Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 42 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.

2 Cha ghlaodh e, agus cha tog e iolach; agus cha chluinnear a ghuth anns na sràidean.

3 A’ chuilc bhrùite cha bhris e, agus an lìon dem bheil caol smùid cha mhùch e; foillsichidh e breitheanas a‑chum fìrinn.

4 Cha tig fàilling no briseadh air gus an suidhich e breitheanas air an talamh; agus feithidh na h‑eileanan air a lagh.

5 Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:

6 Ghairm mise Iehòbhah thu ann am fìreantachd, agus gabhaidh mi greim ded làimh, agus gleidhidh mi thu; agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh, mar sholas do na cinnich;

7 A dh’fhosgladh nan sùilean dall; a thabhairt nam prìosanach a‑mach as a’ phrìosan, agus na muinntir a tha nan suidhe ann an dorchadas à taigh na daorsa.

8 Is mise Iehòbhah, is e sin m’ainm: agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile, no mo chliù do dhealbhan snaidhte.

9 Feuch na seann nithean, thàinig iad gu crìch, agus nithean nuadha cuiridh mi an cèill; mum bris iad a‑mach, foillsichidh mi dhuibh iad.

10 Seinnibh don Tighearna òran nuadh; seinnibh a chliù o iomall na talmhainn; sibhse a bhios a’ dol air cuan, agus na h‑uile a tha ga lìonadh; eileanan, agus na h‑uile a tha a chòmhnaidh annta.

11 Togadh am fàsach iolach, agus na bailtean a tha ann; na bailtean beaga, luchd-àiteachaidh Chedair; dèanadh luchd-àiteachaidh na creige co‑ghàir; o mhullach nan slèibhtean togadh iad iolach.

12 Thugadh iad glòir don Tighearna, agus cuireadh iad an cèill a chliù am measg nan eilean.

13 Mar threun-fhear thèid an Tighearna a‑mach; mar fhear-cogaidh dùisgidh e suas eud: glaodhaidh e, seadh togaidh e iolach; nì e gaisge an aghaidh a naimhdean.

14 Dh’fhan mi fada sàmhach, bha mi am thosd, chùm mi orm fhèin; a‑nis èighidh mi mar mhnaoi ri saothair; sgriosaidh mi, agus ithidh mi suas maraon.

15 Cuiridh mi fàs slèibhtean, agus tiormaichidh mi am feur uile; nì mi na h‑aibhnichean nan eileanan, agus tiormaichidh mi na linneachan uisge.

16 Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad.

17 Tillear air an ais, nàraichear gu tur, iadsan a tha a’ cur an dòchais ann an dealbh snaidhte; a tha ag ràdh ris na dealbhan leaghte, Is sibhse ar diathan-ne.

18 Cluinnibh, sibhse a tha bodhar; agus a dhaoine dall, amhaircibh a‑chum gum faic sibh.

19 Cò a tha dall ach m’òglach-sa, no bodhar mar an teachdaire a chuir mi uam? Cò a tha dall mar esan a tha iomlan, no dall mar òglach an Tighearna?

20 Tha thu a’ faicinn iomadh nì, ach chan eil thu a’ tabhairt fa‑near; tha do chluasan fosgailte, ach gun a bhith a’ cluinntinn.

21 Tha an Tighearna gràsmhor air sgàth a fhìrinn fhèin; àrdaichidh e an lagh, agus cuiridh e urram air.

22 Ach is sluagh seo a tha spùinnte agus creachte; tha iad uile air an glacadh ann an slocan, agus air an druideadh a‑steach ann am prìosanan; rinneadh iad nan cobhartach, agus chan eil neach gan tèarnadh; nan creich, agus chan eil neach a their, Thoir air ais.

23 Cò nur measg a dh’èisdeas ri seo; a bheir fa‑near, agus a ghabhas suim as an àm ri teachd?

24 Cò a thug Iàcob mar chobhartach, agus Israel don luchd-creachaidh? Nach b’e an Tighearna, esan an aghaidh an do pheacaich iad, agus nach b’àill leo gluasad na shlighean, cha mhò a thug iad gèill da reachd?

25 Air an adhbhar sin dhòirt e air teas a chorraich, agus neart a’ chatha; agus dh’fhadaich e teine mun cuairt dha, ach cha do thuig e; agus loisg e e, gidheadh cha tug e fa‑near.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan