Marcus 1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Toiseach soisgeul Iosa Crìosd, Mac Dhè: 2 A rèir mar tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad. 3 Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach. 4 Bha Eòin a’ baisteadh anns an fhàsach, agus a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais a‑chum maitheanas pheacaidhean. 5 Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean. 6 Agus bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, agus crios leathair ma leasraidh; agus bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich. 7 Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr-iall a bhròg fhuasgladh. 8 Bhaist mise gu dearbh sibh le uisge: ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh. 9 Agus thàrladh anns na làithean sin gun tàinig Iosa o Nàsaret Ghalile, agus bhaisteadh e le Eòin ann an Iòrdan. 10 Agus air ball, nuair a chaidh e suas as an uisge, chunnaic e na nèamhan air am fosgladh, agus an Spiorad mar chalaman a’ teachd a‑nuas air. 11 Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd. 12 Agus air ball, tharraing an Spiorad e don fhàsach. 13 Agus bha e an sin anns an fhàsach dà‑fhichead là air a bhuaireadh le Sàtan, agus bha e maille ris na fiadh-bheathaichean, agus fhritheil na h‑aingil dha. 14 Agus an dèidh do Eòin a bhith air a chur am prìosan, thàinig Iosa do Ghalile, a’ searmonachadh soisgeul rìoghachd Dhè, 15 Agus ag ràdh, Choileanadh an aimsir, agus tha rìoghachd Dhè am fagas; dèanaibh-se aithreachas, agus creidibh an soisgeul. 16 Agus air dha a bhith ag imeachd ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e Sìmon, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge; oir b’iasgairean iad. 17 Agus thubhairt Iosa riu, Thigibh am dhèidh-sa, agus nì mi nur n‑iasgairean air daoine sibh. 18 Agus air ball dh’fhàg iad an lìn, agus lean iad esan. 19 Agus nuair a chaidh e beagan air aghaidh as a sin chunnaic e Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, agus iad anns an luing a’ càradh an lìon. 20 Agus air ball ghairm e iad; agus dh’fhàg iad Sebede an athair anns an luing maille ris an luchd-tuarasdail, agus lean iad esan. 21 Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum; agus air ball air dha dol a‑steach don t‑sionagog air an t‑sàbaid, theagaisg e. 22 Agus ghabh iad iongantas ra theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b’ann mar na sgrìobhaichean. 23 Agus bha nan sionagog-san neach anns an robh spiorad neòghlan, agus ghlaodh e, 24 Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè. 25 Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as. 26 Agus nuair a reub an spiorad neòghlan e, agus a ghlaodh e le guth àrd, thàinig e a‑mach as. 27 Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha. 28 Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile. 29 Agus gun dàil, air dhaibh dol a‑mach as an t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin agus Anndrais, maille ri Seumas agus Eòin. 30 Ach bha màthair-chèile Shìmoin na laighe ann am fiabhras; agus ghrad labhair iad ris uimpe. 31 Agus thàinig esan agus thog e i, a’ breith air làimh oirre: agus air ball dh’fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh. 32 Agus nuair a bha am feasgar ann, air don ghrèin dol fodha, thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus iadsan anns an robh deamhan. 33 Agus bha am baile uile air a chruinneachadh a‑chum an dorais. 34 Agus leighis e mòran air an robh iomadh gnè eucail, agus thilg e a‑mach mòran dheamhan, agus cha d’fhulaing e do na deamhain labhairt, airson gum b’aithne dhaibh e. 35 Agus air dha èirigh anns a’ mhadainn, fada ro là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail, agus rinn e ùrnaigh an sin. 36 Agus lean Sìmon, agus an dream a bha maille ris, e. 37 Agus air fhaotainn dhaibh thubhairt iad ris, Tha gach uile neach gad iarraidh. 38 Agus thubhairt esan riu, Rachamaid a dh’ionnsaigh nam bailtean eile làimh rinn, a‑chum gun searmonaich mi an sin mar an ceudna: oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mise a‑mach. 39 Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain. 40 Agus thàinig lobhar da ionnsaigh, a’ guidhe air, agus a’ lùbadh a ghlùin dha, agus ag ràdh ris, Mas àill leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan. 41 Agus ghabh Iosa truas mòr dheth, agus air sìneadh a‑mach a làimhe, bhean e ris, agus thubhairt e ris, Is àill leam; bi‑sa glan. 42 Agus cho luath is a labhair e, air ball dh’fhalbh an luibhre uaithe, agus rinneadh glan e. 43 Agus thug e geur-òrdagh dha, agus air ball chuir e air falbh e; 44 Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh. 45 Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird. |