Micah 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis cruinnich thu fhèin ann am buidhnean, O nighean bhuidhnean: chuartaich iad le feachd sinn; bhuail iad le slait air a’ ghiall britheamh Israeil. 2 Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd. 3 Air an adhbhar sin bheir e thairis iad, gus an t‑àm anns an toir ise a tha gu leanabh a bhreith dhachaigh clann; agus gus an iompaichear fuidheall am bràithrean, maille ri mic Israeil. 4 Agus seasaidh e, agus ionaltraidh e a threud ann an neart an Tighearna; ann am mòrachd ainm an Tighearna a Dhia; agus bidh iadsan air an iompachadh: oir a‑nis bidh esan mòr gu ruig crìochan na talmhainn. 5 Agus bidh esan na shìth. Nuair a thig an t‑Asirianach dar tìr, agus a shaltras e nar lùchairtean, an sin togaidh sinn na aghaidh seachd buachaillean, agus ochd cinn-fheadhna sluaigh. 6 Agus cuiridh iad fearann Asiria fàs leis a’ chlaidheamh, eadhon fearann Nimroid na dhol a‑steach: mar seo saoraidh iad sinn on Asirianach nuair a thig e a‑chum ar fearainn, agus nuair a shaltras e an taobh a‑staigh dar crìochan. 7 Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg mòran shluagh, mar an drùchd on Tighearna, mar na frasan air an fheur, nach feith ri duine, agus nach fan ri mic dhaoine. 8 Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg nan cinneach, am meadhon mòran shlògh, mar leòmhann am measg beathaichean na frìthe, mar chuilean leòmhainn am measg nan treudan chaorach: e sin, ma thèid e roimhe, araon saltraidh sìos, agus reubaidh, agus cha tèarainn aon neach. 9 Togar do làmh suas os cionn do naimhdean, agus bidh d’eascairdean gu lèir air an gearradh as. 10 Agus tàrlaidh anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gun geàrr mise do chuid each a‑mach as do mheadhon, agus sgriosaidh mi do charbadan. 11 Agus gearraidh mi as bailtean d’fhearainn, agus tilgidh mi sìos d’uile dhaingnichean. 12 Agus gearraidh mi na draoidhean a‑mach as do mheadhon; agus cha bhi fiosaichean air bith agad. 13 Do dhealbhan snaidhte mar an ceudna gearraidh mi as, agus do dhealbhan seasmhach a‑mach as do mheadhon; agus cha toir thu nas mò adhradh do obair do làmh. 14 Agus spìonaidh mi a‑nìos do dhoireachan as do mheadhon: sgriosaidh mi fòs do naimhdean: 15 Agus nì mi dìoghaltas, ann am feirg agus ann an corraich, air na cinnich, ionnas nach cuala iad a leithid. |