Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 28 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An dèidh na sàbaid, aig briseadh na fàire air a’ chiad là den t‑seachdain, thàinig Muire Magdalen, agus a’ Mhuire eile, a dh’fhaicinn na h‑uaighe.

2 Agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; oir thàinig aingeal an Tighearna a‑nuas o nèamh, agus air teachd dha, charaich e a’ chlach on doras, agus shuidh e oirre.

3 Agus bha a ghnùis mar dhealanach, agus a aodach geal mar shneachd.

4 Agus air eagal roimhe chriothnaich an luchd-coimhead, agus chaidh iad an riochd mairbh.

5 Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh.

6 Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe.

7 Agus imichibh gu luath, agus innsibh da dheisciobail gun d’èirich e o na mairbh: agus, feuch, tha e a’ dol romhaibh do Ghalile; an sin chì sibh e; feuch, thubhairt mise ribh e.

8 Agus dh’imich iad gu luath on uaigh, le eagal agus mòr-ghàirdeachas, agus ruith iad a dh’innse da dheisciobail.

9 Agus ag imeachd dhaibhsan a dh’innse da dheisciobail, feuch, thachair Iosa fhèin orra, ag ràdh, Fàilte dhuibh. Agus thàinig iad am fagas dha, agus rug iad air a chasan, agus rinn iad adhradh dha.

10 An sin thubhairt Iosa riu, Na biodh eagal oirbh: imichibh, abraibh rim bhràithrean iadsan a dhol do Ghalile, agus an sin chì iad mi.

11 Agus nuair a bha iadsan ag imeachd, feuch, thàinig cuid den luchd-faire don bhaile, agus nochd iad do na h‑àrd-shagartan gach nì a thachair.

12 Agus air cruinneachadh dhaibhsan an ceann a chèile maille ris na seanairean, agus air gabhail comhairle dhaibh, thug iad mòran airgid do na saighdearan,

13 Ag ràdh, Abraibh-se gun tàinig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun do ghoid iad e, nuair a bha sinne nar cadal.

14 Agus ma chluinneas an t‑uachdaran seo, cuiridh sinne impidh air, agus nì sinn sibhse tèarainte.

15 Agus ghabh iad an t‑airgead, agus rinn iad mar a theagaisgeadh dhaibh: agus tha a’ chainnt seo air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an là‑an‑diugh.

16 An sin chaidh an t‑aon-deisciobal-deug do Ghalile, don bheinn far an d’òrdaich Iosa dhaibh.

17 Agus nuair a chunnaic iad e, rinn iad adhradh dha: ach bha cuid aca fo amharas.

18 Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.

19 Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;

20 A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan