Isaiah 52 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Dùisg, dùisg, cuir umad do neart, O Shion; cuir umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusaleim, a chathair naomh; oir cha tèid an neo-thimcheall-gheàrrte agus an neòghlan a‑steach annad nas mò. 2 Crath thu fhèin on duslach; rach suas, dèan suidhe, O Ierusaleim; fuasgail thu fhèin o cheanglaichean do mhuineil, O nighean Shioin a tha fo dhaorsa. 3 Oir mar seo deir an Tighearna, Air neoni reiceadh sibh, agus chan ann le airgead a dh’fhuasglar sibh. 4 Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Chaidh mo shluagh sìos don Eiphit an toiseach, gu bhith air chuairt an sin; agus rinn an t‑Asirianach, mu dheireadh, an sàrachadh. 5 Agus a‑nis, ciod a tha agamsa an seo, deir an Tighearna, o thugadh air falbh mo shluagh air neoni? Tha an luchd-riaghlaidh a’ toirt orra caoineadh, deir an Tighearna; agus tha m’ainm-sa an còmhnaidh, gach aon là, a’ faghail toibheim. 6 Air an adhbhar sin, bidh eòlas aig mo shluagh air m’ainm; air an adhbhar sin bidh fhios aca air an là sin gur mise an tì a tha a’ labhairt; feuch, is mise a tha ann. 7 Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann! 8 Togaidh do luchd-faire an guth; len guth nì iad iolach le chèile; oir chì iad aghaidh ri aghaidh, nuair a bheir an Tighearna Sion air a h‑ais. 9 Brisibh a‑mach le gàirdeachas, dèanaibh ceòl le chèile, O fhàsaichean Ierusaleim; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, shaor e Ierusalem. 10 Leig an Tighearna ris a ghàirdean naomh ann an sùilean nan uile chinneach; agus chì uile iomallan na talmhainn slàinte ar Dè‑ne. 11 Imichibh, imichibh; rachaibh a‑mach as a sin; na beanaibh ri nì neòghlan; rachaibh a‑mach as a meadhon; bithibh-se glan, a tha a’ giùlan soithichean an Tighearna. 12 Oir chan ann le cabhaig a thèid sibh a‑mach, agus chan ann le teicheadh a shiùbhlas sibh; oir gluaisidh an Tighearna romhaibh, agus cuartaichidh Dia Israeil sibh on taobh chùil. 13 Feuch, nì m’òglach gu glic; bidh e air a thogail suas, agus air àrdachadh, agus bidh e ro‑àrd. 14 Mar a ghabh mòran iongantas riut (is cho mòr a’ mhì-mhaise a rinneadh air a aghaidh, seach aon duine; agus air a dhreach, seach clann dhaoine); 15 Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach; na fhianais druididh rìghrean am beòil; oir an nì nach do chuireadh an cèill dhaibh, chì iad; agus an nì nach cuala iad, bheir iad fa‑near. |