Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Thugaibh an aire nach toir sibh ur dèirc am fianais dhaoine, a‑chum gum faicear leo sibh; no chan fhaigh sibh duais o ur n‑Athair a tha air nèamh.

2 Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

3 Ach nuair a bheir thusa dèirc, na biodh fhios aig do làimh chlì ciod a tha do làmh dheas a’ dèanamh;

4 A‑chum gum bi do dhèirc an uaigneas: agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.

5 Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

6 Ach thusa, nuair a nì thu ùrnaigh, imich a‑steach dod sheòmar, agus air dùnadh do dhorais dhut, dèan ùrnaigh rid Athair a tha ann an uaigneas, agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.

7 Ach nuair a nì sibh ùrnaigh na gnàthaichibh ath-iarrtasan dìomhain, mar na cinnich: oir saoilidh iadsan gun èisdear riu airson lìonmhorachd am briathar.

8 Uime sin na bithibh-se cosmhail riu: oir tha fhios aig ur n‑Athair cia iad na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirbh, mun iarr sibh air iad.

9 Air an adhbhar sin dèanaibh-se ùrnaigh air a’ mhodh seo: Ar n‑Athair a tha air nèamh, Gu naomhaichear d’ainm.

10 Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil air an talamh, mar a nìthear air nèamh.

11 Tabhair dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil.

12 Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.

13 Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

14 Oir ma mhaitheas sibh an cionta do dhaoine, maithidh ur n‑Athair nèamhaidh dhuibhse mar an ceudna:

15 Ach mura maith sibh an cionta do dhaoine, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair dhuibh-se ur cionta.

16 Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca.

17 Ach thusa, nuair a nì thu trasgadh, cuir ola air do cheann, agus ionnail d’aghaidh:

18 A‑chum nach faicear le daoine gu bheil thu a’ dèanamh trasgaidh, ach led Athair a tha ann an uaigneas; agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.

19 Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad.

20 Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich.

21 Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, is ann an sin a bhios ur cridhe mar an ceudna.

22 Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin ma bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais.

23 Ach ma bhios do shùil gu h‑olc, bidh do chorp uile dorcha. Air an adhbhar sin, ma tha an solas a tha annad na dhorchadas, cia mòr an dorchadas sin!

24 Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.

25 Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach?

26 Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan?

27 Agus cò agaibh le mòr-chùram a dh’fhaodas aon làmh-choille a chur ra àirde fhèin?

28 Agus carson a tha sibh ro‑chùramach mu thimcheall ur culaidh? Fòghlamaibh cionnas a tha na lilidhean a’ fàs anns a’ mhachair; cha saothraich iad, agus cha snìomh iad.

29 Gidheadh tha mise ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na uile ghlòir air èideadh mar aon dhiubh seo.

30 Air an adhbhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feur na machrach a tha an‑diugh ann, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh?

31 Uime sin na bithibh làn de chùram, ag ràdh, Ciod a dh’itheas sinn, no ciod a dh’òlas sinn, no ciod a chuireas sinn umainn?

32 (Oir iad seo uile iarraidh na Cinnich); oir tha fhios aig ur n‑Athair nèamhaidh gu bheil feum agaibhse air na nithean seo uile.

33 Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

34 Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan