Lùcas 17 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin thubhairt e ra dheisciobail, Chan fhaodar nach tig oilbheuman: ach is an‑aoibhinn dhàsan tron tig iad. 2 B’fheàrr dha gum biodh clach-mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge, na gun tugadh e oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo. 3 Thugaibh an aire dhuibh fhèin: ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, cronaich e; agus ma ghabhas e aithreachas, thoir maitheanas dha. 4 Agus ma pheacaicheas e ad aghaidh seachd uairean anns an là, agus gun till e riut seachd uairean anns an là, ag ràdh, Tha aithreachas orm; thoir maitheanas dha. 5 Agus thubhairt na h‑Abstoil ris an Tighearna, Meudaich ar creideamh. 6 Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh. 7 Ach cò agaibhse aig a bheil seirbhiseach a’ treabhadh, no a’ buachailleachd, a their ris, an dèidh dha teachd a‑steach on fhearann, Thig air ball, agus suidh sìos a‑chum bìdh? 8 Agus nach dòcha e a ràdh ris, Ullaich nì a ghabhas mise gum shuipeir, agus crioslaich thu fhèin, agus fritheil dhomh, gus an ith agus an òl mi; agus na dhèidh sin ithidh agus òlaidh tusa? 9 An toir e buidheachas don t‑seirbhiseach sin do bhrìgh gun do rinn e na nithean a dh’òrdaicheadh dha? Cha saoil mi gun toir. 10 Mar sin sibhse, nuair a nì sibh na h‑uile nithean a dh’àithneadh dhuibh, abraibh, Is seirbhisich neo-thairbheach sinn: oir rinn sinn a‑mhàin an nì a bu dligheach dhuinn a dhèanamh. 11 A‑nis, a’ dol suas dha gu Ierusalem, chaidh e tro mheadhon Shamaria agus Ghalile. 12 Agus nuair a bha e a’ dol a‑steach do bhaile àraidh, thachair deichnear dhaoine air a bha nan lobhair, a sheas fada uaithe: 13 Agus thog iad suas an guth, ag ràdh, Iosa, a Mhaighistir, dèan tròcair oirnn. 14 Agus nuair a chunnaic e iad, thubhairt e riu, Imichibh, nochdaibh sibh fhèin do na sagartan. Agus ag imeachd dhaibh, ghlanadh iad. 15 Agus nuair a chunnaic aon dhiubh gun do lèighseadh e, thill e air ais, a’ toirt glòire do Dhia le guth àrd. 16 Agus thuit e air a aghaidh aig a chasan-san, a’ toirt buidheachais dha: agus bu Shamaritanach e. 17 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Nach do ghlanadh deichnear; ach an naoinear, càit a bheil iad? 18 Cha d’fhuaireadh a thill a thoirt glòire do Dhia, ach an coigreach seo. 19 Agus thubhairt e ris, Eirich, imich; shlànaich do chreideamh thu. 20 Agus nuair a dh’fheòraich na Pharasaich dheth cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad agus thubhairt e, Cha tig rìoghachd Dhè air chor gum mothaichear i. 21 Cha mhò a their iad, Feuch an seo, no, Feuch an sin: oir feuch, tha rìoghachd Dhè an taobh a‑staigh dhibh. 22 Agus thubhairt e ris na deisciobail, Thig na làithean anns am miannach leibh aon de làithean Mac an Duine fhaicinn, agus chan fhaic sibh e. 23 Agus their iad ribh, Feuch an seo, no, Feuch an siud: na rachaibh, agus na leanaibh iad. 24 Oir mar a tha an dealanach a dhealraicheas o aon ionad fo nèamh, a’ soillseachadh gus an t‑ionad eile fo nèamh, mar sin bidh Mac an Duine mar an ceudna na là fhèin. 25 Ach is èiginn dha air tùs mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis a’ ghinealach seo. 26 Agus mar a bha e ann an làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh e ann an làithean Mac an Duine: 27 Bha iad ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach don àirc: agus thàinig an dìle, agus sgrios i iad uile. 28 Amhail fòs mar a thachair ann an làithean Lot; bha iad ag ithe agus ag òl, a’ ceannach agus a’ reic, a’ planndachadh agus a’ togail aitreibh: 29 Ach air an là sin fhèin anns an deachaidh Lot a‑mach à Sòdom, fhrasadh teine agus pronnasg o nèamh, agus sgrios e iad uile. 30 Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine. 31 Anns an là sin, an tì a bhios air mullach an taighe, agus a àirneis anns an taigh, na tigeadh e a‑nuas gu a toirt leis: agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh esan air ais mar an ceudna. 32 Cuimhnichibh bean Lot. 33 Ge bè neach a dh’iarras a bheatha fhèin a thèarnadh, caillidh e i; agus ge bè neach a chailleas a bheatha, gleidhidh esan i. 34 Tha mi ag ràdh ribh, anns an oidhche sin bidh dithis dhaoine anns an aon leabaidh; gabhar aon dhiubh, agus fàgar am fear eile. 35 Bidh dithis bhan a’ bleith cuideachd; gabhar aon dhiubh agus fàgar a’ bhean eile. 36 Bidh dithis dhaoine anns a’ mhachair; gabhar aon dhiubh agus fàgar am fear eile. 37 Agus fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Càit, a Thighearna? Agus thubhairt esan riu, Ge bè àite anns am bi an corp, an sin cruinnichear na h‑iolairean. |