Salm 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Carson a ghabh na cinnich boile, agus a smaoinich na slòigh nì dìomhain? 2 Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte-san, ag ràdh, 3 Briseamaid o chèile an cuibhreach, agus tilgeamaid dhinn an cuing? 4 An tì a tha na shuidhe air nèamh, nì e gàire; nì an Tighearna fanaid orra. 5 An sin labhraidh e riu na fheirg, agus na chorraich cuiridh e uamhann orra. 6 Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa. 7 Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac-sa; an‑diugh ghin mi thu. 8 Iarr orm, agus bheir mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan na talmhainn mar sheilbh. 9 Brisidh tu iad le slait iarainn; mar shoitheach creadhadair, pronnaidh tu iad nam bloighdean. 10 A‑nis, matà, a rìghrean, bithibh glic; gabhaibh fòghlam, a bhritheamhan na talmhainn. 11 Dèanaibh seirbhis don Tighearna le eagal, agus dèanaibh gàirdeachas le ball-chrith. 12 Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as. |