Ephèsianach 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Uime sin bithibh-se nur luchd-leanmhainn air Dia, mar chloinn ghràdhaich; 2 Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia. 3 Ach na biodh strìopachas, agus gach uile neòghlaine, no sannt, uiread is air an ainmeachadh nur measg, mar as cubhaidh do naoimh: 4 No draosdachd, no còmhradh amaideach, no baoth-shùgradh, nithean nach eil iomchaidh: ach gum b’fheàrr leibh breith-buidheachais. 5 Oir tha fhios agaibh air seo, nach eil aig fear-strìopachais air bith, no aig neach neòghlan, no aig duine sanntach (a tha na fhear iodhal-adhraidh), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd agus Dhè. 6 Na mealladh neach air bith sibh le briathran dìomhain: oir airson nan nithean sin tha fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd. 7 Na bithibh-se uime sin nur luchd-compàirt riu. 8 Oir bha sibh uaireigin nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas anns an Tighearna: gluaisibh mar chloinn an t‑solais; 9 (Oir tha toradh an Spioraid anns an uile mhaitheas, agus ionracas, agus fhìrinn); 10 A’ dearbhadh ciod an nì a tha taitneach don Tighearna. 11 Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo-thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh. 12 Oir is gràineil eadhon rin innse na nithean a tha air an dèanamh leo ann an uaigneas. 13 Ach tha na h‑uile nithean a tha air an cronachadh air an dèanamh follaiseach leis an t‑solas: oir gach uile nì a nì soilleir, is solas e. 14 Uime sin tha e ag ràdh, Mosgail, thusa a tha ad chadal, agus èirich o na mairbh, agus bheir Crìosd solas dhut. 15 Feuchaibh uime sin gun gluais sibh gu faiceallach, chan ann mar amadain, ach mar dhaoine glice, 16 Ag ath-cheannach na h‑aimsir, do bhrìgh gu bheil na làithean olc. 17 Air an adhbhar sin na bithibh-se neo-ghlic, ach a’ tuigsinn ciod e toil an Tighearna. 18 Agus na bithibh air mhisg le fìon, anns a bheil anabarr; ach bithibh air ur lìonadh den Spiorad: 19 A’ labhairt ribh fhèin ann an sailm, ann an laoidhean, agus ann an dàin spioradail, a’ seinn agus a’ dèanamh ciùil nur cridhe don Tighearna: 20 A’ toirt buidheachais a‑ghnàth airson nan uile nithean do Dhia, eadhon an t‑Athair, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd; 21 Air dhuibh a bhith umhail da chèile ann an eagal Dhè. 22 A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar don Tighearna. 23 Oir is e am fear ceann na mnà, eadhon mar as e Crìosd ceann na h‑eaglais: agus is esan Slànaighear a’ chuirp. 24 Uime sin, mar a tha an eaglais umhail do Chrìosd, mar sin biodh na mnathan dam fir fhèin mar an ceudna anns gach nì: 25 Fheara, gràdhaichibh ur mnathan fhèin, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd an eaglais, agus a thug e e fhèin air a son; 26 A‑chum gun naomhaicheadh agus gun glanadh e i le ionnlad an uisge tre an fhacal; 27 A‑chum gun cuireadh e na làthair fhèin i na h‑eaglais ghlòrmhoir, gun smal, gun phreasadh, no nì air bith de an leithidean sin; ach a‑chum gum biodh i naomh, agus neo-lochdach. 28 Is amhlaidh sin is còir do na fir am mnathan fhèin a ghràdhachadh, mar an cuirp fhèin: an tì a ghràdhaicheas a bhean, tha e ga ghràdhachadh fhèin. 29 Oir cha tug duine air bith riamh fuath da fheòil fhèin; ach altramaidh agus eiridnidh e i, eadhon mar a tha an Tighearna a’ dèanamh don eaglais: 30 Oir is buill sinn de a chorp, de a fheòil, agus de a chnàmhan-san. 31 Air an adhbhar seo fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi, agus bidh an dithis nan aon fheòil. 32 Is diamhaireachd mhòr seo: ach tha mi a’ labhairt mu Chrìosd agus an eaglais. 33 Gidheadh, thugadh gach aon agaibhse fa leth gràdh da mhnaoi, amhail mar dha fhèin; agus feuchadh a’ bhean gun toir i urram da fear. |