Eabhraidhich 7 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Oir b’e am Melchisedec seo rìgh Shàleim, sagart an Dè as ro‑àirde, neach a choinnich Abrahàm a’ tilleadh o àr nan rìghrean, agus a bheannaich e; 2 Don tug Abrahàm eadhon deicheamh den uile: neach as e air tùs, air eadar-theangachadh, rìgh na fìreantachd, agus na dhèidh sin mar an ceudna, rìgh Shàleim, is e sin rìgh na sìthe; 3 Gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dhèanamh cosmhail ri Mac Dhè, tha e a’ fantainn na shagart gu sìorraidh. 4 A‑nis thugaibh an aire cia mòr an duine seo, don tug eadhon am prìomh-athair Abrahàm an deicheamh den chreich. 5 Agus gu deimhinn iadsan de chloinn Lèbhi, a tha a’ faotainn na sagartachd, tha àithne aca deicheamh a thogail on t‑sluagh a rèir an lagha, sin ri ràdh, om bràithrean fhèin, ged thàinig iad a‑mach à leasraidh Abrahàim: 6 Ach an tì nach eil air a shloinneadh uapasan, fhuair e deicheamh o Abrahàm, agus bheannaich e esan aig an robh na geallaidhean. 7 Agus gun ag sam bith, beannaichear an tì as lugha leis an tì as fheàrr. 8 Agus an seo tha daoine a gheibh bàs a’ faotainn deichimh: ach an sin an tì aig a bheil fianais gu bheil e beò. 9 Agus mar a dh’fhaodas mi a ràdh, fhuaireadh ann an Abrahàm deicheamh o Lèbhi fhèin, a thogas an deicheamh: 10 Oir bha e fhathast ann an leasraidh a athar, nuair a choinnich Melchisedec e. 11 A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin? 12 Oir air don t‑sagartachd a bhith air a h‑atharrachadh, is èiginn an lagh a bhith air atharrachadh mar an ceudna. 13 Oir an tì air an labhrar na nithean sin, buinidh e do threubh eile, de nach do rinn aon neach frithealadh aig an altair. 14 Oir is soilleir gur ann o Iùdah a dh’èirich ar Tighearna, treubh air nach do labhair Maois nì air bith a‑thaobh sagartachd. 15 Agus tha e fhathast nas ro‑shoilleire, a mheud gun d’èirich sagart eile a rèir coslas Mhelchisedeic, 16 A rinneadh na shagart, chan ann a rèir lagh àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha gun chrìoch. 17 Oir tha e a’ dèanamh fianais gur sagart thu gach linn a rèir òrdagh Mhelchisedeic. 18 Oir gu deimhinn tha an àithne roimhe air a cur air cùl, airson i a bhith anfhann agus neo-thairbheach. 19 Oir cha do rinn an lagh nì sam bith foirfe, ach rinn toirt a‑steach dòchais as fheàrr e; tre a bheil sinn a’ teachd am fagas do Dhia. 20 Agus a mheud nach do rinneadh sagart dheth gun mhionnan; 21 (Oir rinneadh sagartan dhiubh-san as eugmhais mhionnan: ach dhethsan le mionnan, tre an tì a thubhairt ris, Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu sìorraidh, a rèir òrdagh Mhelchisedeic;) 22 Is cho mòr is sin a rinneadh Iosa na urras air coicheangal as fheàrr. 23 Agus bha gu deimhinn mòran dhiubhsan nan sagartan, do bhrìgh gun do bhacadh dhaibh leis a’ bhàs a bhith maireann: 24 Ach an duine seo, do bhrìgh gum mair e gu sìorraidh, tha sagartachd neo-chaochlaideach aige. 25 Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son. 26 Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan; 27 Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt. 28 Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh. |