Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh, chaidh e suas air beinn; agus air suidhe dha, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh.

2 Agus dh’fhosgail e a bheul, agus theagaisg e iad, ag ràdh,

3 Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad: oir is leo rìoghachd nèimh.

4 Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas.

5 Is beannaichte na daoine macanta: oir sealbhaichidh iad an talamh mar oighreachd.

6 Is beannaichte an dream air a bheil acras agus tart na còrach: oir sàsaichear iad.

7 Is beannaichte na daoine tròcaireach: oir gheibh iad tròcair.

8 Is beannaichte na daoine a tha glan nan cridhe: oir chì iad Dia.

9 Is beannaichte luchd-dèanamh na sìthe: oir goirear clann Dhè dhiubh.

10 Is beannaichte an dream a tha a’ fulang geur-leanmhainn airson na còrach: oir is leòsan rìoghachd nèimh.

11 Is beannaichte a bhios sibh nuair a bheir daoine ana-cainnt dhuibh, agus a nì iad geur-leanmhainn oirbh, agus a labhras iad gach uile dhroch fhacal ribh gu breugach, air mo sgàth-sa.

12 Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur-leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.

13 Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine.

14 Is sibhse solas an t‑saoghail. Chan fhaodar baile a tha air a shuidheachadh air sliabh fhalach.

15 Agus cha las daoine coinneal a‑chum gun cuir iad i fo shoitheach, ach ann an coinnleir, agus nì i solas do na bheil a‑staigh.

16 Guma h‑ann mar sin a dhealraicheas ur solas an làthair dhaoine, a‑chum gum faic iad ur deagh obraichean, agus gun toir iad glòir dur n‑Athair a tha air nèamh.

17 Na measaibh gun tàinig mise a bhriseadh an lagha no nam fàidhean; chan ann a bhriseadh a thàinig mi, ach a choileanadh.

18 Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach, Gus an tèid nèamh agus talamh thairis, cha tèid aon lide no aon phuing den lagh thairis, gus an coileanar gach aon nì.

19 Air an adhbhar sin ge bè neach a bhriseas aon de na h‑àitheantan seo as lugha, agus a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine as lugha dheth ann an rìoghachd nèimh: ach ge bè neach a nì, agus a theagaisgeas iad, goirear duine mòr dheth ann an rìoghachd nèimh.

20 Oir tha mi ag ràdh ribh, Mura toir ur fìreantachd-se barrachd air fìreantachd nan sgrìobhaichean agus nam Pharasach, nach tèid sibh air chor air bith a‑steach do rìoghachd nèimh.

21 Chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na dèan mortadh; agus ge bè neach a nì mortadh, bidh e ann an cunnart a’ bhreitheanais.

22 Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.

23 Uime sin ma bheir thu do thabhartas a‑chum na h‑altarach, agus gun cuimhnich thu an sin gu bheil nì air bith aig do bhràthair ad aghaidh;

24 Fàg do thabhartas an sin an làthair na h‑altarach, agus imich, agus dèan rèite air tùs rid bhràthair, agus an dèidh sin thig agus tabhair uat do thìodhlac.

25 Bi rèidh rid eascaraid gu luath, am feadh a bhios tu maille ris anns an t‑slighe: air eagal gun toir an t‑eascaraid thairis thu don bhritheamh, agus gun toir am britheamh thu don mhaor, agus gun tilgear ann am prìosan thu.

26 Tha mi ag ràdh riut gu fìrinneach nach tèid thu a‑mach as a sin gus an ìoc thu an fheòirling dheireannach.

27 Chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na dèan adhaltranas.

28 Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’amhairceas air mnaoi a‑chum a miannachadh, gun do rinn e adhaltranas leatha cheana na chridhe.

29 Agus ma bheir do shùil dheas adhbhar tuislidh dhut, spìon a‑mach i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn.

30 Agus ma bheir do làmh dheas oilbheum dhut, geàrr dhìot i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn.

31 Agus thubhairteadh, Ge bè chuireas a bhean phòsda air falbh, thugadh e litir-dhealachaidh dhi.

32 Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean-phòsda fhèin, ach a‑mhàin airson strìopachais, gu bheil e a’ toirt oirre adhaltranas a dhèanamh: agus an tì a phòsas a’ bhean sin a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais.

33 Mar an ceudna, chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na tabhair mionnan eithich, ach coilean do mhionnan don Tighearna.

34 Ach tha mise ag ràdh ribh, Na tugaibh mionnan idir: na tugaibh air nèamh, oir is e rìgh-chathair Dhè e.

35 Na tugaibh air an talamh, oir is e stòl a chas e: na tugaibh air Ierusalem, oir is e baile an rìgh mhòir e.

36 Na tabhair mionnan air do cheann, oir chan urrainn thu aon fhuiltean a dhèanamh geal no dubh.

37 Ach guma h‑e as còmhradh dhuibh, Seadh, seadh; Chan eadh, chan eadh: oir ge bè nì a bhios os cionn seo, is ann on olc a tha e.

38 Chuala sibh gun dubhairteadh, Sùil airson sùla, agus fiacail airson fiacla.

39 Ach tha mise ag ràdh ribh, Na cuiribh an aghaidh an uilc: ach ge bè neach a bhuaileas thu air do ghiall deas, tionndaidh thuige an giall eile mar an ceudna.

40 Agus an tì lem b’àill thusa a thagradh anns an lagh, agus do chòta a bhuntainn dhìot, leig leis d’fhallaing mar an ceudna.

41 Agus ge bè a bheir leis mìle a dh’aindeoin thu, imich leis dà mhìle.

42 Tabhair don tì a dh’iarras ort; agus uaithesan lem bu mhiann iasad fhaotainn uat, na till air falbh.

43 Chuala sibh gun dubhairteadh, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach, agus bidh fuath agad dod nàmhaid.

44 Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:

45 A‑chum gum bi sibh nur cloinn aig ur n‑Athair a tha air nèamh: oir tha esan a’ tabhairt air a’ ghrèin fhèin èirigh air na droch dhaoine, agus air na deagh dhaoine, agus a’ cur uisge air na fìreanan agus air na neo-fhìreanan.

46 Oir ma bhios gràdh agaibh don mhuinntir aig a bheil gràdh dhuibh, ciod an duais a gheibh sibh? Nach eil eadhon na cìs-mhaoir a’ dèanamh an nì cheudna?

47 Agus ma chuireas sibh fàilte air ur bràithrean fhèin a‑mhàin, ciod a tha sibh a’ dèanamh thar chàich? Nach eil na cìs-mhaoir fhèin a’ dèanamh an nì cheudna?

48 Air an adhbhar sin bithibh-se coileanta mar tha ur n‑Athair a tha air nèamh coileanta.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan