Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Colosianach 3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin ma dh’èirich sibh maille ri Crìosd, iarraibh na nithean a tha shuas, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deaslàimh Dhè.

2 Suidhichibh ur n‑aigne air na nithean a tha shuas, agus chan ann air na nithean a tha air an talamh.

3 Oir tha sibh marbh, agus tha ur beatha falaichte maille ri Crìosd ann an Dia.

4 Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha-ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.

5 Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;

6 Nithean airson a bheil fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd,

7 Anns an robh sibhse mar an ceudna a’ gluasad uaireigin, nuair a bha sibh a’ caitheamh ur beatha annta.

8 Ach a‑nis cuiribh uaibh na nithean seo uile: fearg, corraich, mìorun, toibheum, cainnt shalach as ur beul.

9 Na dèanaibh breug da chèile, do bhrìgh gun do chuir sibh dhibh an seann duine maille ra ghnìomharan,

10 Agus gun do chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath-nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an tì a chruthaich e:

11 Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall-ghearradh, no neo-thimcheall-ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile.

12 Uime sin cuiribh-se umaibh (mar dhaoine taghte Dhè, naomh agus ionmhainn), innidh thròcairean, caomhalachd, irioslachd inntinn, macantas, fad-fhulangas;

13 A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.

14 Agus thar na nithean seo uile, cuiribh umaibh gràdh, nì as e coicheangal na foirfeachd.

15 Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.

16 Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.

17 Agus gach nì air bith a nì sibh ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Iosa, a’ toirt buidheachais do Dhia, eadhon an t‑Athair trìd-san.

18 A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar as cubhaidh, anns an Tighearna.

19 Fheara-pòsda, gràdhaichibh ur mnathan, agus na bithibh searbh nan aghaidh.

20 A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns na h‑uile nithean: oir tha seo taitneach don Tighearna.

21 Athraichean, na brosnaichibh ur clann a‑chum feirge, air eagal gun caill iad am misneach.

22 A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, anns na h‑uile nithean; chan ann le seirbhis-sùl, mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhè:

23 Agus ge bè air bith nì a nì sibh, dèanaibh o ur cridhe e, mar don Tighearna, agus chan ann do dhaoine;

24 Air dhuibh fios a bhith agaibh gum faigh sibh on Tighearna duais na h‑oighreachd: oir is ann don Tighearna Crìosd a tha sibh a’ dèanamh seirbhis.

25 Ach an tì a nì eucoir, gheibh e toillteanas na h‑eucoir a rinn e: agus chan eil leth-bhreith ann.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan