Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 19 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr-shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia:

2 Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

3 Agus a‑rìs thubhairt iad, Haleluia. Agus chaidh a deatach suas gu saoghal nan saoghal.

4 Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead, agus na ceithir beò-chreutairean sìos, agus rinn iad adhradh do Dhia, a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, ag ràdh, Amen; Haleluia.

5 Agus thàinig guth a‑mach on rìgh-chathair, ag ràdh, Molaibh ar Dia-ne, sibhse uile as seirbhisich dha, agus air a bheil a eagal-san, eadar bheag agus mhòr.

6 Agus chuala mi mar ghuth mòr-shluaigh, agus mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar thoirm tàirneanaich chumhachdaich, ag ràdh, Haleluia: oir tha an Tighearna Dia uile-chumhachdach a’ rìoghachadh.

7 Bitheamaid aoibhinn agus dèanamaid gàirdeachas, agus thugamaid glòir dhàsan: oir thàinig pòsadh an Uain, agus dh’ullaich a bhean i fhèin.

8 Agus thugadh dhi gum biodh i air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, glan agus dealrach: oir is e an lìon-aodach grinn fìreantachd nan naomh.

9 Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, Is beannaichte iadsan a tha air an cuireadh gu suipear-bainnse an Uain. Agus thubhairt e rium, Is iad seo briathran fìrinneach Dhè.

10 Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.

11 Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus, feuch, each geal; agus ghoireadh den Tì a shuidh air Dìleas, agus Fìor; agus ann am fìreantachd tha e a’ dèanamh breitheanais agus cogaidh.

12 Agus bha a shùilean mar lasair theine, agus air a cheann bha mòran chrùn; agus bha ainm aige sgrìobhte, nach b’aithne do neach sam bith ach e fhèin;

13 Agus bha e air a sgeadachadh le trusgan tumte ann am fuil: agus is e an t‑ainm a ghoirear dheth, FACAL DHE.

14 Agus lean na h‑armailtean a bha air nèamh e air eich gheala, air an sgeadachadh le lìon-aodach grinn, geal agus glan.

15 Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich.

16 Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA.

17 Agus chunnaic mi aingeal àraidh na sheasamh anns a’ ghrèin; agus ghlaodh e le guth àrd, ag ràdh ris an eunlaith uile, a bha ag itealaich ann am meadhon nèimh, Thigibh, agus cruinnichibh sibh fhèin a‑chum suipear an Dè mhòir;

18 A‑chum gun ith sibh feòil rìghrean, agus feòil àrd-cheannard, agus feòil dhaoine cumhachdach, agus feòil each agus na muinntir a shuidheas orra, agus feòil nan uile dhaoine, araon saor agus daor, araon beag agus mòr.

19 Agus chunnaic mi am fiadh-bheathach, agus rìghrean na talmhainn, agus an armailtean air an cruinneachadh, a dhèanamh cogaidh an aghaidh an Tì a bha na shuidhe air an each, agus an aghaidh a armailt-san.

20 Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.

21 Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan