Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 16 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus air teachd do na Pharasaich agus do na Sadusaich ga dhearbhadh, dh’iarr iad air comharradh a nochdadh dhaibh o nèamh.

2 Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nuair is feasgar e, their sibh, Bidh deagh aimsir ann, oir tha an t‑adhar dearg:

3 Agus air madainn, Bidh droch aimsir ann an‑diugh, oir tha an t‑adhar dearg agus dorcha. A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air gnùis an adhair, agus nach eil e an comas dhuibh comharraidhean nan aimsir a thuigsinn?

4 Tha ginealach aingidh agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas. Agus air dha am fàgail, dh’imich e as a sin.

5 Agus nuair a thàinig a dheisciobail a dh’ionnsaigh an taoibh eile, dhìochuimhnich iad aran a thabhairt leo.

6 Agus thubhairt Iosa riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o thaois ghoirt nam Pharasach, agus nan Sadusach.

7 Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin ag ràdh, Is ann airson nach tug sinn aran leinn.

8 Agus nuair a thuig Iosa sin, thubhairt e riu, O sibhse air bheag creidimh, carson a tha sibh a’ reusonachadh eadaraibh fhèin gur ann a chionn nach tug sibh aran leibh?

9 Nach eil sibh fhathast a’ tuigsinn, no a’ cuimhneachadh còig buileannan nan còig mìle, agus cia lìon cliabh a thog sibh?

10 No seachd buileannan nan ceithir mìle, agus cia lìon basgaid a thog sibh?

11 Cionnas nach eil sibh a’ tuigsinn nach ann mu aran a thubhairt mi ribh, sibh a bhith air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach agus nan Sadusach?

12 An sin thuig iad cionnas nach d’iarr e orra a bhith air am faicill o thaois ghoirt an arain, ach o theagasg nam Pharasach agus nan Sadusach.

13 Agus air teachd do Iosa gu crìochan Chesarèa Philipi, dh’fheòraich e de a dheisciobail, ag ràdh, Cò tha daoine ag ràdh as e Mac an Duine?

14 Agus thubhairt iadsan, Tha cuid ag ràdh Eòin Baistidh, cuid Elias, agus cuid eile Ieremias, no aon de na fàidhean.

15 Thubhairt esan riu, Ach cò tha sibhse ag ràdh as mi?

16 Agus fhreagair Sìmon Peadar agus thubhairt e, Is tusa Crìosd, Mac an Dè bheò.

17 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar-Iona; oir cha d’fhoillsich fuil agus feòil sin dhutsa, ach m’Athair-sa a tha air nèamh.

18 Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a’ charraig seo togaidh mise m’eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.

19 Agus bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh: agus ge bè nì a cheanglas tusa air talamh, bidh e ceangailte air nèamh; agus ge bè nì a dh’fhuasglas tusa air talamh, bidh e fuasgailte air nèamh.

20 An sin dh’àithn e da dheisciobail gun iad a dh’innse do neach air bith gum b’esan Iosa an Crìosd.

21 On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là.

22 Agus ghabh Peadar e, agus thòisich e air achmhasan a thabhairt dha, ag ràdh, Guma fada sin uatsa, a Thighearna: cha tachair sin dhutsa.

23 Ach air tionndadh dhàsan, thubhairt e ri Peadar, Imich air mo chùl, a Shàtain; is oilbheum dhomh thu: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine.

24 An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.

25 Oir ge bè neach lem b’àill a anam a ghleidheadh, caillidh e e; agus ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth-sa, gheibh e e.

26 Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama?

27 Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan.

28 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Gu bheil cuid den dream a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad Mac an Duine a’ teachd na rìoghachd fhèin.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan