Eòin 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Na dhèidh seo bha fèill nan Iùdhach ann; agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem. 2 A‑nis tha ann an Ierusalem, làimh ri geata nan caorach, lochan ris an abrar anns a’ chainnt Eabhraidhich, Betesda, aig a bheil còig taighean-fasgaidh. 3 Annta sin bha nan laighe mòr-bhuidheann de dhaoine easlan, dall, bacach, seargte, a’ feitheamh ri carachadh an uisge. 4 Oir chaidh aingeal sìos an àm àraidh anns an lochan, agus chuir e an t‑uisge troimhe chèile: uime sin an ciad neach a rachadh sìos ann, an dèidh cur troimhe chèile an uisge, rinneadh slàn e de aon tinneas a bhiodh air. 5 Agus bha duine àraidh an sin, a bha ochd-bliadhna-deug ar fhichead ann an easlaint. 6 Nuair a chunnaic Iosa esan na laighe, agus fhios aige gu robh e a‑nis ùine fhada mar sin, thubhairt e ris, Am miann leat a bhith air do dhèanamh slàn? 7 Fhreagair an duine easlan e, A Thighearna, chan eil duine agam, nuair a chuirear an t‑uisge troimhe chèile, a chuireas anns an lochan mi: ach am feadh tha mise a’ teachd, tha neach eile a’ dol sìos romham. 8 Thubhairt Iosa ris, Eirich, tog do leabaidh, agus imich. 9 Agus air ball rinneadh an duine slàn, agus thog e a leabaidh, agus dh’imich e: agus bha an t‑sàbaid ann air an là sin. 10 Uime sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris an tì a shlànaicheadh, Is i an t‑sàbaid a tha ann; chan eil e dligheach dhut do leabaidh a ghiùlan. 11 Fhreagair e iad, An tì a rinn slàn mi, thubhairt esan rium, Tog do leabaidh agus imich. 12 An sin dh’fheòraich iad dheth, Cò an duine a thubhairt riut, Tog do leabaidh agus imich? 13 Agus cha robh fhios aig an tì a shlànaicheadh cò e: oir chaidh Iosa as a shealladh, air do mhòr-shluagh a bhith anns an àite. 14 Na dhèidh seo fhuair Iosa e anns an teampall, agus thubhairt e ris, Feuch, rinneadh slàn thu: na peacaich nas mò, air eagal gun tachair nas miosa dhut. 15 Dh’imich an duine, agus dh’innis e do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa a rinn slàn e. 16 Agus air a shon seo rinn na h‑Iùdhaich geur-leanmhainn air Iosa, agus dh’iarr iad a mharbhadh, do bhrìgh gun do rinn e na nithean seo air an t‑sàbaid. 17 Ach fhreagair Iosa iad, Tha m’Athair ag obrachadh gus a‑nis, agus tha mise ag obrachadh. 18 Uime sin bu mhò a dh’iarr na h‑Iùdhaich a mharbhadh, a chionn nach e a‑mhàin gun do bhris e an t‑sàbaid, ach gun dubhairt e mar an ceudna gum b’e Dia a Athair-san, ga dhèanamh fhèin co‑ionann ri Dia. 19 Air an adhbhar sin fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil am Mac comasach air nì sam bith a dhèanamh uaithe fhèin, ach an nì a chì e an t‑Athair a’ dèanamh: oir ge bè nithean a nì esan, na nithean sin fhèin nì am Mac mar an ceudna. 20 Oir is ionmhainn leis an Athair am Mac, agus tha e a’ foillseachadh dha nan uile nithean a tha e fhèin a’ dèanamh: agus foillsichidh e dha obraichean as mò na iad seo, air chor is gum bi iongantas oirbhse. 21 Oir mar tha an t‑Athair a’ dùsgadh, agus a’ beothachadh nam marbh, is amhail sin a tha am Mac a’ beothachadh an dream as àill leis. 22 Oir chan eil an t‑Athair a’ toirt breith air duine sam bith; ach thug e gach uile bhreitheanas don Mhac: 23 A‑chum gun tugadh na h‑uile dhaoine urram don Mhac, amhail a tha iad a’ toirt urraim don Athair. An tì nach eil a’ toirt urraim don Mhac, chan eil e a’ toirt urraim don Athair a chuir uaithe e. 24 Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha. 25 Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil an uair a’ teachd, agus gu bheil i a‑nis ann, anns an cluinn na mairbh guth Mac Dhè: agus an dream a chluinneas, bidh iad beò. 26 Oir mar a tha aig an Athair beatha ann fhèin, is amhail sin a thug e don Mhac beatha a bhith aige ann fhèin; 27 Agus thug e mar an ceudna dha ùghdarras a‑chum breith a thabhairt, do bhrìgh gur e Mac an Duine. 28 Na gabhaibh iongantas dheth seo; oir tha an uair a’ teachd, anns an cluinn iadsan uile a tha anns na h‑uaighean a ghuth-san: 29 Agus thèid iad a‑mach; iadsan a rinn math, a‑chum aiseirigh na beatha; agus iadsan a rinn olc, a‑chum aiseirigh an damnaidh. 30 Chan eil mise comasach air nì sam bith a dhèanamh uam fhèin: mar a chluinneas mi bheir mi breith: agus tha mo bhreitheanas ceart; do bhrìgh nach eil mi ag iarraidh mo thoile fhèin, ach toil an Athar a chuir uaithe mi. 31 Ma bheir mise fianais mum thimcheall fhèin, chan eil m’fhianais fìor. 32 Tha neach eile a’ toirt fianais mum thimcheall, agus tha fhios agam gur fìor an fhianais a tha e a’ dèanamh mum thimcheall. 33 Chuir sibhse a‑chum Eòin, agus thug e fianais don fhìrinn. 34 Ach chan eil mise a’ gabhail fianais o dhuine: ach tha mi ag ràdh nan nithean seo, a‑chum gum bi sibhse air ur tèarnadh. 35 B’esan an lòchran lasrach agus dealrach: agus bha sibhse toileach car tamaill gàirdeachas a dhèanamh na sholas. 36 Ach tha agamsa fianais as mò na fianais Eòin: oir na h‑obraichean a thug an t‑Athair dhòmhsa a‑chum gun crìochnaichinn iad, tha na h‑obraichean sin fhèin a tha mise a’ dèanamh a’ toirt fianais mum thimcheall, gun do chuir an t‑Athair uaithe mi. 37 Agus an t‑Athair fhèin a chuir uaithe mi, thug e fianais mum thimcheall. Cha chuala sibh riamh a ghuth, cha mhò a chunnaic sibh a choslas. 38 Agus chan eil a fhacal-san agaibh a’ gabhail còmhnaidh annaibh: oir an tì sin a chuir esan uaithe, chan eil sibh ga chreidsinn. 39 Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall-sa. 40 Gidheadh chan àill leibh teachd am ionnsaigh-sa, a‑chum gum faigheadh sibh beatha. 41 Chan eil mise a’ gabhail urraim o dhaoine. 42 Ach is aithne dhomh sibhse, nach eil gràdh Dhè agaibh annaibh. 43 Thàinig mise ann an ainm m’Athar, agus chan eil sibh a’ gabhail rium: ma thig neach eile na ainm fhèin, gabhaidh sibh ris-san. 44 Cionnas a dh’fhaodas sibh creidsinn, a tha a’ gabhail urraim o chèile, agus nach eil ag iarraidh an urraim a thig o Dhia a‑mhàin? 45 Na saoilibh gun dèan mise ur casaid ris an Athair: tha aon a tha a’ dèanamh casaid oirbh, Maois, anns a bheil sibh a’ cur ur dòchais. 46 Oir nan creideadh sibh Maois, chreideadh sibh mise: oir sgrìobh esan mum thimcheall. 47 Ach mura creid sibh a sgrìobhadh-san, cionnas a chreideas sibh mo bhriathran-sa? |