Mata 21 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus nuair a dhruid iad ri Ierusalem, agus a thàinig iad gu Betphage, gu Sliabh nan Crann-ola, an sin chuir Iosa dithis de a dheisciobail uaithe, 2 Ag ràdh riu, Rachaibh don bhaile a tha thall fa ur comhair, agus air ball gheibh sibh asal ceangailte ann, agus loth maille rithe: fuasglaibh, agus thugaibh am ionnsaigh iad. 3 Agus ma labhras aon duine nì air bith ribh, abraibh gu bheil feum aig an Tighearna orra; agus cuiridh e uaithe air ball iad. 4 Rinneadh na nithean seo uile, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh ag ràdh, 5 Innsibh do nighean Shioin, Feuch, tha do Rìgh a’ teachd ad ionnsaigh gu ciùin, agus e na shuidhe air asail, agus air searrach, mac na h‑asail. 6 Agus dh’imich na deisciobail, agus rinn iad mar a dh’àithn Iosa dhaibh; 7 Agus thug iad an asal agus an loth leo, agus chuir iad am fallaingean orra, agus chuir iad esan na shuidhe air am muin. 8 Agus sgaoil mòr-shluagh am fallaingean air an t‑slighe; agus gheàrr dream eile geugan de na craobhan, agus leag iad air an t‑slighe iad. 9 Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan! 10 Agus nuair a thàinig e a‑steach do Ierusalem, ghluaiseadh am baile uile, ag ràdh, Cò e seo? 11 Agus thubhairt an sluagh, Is e seo Iosa, am fàidh o Nàsaret Ghalile. 12 Agus chaidh Iosa a‑steach do theampall Dhè, agus thilg e a‑mach iadsan uile a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall, agus thilg e bùird luchd-malairt an airgid thairis, agus cathraichean luchd-reic nan calaman, 13 Agus thubhairt e riu, Tha e sgrìobhte, Goirear taigh ùrnaigh dem thaigh-sa; ach rinn sibhse na gharaidh luchd-reubainn e. 14 Agus thàinig na doill agus na bacaich da ionnsaigh anns an teampall, agus shlànaich e iad. 15 Agus nuair a chunnaic na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean na gnìomharan iongantach a rinn e, agus a’ chlann a’ glaodhaich anns an teampall, agus ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh, bha corraich mhòr orra, 16 Agus thubhairt iad ris, An cluinn thu ciod a tha a’ mhuinntir sin ag ràdh? Agus thubhairt Iosa riu, Tha mi a’ cluinntinn; nach do leugh sibhse riamh, A beul naoidhean agus chìochran choilean thu moladh? 17 Agus nuair a dh’fhàg e iad, chaidh e a‑mach as a’ bhaile gu Betani, agus dh’fhan e an sin. 18 Agus nuair a thill e a‑chum a’ bhaile anns a’ mhadainn, bha acras air. 19 Agus air dha crann-fìge fhaicinn air an t‑slighe, thàinig e da ionnsaigh, agus cha d’fhuair e nì air bith air, ach duilleach a‑mhàin; agus thubhairt e ris, Na fàsadh toradh o seo suas gu bràth ort. Agus chrìon an crann-fìge air ball. 20 Agus nuair a chunnaic na deisciobail e, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia luath a shearg an crann-fìge as! 21 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas, chan e a‑mhàin gun dèan sibh an nì a rinneadh air a’ chrann-fìge, ach mar an ceudna ma their sibh ris a’ bheinn seo, Bi air do thogail, agus air do thilgeadh anns an fhairge, bidh e dèante: 22 Agus ge bè air bith nithean a dh’iarras sibh nur n‑ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad. 23 Agus nuair a thàinig e don teampall, thàinig na h‑àrd-shagartan agus seanairean a’ phobaill da ionnsaigh, agus e a’ teagasg, ag ràdh ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thusa a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug an cumhachd seo dhut? 24 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse, agus ma dh’inneas sibh dhomh e, innsidh mise dhuibhse, air mhodh ceudna, ciod an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. 25 Baisteadh Eòin, cia as a thàinig e? O nèamh, no o dhaoine? Ach reusonaich iadsan nam measg fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh, their esan rinn, Carson, mas eadh, nach do chreid sibh e? 26 Ach ma their sinn, O dhaoine, tha eagal a’ phobaill oirnn; oir tha meas fàidh aig gach uile dhuine air Eòin. 27 Agus fhreagair iad Iosa, agus thubhairt iad, Chan eil fhios againn. Agus thubhairt esan riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. 28 Ach ciod i ur barail-se? Bha aig duine àraidh dithis mhac, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a’ chiad mhic, agus thubhairt e, A mhic, imich, dèan obair an‑diugh ann am ghàrradh-fìona. 29 Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Cha dèan: ach na dhèidh sin, ghabh e aithreachas agus dh’imich e. 30 Agus thàinig e gus an dara mac, agus thubhairt e mar an ceudna. Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Thèid, a thighearna; gidheadh, cha deachaidh e. 31 Cò den dithis a rinn toil a athar? Thubhairt iadsan ris, An ciad fhear. Thubhairt Iosa riu, Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun tèid na cìs-mhaoir agus na strìopaichean do rìoghachd Dhè romhaibhse. 32 Oir thàinig Eòin dur n‑ionnsaigh air slighe na fìreantachd agus cha do chreid sibh e: ach chreid na cìs-mhaoir agus na strìopaichean e. Agus ged a chunnaic sibhse seo, cha do ghabh sibh aithreachas na dhèidh sin, a‑chum gun creideadh sibh e. 33 Eisdibh ri cosamhlachd eile: Bha fear-taighe àraidh ann, a phlanndaich fìonlios, agus chuir e gàrradh ma thimcheall, agus chladhaich e ionad-bruthaidh an fhìona ann, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e fhèin air choigrich. 34 Agus nuair a dhruid riu àm an toraidh, chuir e a sheirbhisich a dh’ionnsaigh na tuatha, a dh’fhaotainn a thoraidh. 35 Agus rug an tuath air a sheirbhisich, agus ghabh iad air fear dhiubh, agus mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile. 36 A‑rìs, chuir e seirbhisich eile uaithe, tuilleadh na anns a’ chiad chuideachd; agus rinn iad orrasan mar an ceudna. 37 Ach mu dheireadh, chuir e a mhac fhèin dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac. 38 Ach nuair a chunnaic an tuath am mac, thubhairt iad eatorra fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus glacamaid a oighreachd-san dhuinn fhèin. 39 Agus rug iad air, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e, agus mharbh iad e. 40 Air an adhbhar sin, nuair a thig tighearna an fhìonlios sin, ciod a nì e ris an tuath sin? 41 Thubhairt iad ris, Sgriosaidh e gu truagh na droch dhaoine sin, agus suidhichidh e am fìonlios air tuath eile, a bheir a thoradh dha na aimsir fhèin. 42 Thubhairt Iosa riu, Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobtairean, A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i na cloich-chinn na h‑oisne: is e an Tighearna a rinn seo, agus tha e iongantach nar sùilean-ne? 43 Uime sin tha mi ag ràdh ribh gun toirear rìoghachd Dhè uaibhse, agus gun toirear do chinneach eile i, a bheir a toradh uapa. 44 Agus ge bè neach a thuiteas air a’ chloich seo, brisear e; ach ge bè air an tuit i, nì i mìn-luaithre dheth. 45 Agus nuair a chuala na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich a chosamhlachdan-san, thuig iad gum b’ann mun timcheall fhèin a labhair e. 46 Ach nuair a bu mhiann leo breith air, bha eagal a’ phobaill orra, oir bha meas fàidh acasan air. |