Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Pòl, abstol Iosa Crìosd, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear, agus an Tighearna Iosa Crìosd, neach as e ar dòchas;

2 A‑chum Thimòteuis, m’fhìor mhac anns a’ chreideamh: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna.

3 Mar a dh’iarr mi ort fantainn ann an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedònia, a‑chum gun tugadh tu òrdagh do dhream àraidh gun atharrachadh teagaisg a thoirt uapa;

4 Agus gun aire a thoirt do sgeulachdan, agus do shloinnteireachd gun chrìoch, a bheir adhbhar do cheistean, nas mò na do fhòghlam diadhaidh, a tha tre chreideamh: dèan mar sin.

5 A‑nis is e as crìoch don àithne, gràdh à cridhe glan, agus à cogais mhaith, agus à creideamh neo-chealgach:

6 Nithean air do dhream àraidh claonadh uapa, chaidh iad a thaobh a‑chum dìomhanas cainnte;

7 A’ miannachadh a bhith nan luchd-teagaisg an lagha agus gun iad a’ tuigsinn ciod a tha iad ag ràdh, no ciod iad mum bheil iad a’ toirt cinnte.

8 Ach tha fhios againn gu bheil an lagh math, ma ghnàthaicheas neach gu dligheach e:

9 Air do fhios seo a bhith aige, nach ann do dhuine fìreanach a dh’òrdaicheadh an lagh, ach do dhaoine neo-dhligheach agus eas-umhail, dhaibh-san a tha mì‑dhiadhaidh, agus do pheacaich, do dhaoine mì‑naomha agus neo-chràbhach, do luchd-marbhaidh athraichean agus do luchd-marbhaidh mhàthraichean, do luchd-mortaidh,

10 Do luchd-strìopachais, do luchd-ana-miannan mì‑nàdarra, do luchd-goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd-eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain,

11 A rèir soisgeul glòrmhor an Dè bheannaichte, a dh’earbadh riumsa.

12 Agus tha mi a’ toirt buidheachais do Iosa Crìosd ar Tighearna, a neartaich mi, do bhrìgh gun do mheas e mi dìleas, gam chur anns a’ mhinistrealachd;

13 A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:

14 Agus bha gràs ar Tighearna thar tomhas ro‑phailt dhomh, maille ri creideamh, agus ri gràdh a tha ann an Iosa Crìosd.

15 Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear.

16 Gidheadh, air a shon seo fhuair mi tròcair, a‑chum gum foillsicheadh Crìosd annamsa air tùs an uile fhad-fhulangas, mar eisempleir dhaibhsan a chreideadh ann, an dèidh seo, a‑chum na beatha maireannaich.

17 A‑nis don Rìgh shìorraidh, neo-thruaillidh, neo-fhaicsinneach, do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu saoghal nan saoghal. Amen.

18 An àithne seo tha mi ag earbsa riut, a Thimòteuis, a mhic, a rèir na fàidheadaireachd a rinneadh umad roimhe seo, a‑chum trìdsan gun cogadh tu deagh chogadh;

19 A’ coimhead creidimh agus deagh chogais; nì, air do chuid de dhaoine a chur uapa, rinn iad long-bhriseadh a‑thaobh a’ chreidimh.

20 Dem bheil Himenèus agus Alecsander; muinntir a thug mise thairis do Shàtan, a‑chum len smachdachadh gum fòghlamadh iad gun toibheum a labhairt.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan