunnaic iad an Tighearna.
O bhàis, càit a bheil do ghath? O uaigh, càit a bheil do bhuaidh? Is e am peacadh gath a’ bhàis; agus is e neart a’ pheacaidh an lagh: Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd.
Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.
Agus a’ labhairt nan nithean seo dhaibh, sheas Iosa fhèin nam meadhon, agus thubhairt e riu, Sìth maille ribh. Ach bha iadsan fo gheilt-chrith agus fo eagal, agus shaoil iad gur spiorad a chunnaic iad. Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo bhuaireas, agus carson a tha smuaintean ag èirigh suas nur cridheachan? Feuchaibh mo làmhan agus mo chasan, gur mi fhèin a tha ann: laimhsichibh mi, agus faicibh; oir chan eil aig spiorad feòil agus cnàmhan, mar a chì sibh agamsa.
Agus an ceann ochd làithean na dhèidh sin, bha a dheisciobail a‑rìs a‑staigh, agus Tòmas maille riu: thàinig Iosa, agus na dorsan dùinte, agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e, Sìth dhuibh. Na dhèidh sin thubhairt e ri Tòmas, Cuir an seo do mheur, agus feuch mo làmhan; agus sìn an seo do làmh, agus cuir am thaobh i: agus na bi mì‑chreidmheach, ach creidmheach. Agus fhreagair Tòmas, agus thubhairt e ris, Mo Thighearna agus mo Dhia. Thubhairt Iosa ris, Airson gum faca tu mi, a Thòmais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid.
Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:
Agus air èirigh do Iosa anns a’ mhadainn air a’ chiad là den t‑seachdain, nochdadh e air tùs do Mhuire Magdalen, as an do thilg e seachd deamhain.
Air dhuibh a bhith adhlaicte maille ris ann am baisteadh, anns a bheil sibh mar an ceudna air ur togail suas maille ris tre chreideamh obrachadh Dhè a thog suas esan o na mairbh.