Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eòin 18 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Nuair a labhair Iosa na briathran seo, chaidh e maille ra dheisciobail thairis air sruth Chedroin, far an robh lios, don deachaidh e fhèin agus a dheisciobail.

2 Agus b’aithne do Iùdas, a bhrath esan, an t‑àit: oir thàinig Iosa gu tric an sin maille ra dheisciobail.

3 An sin air do Iùdas buidheann agus maoir fhaotainn o na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich, thàinig e don àite sin le leusan, agus lòchrain, agus airm.

4 Uime sin air do Iosa fios a bhith aige air na h‑uile nithean a bha gu teachd air, chaidh e a‑mach, agus thubhairt e riu, Cò a tha sibh ag iarraidh?

5 Fhreagair iadsan e, Iosa o Nàsaret, Thubhairt Iosa riu, Is mise e. Agus sheas mar an ceudna Iùdas, a bhrath esan, maille riu.

6 An sin cho luath is a thubhairt e riu, Is mise e, chaidh iad air an ais, agus thuit iad air an làr.

7 An sin dh’fheòraich e dhiubh a‑rìs, Cò a tha sibh ag iarraidh? Thubhairt iadsan, Iosa o Nàsaret.

8 Fhreagair Iosa, Thubhairt mi ribh gur mise e. Uime sin mas mise a tha sibh ag iarraidh, leigibh leo sin falbh:

9 A‑chum gun coileante am facal a labhair e, An dream a thug thu dhomh, cha do chaill mi aon dhiubh.

10 An sin air do Shìmon Peadar claidheamh a bhith aige, tharraing e e, agus bhuail e òglach an àrd-shagairt, agus gheàrr e a’ chluas dheas dheth. Agus b’e ainm an òglaich Malchas.

11 An sin thubhairt Iosa ri Peadar, Cuir do chlaidheamh anns an truaill: an cupan a thug m’Athair dhòmhsa, nach òl mi e?

12 An sin rug a’ bhuidheann, agus an ceannard, agus maoir nan Iùdhach, air Iosa, agus cheangail iad e,

13 Agus thug iad leo e air tùs gu Annas; (oir b’esan athair-cèile Chaiaphais, a bha na àrd-shagart air a’ bhliadhna sin).

14 A‑nis b’e Caiaphas a thug comhairle do na h‑Iùdhaich, gum b’iomchaidh gum faigheadh aon duine bàs airson an t‑sluaigh.

15 Agus lean Sìmon Peadar agus deisciobal eile Iosa. B’aithne don àrd-shagart an deisciobal sin, agus chaidh e a‑steach maille ri Iosa do chùirt an àrd-shagairt.

16 Ach sheas Peadar aig an doras an leth a‑muigh. Uime sin chaidh an deisciobal sin eile a b’aithne don àrd-shagart a‑mach, agus labhair e ris a’ bhan-dorsair, agus thug e Peadar a‑steach.

17 An sin thubhairt a’ bhanoglach a bha a’ gleidheadh an dorais ri Peadar, Nach ann de dheisciobail an duine seo thusa mar an ceudna? Thubhairt esan, Chan ann.

18 Agus bha na seirbhisich agus na maoir nan seasamh, air dhaibh teine guail a chur suas, oir bha am fuachd ann, agus bha iad gan garadh fhèin: agus bha Peadar na sheasamh maille riu, agus ga gharadh fhèin.

19 An sin dh’fhiosraich an t‑àrd-shagart de Iosa mu thimcheall a dheisciobal, agus mu thimcheall a theagaisg.

20 Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.

21 Carson a tha thu a’ fiosrachadh dhìomsa? Feòraich dhiubhsan a chuala, ciod a thubhairt mi riu: feuch, tha fhios acasan ciod a thubhairt mi.

22 Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, bhuail aon de na maoir, a bha na sheasamh an làthair, a bhas air Iosa, ag ràdh, An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd-shagart?

23 Fhreagair Iosa e, Ma labhair mi gu h‑olc, dèan fianais air an olc: ach mas ann gu math, carson a tha thu gam bhualadh?

24 (A‑nis chuir Annas e ceangailte gu Caiaphas an t‑àrd-shagart.)

25 Agus bha Sìmon Peadar na sheasamh agus ga gharadh. Uime sin thubhairt iad ris, Nach aon de a dheisciobail thusa mar an ceudna? Dh’àich esan, agus thubhairt e, Cha mhi.

26 Thubhairt aon de sheirbhisich an àrd-shagairt, (caraid don fhear den do gheàrr Peadar a chluas), Nach faca mise thu anns an lios maille ris?

27 An sin dh’àich Peadar a‑rìs, agus air ball ghoir an coileach.

28 An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.

29 An sin chaidh Pilat a‑mach dan ionnsaigh-san, agus thubhairt e, Ciod a’ chasaid a tha sibh a’ toirt an aghaidh an duine seo?

30 Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Mura b’fhear droch-bheairt e, cha tugamaid thairis dhutsa e.

31 An sin thubhairt Pilat riu, Gabhaibh-se e, agus thugaibh breith air a rèir ur lagha fhèin. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, Chan eil e ceadaichte dhuinne neach air bith a chur gu bàs:

32 A‑chum gum biodh facal Iosa air a choileanadh, a labhair e, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bàis a bha e gu fhaotainn.

33 An sin chaidh Pilat a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus ghairm e Iosa, agus thubhairt e ris, An tusa Rìgh nan Iùdhach?

34 Fhreagair Iosa e, A bheil thu ag ràdh seo uat fhèin, no an d’innis daoine eile dhut e mum thimcheall-sa?

35 Fhreagair Pilat, An Iùdhach mise? Thug do chinneach fhèin, agus na h‑àrd-shagartan, thairis dhòmhsa thu: ciod a rinn thu?

36 Fhreagair Iosa, Chan ann den t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa: nam b’ann den t‑saoghal seo a bhiodh mo rìoghachd, dhèanadh mo sheirbhisich cogadh, a‑chum nach tugte thairis do na h‑Iùdhaich mi: ach a‑nis chan ann o seo a tha mo rìoghachd.

37 Air an adhbhar sin thubhairt Pilat ris, An rìgh thu mas eadh? Fhreagair Iosa, Thubhairt thusa gur rìgh mi. Is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mi don t‑saoghal, a‑chum gun dèanainn fianais don fhìrinn. Gach neach a tha air taobh na fìrinn, èisdidh e rim ghuth-sa.

38 Thubhairt Pilat ris, Ciod i an fhìrinn? Agus air dha seo a ràdh, chaidh e a‑mach a‑rìs a‑chum nan Iùdhach, agus thubhairt e riu, Chan eil mise a’ faotainn coire air bith ann.

39 Ach tha gnàth agaibhse gun leiginn as duine dhuibh air a’ chàisg: uime sin an àill leibh mi a leigeadh rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh?

40 An sin ghlaodh iadsan uile, ag ràdh, Chan e an duine seo, ach Barabas. A‑nis b’fhear-reubainn Barabas.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan