Ieremiah 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Cluinnibh am facal a tha an Tighearna a’ labhairt ribh, O thaigh Israeil. 2 Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa. 3 Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor-dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille, obair-làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur. 4 Le airgead agus le òr tha iad ga dèanamh maiseach, le tàirngean agus le ùird tha iad ga dèanamh daingeann, air chor is nach gluais i. 5 Mar chrann-pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas. 6 Chan eil aon neach ann cosmhail riutsa, O Thighearna; Is mòr thu, agus is mòr d’ainm ann an cumhachd. 7 Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut. 8 Ach tha iad gu h‑iomlan brùideil agus mì‑thuigseach: tha am fiodh e fhèin a’ cur an cèill an dìomhanais. 9 Bheirear airgead air a bhualadh a‑mach o Tharsis, agus òr o Uphas; obair an fhir-obrach, agus làmh an òr‑cheàird: is gorm agus dearg as èideadh dhaibh: is iad gu lèir obair dhaoine seòlta. 10 Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan. 11 Mar seo their sibh riu, Na diathan nach do rinn na nèamhan no an talamh, sgriosar iad a‑mach on talamh, agus o bhith fo na nèamhan seo. 12 Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan. 13 Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, bheir e air a’ cheò dol suas o chrìochan na talmhainn: nì e dealanach le frasan, agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh. 14 Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheard le ìomhaigh leaghte; oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus anail air bith chan eil annta. 15 Is nì faoin iad, obair mhearachd: ann an àm an smachdachaidh thèid iad am mugha. 16 Cha chosmhail riu seo cuibhreann Iàcoib; oir is esan fear-cumaidh an domhain, agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is ainm dha. 17 Cruinnich suas do mhaoin as an fhearann, O thusa a tha ag àiteachadh an daingnich: 18 Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mi urchair do luchd-àiteachaidh na tìre, air a’ chuairt seo, agus claoidhidh mi iad, air chor is gum mothaich iad mo dhìoghaltas. 19 Mo thruaighe mise a‑thaobh mo dhochainn! Is cràiteach mo chreuchd: ach thubhairt mi, Gu deimhinn is deacair seo, ach is èiginn a fhulang. 20 Tha mo phàillean air a chur fàs, agus tha mo chùird gu lèir air am briseadh; dh’imich mo chlann a‑mach uam, agus chan eil iad ann: chan eil neach ann a sgaoileas mo phàillean a‑mach nas mò, no a chuireas suas mo sgàil. 21 Oir tha na h‑aodhairean air fàs brùideil, agus chan eil iad ag iarraidh an Tighearna: uime sin cha soirbhich leo fhèin, agus bidh an treudan uile air an sgapadh. 22 Fuaim an iomraimh! Feuch, tha i a’ teachd dlùth, eadhon gluasad mòr on tìr mu thuath, a dhèanamh bailtean Iùdah nam fàsach, nan àite-còmhnaidh do dhràgonan. 23 Is aithne dhomh, a Thighearna, nach eil slighe duine na chomas fhèin: chan eil e an comas duine a tha ag imeachd a cheum a stiùradh. 24 O Thighearna, cronaich mi, ach ann an tomhas; chan ann ad chorraich, air eagal gun cuir thu as dhomh. 25 Dòirt a‑mach do dhian-chorraich air na cinnich nach do ghabh eòlas ort, agus air na teaghlaichean nach eil a’ gairm air d’ainm; oir dh’ith iad suas Iàcob, ga ithe agus ga chaitheamh, agus rinn iad a àite-còmhnaidh fàsail. |