Taisbeanadh 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh-chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan. 2 Agus chunnaic mi aingeal treun a’ gairm le guth àrd, Cò as airidh air an leabhar fhosgladh, agus air a sheulachan fhuasgladh? 3 Agus cha robh aon neach air nèamh, no air thalamh, no fon talamh, comasach air an leabhar fhosgladh, no sealltainn air. 4 Agus ghuil mi gu mòr, do bhrìgh nach d’fhuaireadh aon neach a b’airidh air an leabhar fhosgladh, agus a leughadh, no sealltainn air. 5 Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh. 6 Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile. 7 Agus thàinig e, agus ghlac e an leabhar à deaslàimh an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair. 8 Agus nuair a ghlac e an leabhar, thuit na ceithir beò-chreutairean, agus na ceithir-seanairean-fichead, sìos an làthair an Uain, agus aig gach aon dhiubh clàrsaichean, agus tùis-shoithichean òir làn tùise, nì as e ùrnaighean nan naomh. 9 Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach; 10 Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh. 11 Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi guth mòran aingeal timcheall na rìgh-chathrach, agus nam beò-chreutairean, agus nan seanairean; agus b’e an àireamh deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean: 12 Ag ràdh le guth àrd, Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd, agus saoibhreas, agus gliocas, agus neart, agus urram, agus glòir, agus moladh fhaotainn. 13 Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal. 14 Agus thubhairt na ceithir beò-chreutairean, Amen. Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal. |