Eòin 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Ach chaidh Iosa a‑chum Sliabh nan Crann-ola: 2 Agus gu moch air mhadainn thàinig e a‑rìs don teampall, agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh; agus air suidhe dha, theagaisg e iad. 3 Agus thug na sgrìobhaichean agus na Pharasaich bean da ionnsaigh a ghlacadh ann an adhaltranas; agus air dhaibh a cur anns a’ mheadhon, 4 Thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ghlacadh a’ bhean seo anns an dearbh ghnìomh, a’ dèanamh adhaltranais. 5 A‑nis dh’àithn Maois dhuinn anns an lagh a leithid-se a chlachadh: ciod mas eadh a tha thusa ag ràdh? 6 Thubhairt iad seo ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh aca cùis-chasaid na aghaidh. Ach chrom Iosa sìos, agus sgrìobh e le a mheur air an làr (mar nach biodh e gan cluinntinn). 7 Mar sin air dhaibh buanachadh a’ feòraich dheth, thog e e fhèin suas agus thubhairt e riu, An neach a tha gun pheacadh agaibhse, tilgeadh e a’ chiad chlach oirre. 8 Agus chrom e sìos a‑rìs agus sgrìobh e air an làr. 9 Agus nuair a chuala iadsan seo (air dhaibh a bhith air an agairt len cogais fhèin), chaidh iad a‑mach an dèidh a chèile, a’ tòiseachadh aig an dream a bu shine, gus an dream mu dheireadh: agus dh’fhàgadh na aonar Iosa, agus a’ bhean na seasamh anns a’ mheadhon. 10 Agus nuair a dh’èirich Iosa suas, agus nach faca e aon air bith ach a’ bhean, thubhairt e rithe, A bhean, càit a bheil iad siud do luchd-casaid? An do dhìt duine air bith thu? 11 Thubhairt ise, Cha do dhìt aon duine, a Thighearna. Agus thubhairt Iosa rithe, Cha mhò a tha mise gad dhìteadh: imich romhad, agus na peacaich nas mò. 12 An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige. 13 Uime sin thubhairt na Pharasaich ris, Tha thu a’ toirt fianais mud thimcheall fhèin; chan eil d’fhianais fìor. 14 Fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Ged a tha mi a’ toirt fianais mum thimcheall fhèin, gidheadh tha m’fhianais fìor: oir tha fhios agam cia as a thàinig mi, agus càit a bheil mi a’ dol; ach chan eil fhios agaibhse cia as a thàinig mi, no càit a bheil mi a’ dol. 15 Tha sibhse a’ toirt breith a rèir na feòla; chan eil mise a’ toirt breith air duine sam bith. 16 Agus gidheadh ma bheir mise breith, tha mo bhreith fìrinneach: oir chan eil mi am aonar, ach mise agus an t‑Athair a chuir uaithe mi. 17 Agus tha e sgrìobhte nur lagh fhèin gu bheil fianais dithis dhaoine fìor. 18 Is aon mise a tha a’ dèanamh fianais mum thimcheall fhèin, agus tha an t‑Athair, a chuir uaithe mi, a’ dèanamh fianais mum thimcheall. 19 An sin thubhairt iad ris, Càit a bheil d’Athair? Fhreagair Iosa, Chan aithne dhuibhse aon chuid mise no m’Athair: nam biodh eòlas agaibh ormsa, bhiodh eòlas agaibh air m’Athair mar an ceudna. 20 Labhair Iosa na briathran seo ann an taigh-coimhead an ionmhais, a’ teagasg dha anns an teampall: agus cha do chuir duine air bith làmh ann; oir cha robh a uair fhathast air teachd. 21 An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Tha mise a’ falbh, agus iarraidh sibh mi, agus bàsaichidh sibh nur peacadh; chan urrainn sibhse teachd don àite dom bheil mise a’ dol. 22 An sin thubhairt na h‑Iùdhaich, Am marbh e e fhèin? Do bhrìgh gu bheil e ag ràdh, Far a bheil mise a’ dol, chan urrainn sibhse teachd. 23 Agus thubhairt e riu, Tha sibhse o shìos, tha mise o shuas: tha sibhse den t‑saoghal seo, chan eil mise den t‑saoghal seo. 24 Uime sin thubhairt mi ribh gum bàsaich sibh nur peacaidhean: oir mura creid sibh gur mise e, gheibh sibh bàs nur peacaidhean. 25 An sin thubhairt iad ris, Cò thusa? Agus thubhairt Iosa riu, An neach sin fhèin a thubhairt mi ribh o thùs. 26 Tha mòran agam ri ràdh agus ri bhreithneachadh mur timcheall-se: ach tha an tì a chuir uaithe mi fìrinneach; agus tha mise a’ labhairt ris an t‑saoghal nan nithean a chuala mi uaithesan. 27 Cha do thuig iad gum b’ann mu thimcheall an Athar a labhair e riu. 28 An sin thubhairt Iosa riu, Nuair a thogas sibh suas Mac an Duine, an sin bidh fhios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a’ dèanamh nì sam bith uam fhèin; ach mar a theagaisg m’Athair mi, gu bheil mi a’ labhairt nan nithean seo. 29 Agus tha an tì a chuir uaithe mi maille rium: cha d’fhàg an t‑Athair am aonar mi, do bhrìgh gu bheil mi a’ dèanamh a‑ghnàth nan nithean sin as taitneach leis. 30 Nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, chreid mòran ann. 31 An sin thubhairt Iosa ris an h‑Iùdhaich a chreid ann, Ma bhuanaicheas sibh ann am fhacal-sa, bidh sibh da‑rìribh nur deisciobail agam; 32 Agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus nì an fhìrinn saor sibh. 33 Fhreagair iad e, Is sinne sliochd Abrahàim, agus cha robh sinn riamh fo dhaorsa aig duine sam bith: cionnas a tha thusa ag ràdh, bidh sibh saor? 34 Fhreagair Iosa iad, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè a nì peacadh, is seirbhiseach don pheacadh e. 35 Agus chan fhan an seirbhiseach anns an taigh gu bràth: ach fanaidh am mac gu bràth. 36 Uime sin ma nì am Mac saor sibh, bidh sibh saor da‑rìribh. 37 Tha fhios agam gur sibh sliochd Abrahàim; ach tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh, do bhrìgh nach eil àite aig m’fhacal annaibh. 38 Tha mise a’ labhairt an nì sin a chunnaic mi aig m’Athair; agus tha sibhse a’ dèanamh an nì a chunnaic sibh aig ur n‑athair fhèin, 39 Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Is e Abrahàm ar n‑athair-ne. Thubhairt Iosa riu, Nam bu chlann do Abrahàm sibh, dhèanadh sibh obraichean Abrahàim. 40 Ach a‑nis tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh, duine a dh’innis dhuibh an fhìrinn, a chuala mi o Dhia: cha do rinn Abrahàm seo. 41 Tha sibhse a’ dèanamh obraichean ur n‑athar fhèin. An sin thubhairt iad ris, Cha do rugadh ann an strìopachas sinne; tha aon Athair againn, eadhon Dia. 42 An sin thubhairt Iosa riu, Nam bè Dia ur n‑athair, ghràdhaicheadh sibh mise: oir chaidh mise a‑mach, agus thàinig mi o Dhia; agus cha tàinig mi uam fhèin, ach chuir esan uaithe mi. 43 Carson nach eil sibh a’ tuigsinn mo chòmhraidh? Do bhrìgh nach urrainn sibh èisdeachd rim fhacal. 44 Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige. 45 Agus do bhrìgh gu bheil mise ag innse na fìrinn, chan eil sibh gam chreidsinn. 46 Cò agaibhse a chuireas peacadh as mo leth-sa? Agus ma tha mi ag innse na fìrinn, carson nach eil sibh gam chreidsinn? 47 An tì a tha o Dhia, èisdidh e ri briathran Dhè: uime sin chan eil sibhse ag èisdeachd, a chionn nach ann o Dhia a tha sibh. 48 An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Nach math a thubhairt sinn gur Samaritanach thu, agus gu bheil deamhan agad? 49 Fhreagair Iosa, Chan eil deamhan agam; ach tha mi a’ toirt urraim dom Athair, agus tha sibhse a’ toirt eas-urraim dhòmhsa. 50 Agus chan eil mi ag iarraidh mo ghlòire fhèin: tha neach a tha ag iarraidh agus a’ toirt breith. 51 Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ma choimheadas neach m’fhacal-sa, chan fhaic e bàs am feasd. 52 An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, A‑nis tha fhios againn gu bheil deamhan agad. Fhuair Abrahàm bàs, agus na fàidhean; gidheadh tha thusa ag ràdh, Ma choimheadas duine m’fhacal-sa, cha bhlais e bàs am feasd. 53 Am mò thusa na ar n‑athair Abrahàm, a fhuair bàs? Agus fhuair na fàidhean bàs: cò a tha thu a’ dèanamh dhìot fhèin? 54 Fhreagair Iosa, Ma tha mi a’ toirt glòire dhomh fhèin, chan eil ach neoni ann am ghlòir: is e m’Athair a tha a’ toirt glòire dhomh, neach a tha sibhse ag ràdh gur e ur Dia e: 55 Gidheadh cha do ghabh sibh eòlas air; ach tha eòlas agamsa air: agus nan abrainn nach aithne dhomh e, bhithinn cosmhail ribhse ann am bhreugaire: ach is aithne dhomh e, agus tha mi a’ coimhead a fhacail. 56 Bha dèidh mhòr aig Abrahàm ur n‑athair-se air mo là‑sa fhaicinn: agus chunnaic e e, agus rinn e gàirdeachas. 57 An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, Chan eil thu fhathast lethcheud bliadhna a dh’aois, agus am faca tu Abrahàm? 58 Thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Mun robh Abrahàm ann, tha mise. 59 An sin thog iadsan clachan a‑chum an tilgeadh air: ach dh’fhalaich Iosa e fhèin, agus chaidh e a‑mach as an teampall, a’ dol tro am meadhon, agus mar sin chaidh e seachad. |