Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Do bhrìgh gun do ghabh mòran os làimh eachdraidh a sgrìobhadh ann an òrdagh air na nithean sin a tha air an coileanadh nar measg-ne;

2 A rèir mar a dh’aithris na daoine sin dhuinne iad, a chunnaic iad o thùs len sùilean, agus a bha nan luchd-frithealaidh an fhacail:

3 Chunnacas iomchaidh dhòmhsa mar an ceudna, a Theophiluis ro‑òirdheirc, air faotainn dearbh fhios nan uile nithean dhomh on fhìor thoiseach, sgrìobhadh ad ionnsaigh-sa ann an òrdagh,

4 A‑chum gum biodh fios agad air cinnteachd nan nithean anns an deachaidh do theagasg.

5 Bha ann an làithean Heroid, rìgh Iudèa, sagart àraidh dom b’ainm Sacharias, de chùrsa Abia: agus bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus b’ainm dhi Elisabet.

6 Agus bha iad le chèile ionraic ann am fianais Dhè, ag imeachd ann an uile àitheantan agus òrdaighean an Tighearna gu neo-lochdach.

7 Agus cha robh duine cloinne aca, do bhrìgh gu robh Elisabet neo-thorrach, agus bha iad le chèile aosmhor.

8 Agus thàrladh, am feadh a bha esan a’ frithealadh mar shagart an làthair Dhè ann an òrdagh a chùrsa,

9 A rèir gnàth na sagartachd, b’e a chrannchur tùis a losgadh, air dha dol a‑steach do theampall an Tighearna.

10 Agus bha coitheanal an t‑sluaigh uile a’ dèanamh ùrnaigh a‑muigh ri àm na tùise.

11 Agus chunnacas leis-san aingeal an Tighearna na sheasamh air taobh deas altair na tùise.

12 Agus nuair a chunnaic Sacharias e, bha e fo thrioblaid, agus thuit eagal air.

13 Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.

14 Agus bidh aoibhneas agus subhachas ort; agus nì mòran gàirdeachas ra bhreith.

15 Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.

16 Agus tillidh e mòran de chloinn Israeil a‑chum an Tighearna an Dia.

17 Agus thèid e roimhesan ann an spiorad agus ann an cumhachd Eliais, a thionndadh cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus nan eas-umhail gu gliocas nam fìrean, a dh’ullachadh pobaill deas don Tighearna.

18 Agus thubhairt Sacharias ris an aingeal, Cionnas a bhios a fhios seo agam? Oir is seann duine mise, agus tha mo bhean aosmhor.

19 Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.

20 Agus, feuch, bidh tu balbh agus gun chomas labhairt, gus an là anns an tig na nithean seo gu crìch, a chionn nach do chreid thu mo bhriathran-sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.

21 Agus bha am poball a’ feitheamh ri Sacharias, agus b’iongantach leo a’ mhoille a rinn e anns an teampall.

22 Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b’urrainn e labhairt riu: agus thuig iad gum faca e sealladh nèamhaidh anns an teampall: oir bha e a’ smèideadh orra, agus dh’fhan e na thosd.

23 Agus thàrladh, nuair a choileanadh làithean a fhrithealaidh, gun deachaidh e da thaigh fhèin.

24 Agus an dèidh nan làithean sin dh’fhàs a bhean Elisabet torrach, agus dh’fhalaich i i fhèin rè còig mìosan, ag ràdh,

25 Is ann mar seo a rinn an Tighearna dhomh anns na làithean air an d’amhairc e orm, a thogail dhìom mo mhaslaidh am measg dhaoine.

26 Agus anns an t‑siathamh mìos, chuireadh an t‑aingeal Gabriel o Dhia, gu baile de Ghalile, dom b’ainm Nàsaret;

27 A dh’ionnsaigh òighe a bha fo cheangal-pòsaidh aig fear dom b’ainm Iòseph, de thaigh Dhaibhidh; agus b’e ainm na h‑òighe Muire.

28 Agus air dol a‑steach don aingeal da h‑ionnsaigh, thubhairt e, Fàilte dhut, O thusa don do nochdadh mòr dheagh-ghean tha an Tighearna maille riut: is beannaichte thu am measg bhan.

29 Agus nuair a chunnaic i e, bha i fo thrioblaid inntinn airson a chainnte, agus a’ reusonachadh ciod a’ ghnè fhàilte a dh’fhaodadh a bhith an seo.

30 Agus thubhairt an t‑aingeal rithe, Na biodh eagal ort, a Mhuire: oir fhuair thu deagh-ghean o Dhia.

31 Agus, feuch, gabhaidh tu ad bhroinn, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air.

32 Bidh e mòr, agus goirear Mac an Tì as ro‑àirde dheth; agus bheir an Tighearna Dia dha rìgh-chathair a athar fhèin Daibhidh.

33 Agus bidh e na Rìgh air taigh Iàcoib gu bràth, agus cha bhi crìoch air a rìoghachd.

34 Agus thubhairt Muire ris an aingeal, Cionnas a bhios seo, do bhrìgh nach eile aithne agamsa air fear?

35 Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.

36 Agus, feuch, do bhana-charaid Elisabet, tha ise fhèin torrach air mac, na seann aois; agus is e seo an siathamh mìos dhise den goirte bean neo-thorrach;

37 Oir chan eil nì sam bith do‑dhèante do Dhia.

38 Agus thubhairt Muire, Feuch banoglach an Tighearna; biodh e dhòmhsa a rèir d’fhacail. Agus dh’fhalbh an t‑aingeal uaipe.

39 Agus air èirigh do Mhuire anns na làithean sin, chaidh i le cabhaig do dhùthaich nam beann, gu baile de Iùdah,

40 Agus chaidh i a‑steach do thaigh Shachariais, agus chuir i fàilte air Elisabet.

41 Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.

42 Agus ghlaodh i a‑mach le guth àrd, agus thubhairt i, Is beannaichte thu am measg bhan, agus is beannaichte toradh do bhronn.

43 Agus cionnas a dh’èirich seo dhòmhsa gun tigeadh màthair mo Thighearna am ionnsaigh?

44 Oir feuch, cho luath is a thàinig fuaim do bheannachaidh am chluasan, bhriosg an naoidhean le aoibhneas ann am bhroinn.

45 Agus is beannaichte ise a chreid: oir coileanar na nithean a labhradh rithe leis an Tighearna.

46 Agus thubhairt Muire, Tha m’anam ag àrd-mholadh an Tighearna;

47 Agus tha mo spiorad a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear:

48 Do bhrìgh gun d’amhairc e air staid ìosail a bhanoglaich: oir feuch, o seo suas goiridh gach linn beannaichte mi.

49 Do bhrìgh gun do rinn an Tì a tha cumhachdach nithean mòra dhomh; agus is naomh a ainm.

50 Agus tha a thròcair-san o linn gu linn, don dream don eagal e.

51 Nochd e neart le a ghàirdean, sgap e na h‑uaibhrich ann an smaointean an cridhe fhèin.

52 Thug e a‑nuas na daoine cumhachdach on cathraichean rìoghail, agus dh’àrdaich e iadsan a bha ìosal.

53 Lìon e an dream a bha acrach le nithean matha; agus chuir e uaithe na daoine saoibhir falamh.

54 Rinn e còmhnadh ri Israel, a òglach fhèin, ann an cuimhneachadh a thròcair,

55 Mar a labhair e ri ar n‑athraichean, do Abrahàm agus da shliochd gu bràth.

56 Agus dh’fhan Muire maille rithe mu thimcheall trì mìosan, agus thill i da taigh fhèin.

57 A‑nis thàinig làn inbhe Elisabeit, gum biodh i air a h‑aisead; agus rug i mac.

58 Agus chuala a coimhearsnaich agus a càirdean mar a nochd an Tighearna mòr-thròcair dhi: agus rinn iad gàirdeachas maille rithe.

59 Agus thàrladh air an ochdamh là gun tàinig iad a thimcheall-ghearradh an naoidhein; agus ghairm iad Sacharias dheth a rèir ainm a athar.

60 Agus fhreagair a mhàthair, agus thubhairt i, Chan eadh; ach goirear Eòin dheth.

61 Agus thubhairt iad rithe, Chan eil aon neach ded chàirdean den gairmear an t‑ainm seo.

62 Agus smèid iad air a athair, ciod an t‑ainm a b’àill leis a thoirt air.

63 Agus air iarraidh clàir-sgrìobhaidh dhàsan, sgrìobh e, ag ràdh, Is e Eòin as ainm dha. Agus ghabh iad iongantas uile.

64 Agus air ball dh’fhosgladh a bheul, agus dh’fhuasgladh a theanga, agus labhair e, a’ moladh Dhè.

65 Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich uile: agus dh’aithriseadh na nithean sin gu lèir air feadh dùthaich àrd Iudèa uile.

66 Agus iadsan uile a chuala na nithean sin, thaisg iad nan cridhe iad, ag ràdh, Ciod a’ ghnè leinibh a bhios an seo? Agus bha làmh an Tighearna maille ris.

67 Agus bha Sacharias, a athair, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, agus rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh,

68 Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

69 Agus gun do thog e suas dhuinne adharc slàinte ann an taigh Dhaibhidh, a òglach fhèin;

70 A rèir mar a labhair e le beul a fhàidhean naomha fhèin, a bha ann o thoiseach an t‑saoghail;

71 A thoirt saorsa dhuinn o ar naimhdean, agus o làimh na muinntir sin uile lem fuathach sinn:

72 A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin:

73 Na mionnan a mhionnaich e dar n‑athair Abrahàm,

74 Gun tugadh e dhuinn, air dhuinn a bhith air ar saoradh o làimh ar naimhdean, gun dèanamaid seirbhis dha as eugmhais eagail,

75 Ann an naomhachd agus ann am fìreantachd na làthair fhèin uile làithean ar beatha.

76 Agus thusa, a leinibh, goirear dhìot Fàidh an Tì as àirde: oir thèid thu ro aghaidh an Tighearna, a dh’ullachadh a shlighe;

77 A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean.

78 Tro thròcair ro‑mhòr ar Dè‑ne, leis an d’fhiosraich an ùr‑mhadainn on ionad as àirde sinn,

79 A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.

80 Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan