Lùcas 23 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus air èirigh dan cuideachd uile, thug iad e gu Pilat. 2 Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh. 3 Agus dh’fheòraich Pilat dheth, ag ràdh, An tusa rìgh nan Iùdhach? Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Tha thu ga ràdh. 4 An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd-shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo. 5 Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo. 6 Nuair a chuala Pilat mu Ghalile, dh’fheòraich e am bu Ghalilèach an duine. 7 Agus nuair a chuala e gum b’ann fo uachdaranachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha e fhèin ann an Ierusalem anns na làithean sin. 8 Agus nuair a chunnaic Herod Iosa, bha aoibhneas mòr air: oir bha dèidh aige rè ùine fhada air esan fhaicinn, do bhrìgh gun cuala e mòran uime; agus bha dùil aige gum faiceadh e mìorbhail-eigin air a dhèanamh leis. 9 An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air. 10 Agus sheas na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ga chasaid gu dian. 11 Ach chuir Herod agus a luchd-cogaidh ann an neo-mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e. 12 Agus rinneadh Pilat agus Herod nan càirdean da chèile anns an là sin: oir bha iad roimhe sin an naimhdeas ri chèile. 13 Agus nuair a ghairm Pilat an ceann a chèile na h‑àrd-shagartan, agus na h‑uachdarain, agus an sluagh, 14 Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh-sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air; 15 No mar an ceudna Herod: oir chuir mi da ionnsaigh sibh, agus, feuch, cha do rinneadh nì air bith leis toilltinneach air bàs. 16 Uime sin, air dhòmhsa a smachdachadh, leigidh mi as e. 17 (Oir b’èiginn dha aon a leigeadh as dhaibh air an fhèill.) 18 Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas: 19 (Neach airson ceannairc àraidh a rinneadh anns a’ bhaile, agus airson mortaidh, a thilgeadh am prìosan.) 20 Air an adhbhar sin labhair Pilat riu a‑rìs, air dha a bhith toileach Iosa a chur fa sgaoil. 21 Ach ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceus e, ceus e. 22 Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e. 23 Agus laigh iadsan air le guthan mòra, ag iarraidh esan a cheusadh: agus bhuadhaich an guthan-san, agus guthan nan àrd-shagart. 24 Agus thug Pilat breith gun dèante na dh’iarr iad. 25 Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil. 26 Agus an tràth a thug iad leo e, rug iad air Sìmon, duine àraidh o Chirène, a bha a’ teachd on dùthaich, agus chuir iad an crann-ceusaidh air, ga ghiùlan an dèidh Iosa. 27 Agus lean cuideachd mhòr e den t‑sluagh, agus de mhnathan, a bha mar an ceudna ri bròn, agus ga chaoineadh-san. 28 Ach air tionndadh do Iosa riu, thubhairt e, A nigheanan Ierusaleim, na guilibh air mo shon-sa, ach guilibh air ur son fhèin, agus airson ur cloinne: 29 Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo-thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne. 30 An sin tòisichidh iad air a ràdh ris na beanntan, Tuitibh oirnne; agus ris na cnuic, Falaichibh sinn. 31 Oir ma nì iad na nithean seo ris a’ chrann ùr, ciod a nì iad ris a’ chrìonaich? 32 Agus thugadh mar an ceudna dithis eile, a bha nan luchd droch-bheairt, a‑chum a bhith air an ceusadh maille ris. 33 Agus nuair a thàinig iad don àite den goirear Calbhari, an sin cheus iad e fhèin, agus na droch dhaoine, fear dhiubh air a làimh dheis, agus am fear eile air a làimh chlì. 34 An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air. 35 Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè. 36 Agus rinn na saighdearan mar an ceudna fanaid air, a’ teachd da ionnsaigh, agus a’ tairgse fìon-geur dha. 37 Agus ag ràdh, Mas tu rìgh nan Iùdhach, teasairg thu fhèin. 38 Agus bha sgrìobhadh mar an ceudna air a sgrìobhadh os a chionn, ann an litrichean Grèigis, agus Laidinn, agus Eabhra, IS E SEO RÌGH NAN IÙDHACH. 39 Agus thug aon de na droch dhaoine a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, Mas tu Crìosd, saor thu fhèin agus sinne. 40 Ach fhreagair am fear eile, agus chronaich e e, ag ràdh, Nach eil eagal Dhè ort, agus gu bheil thu fon aon dìteadh ris? 41 Agus sinne da‑rìribh ann an ceartas; oir tha sinn a’ faotainn nan nithean sin a thoill ar gnìomharan: ach cha do rinn an duine seo cron air bith. 42 Agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, cuimhnich ormsa nuair a thig thu dod rìoghachd. 43 Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut gum bi thu maille riumsa an‑diugh ann am Pàrras. 44 Agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoidheamh uair. 45 Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat-roinn an teampaill na mheadhon. 46 Agus nuair a ghlaodh Iosa le guth mòr, thubhairt e, Athair, tha mi a’ tiomnadh mo spioraid ad làmhan-sa: agus nuair a thubhairt e seo, thug e suas an deò. 47 A‑nis nuair a chunnaic an ceannard-ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo. 48 Agus an sluagh uile a chruinnich a dh’ionnsaigh an t‑seallaidh sin, nuair a chunnaic iad na nithean a rinneadh, thill iad air an ais, a’ bualadh an uchd. 49 Agus sheas a luchd-eòlais uile, agus na mnathan a lean e o Ghalile, fad as, ag amharc air na nithean sin. 50 Agus, feuch, duine àraidh dom b’ainm Iòseph, comhairleach, a bha na dhuine math, agus na fhìrean; 51 (Cha d’aontaich an duine seo len comhairle no len gnìomh;) o Arimatèa, baile leis na h‑Iùdhaich; neach mar an ceudna aig an robh sùil ri rìoghachd Dhè. 52 Chaidh esan gu Pilat, agus dh’iarr e corp Iosa. 53 Agus air dha a thoirt a‑nuas, phaisg e ann an lìon-aodach e, agus chuir e ann an uaigh e a chladhaicheadh à carraig, anns nach do chuireadh aon duine riamh roimhe. 54 Agus b’e sin là an ullachaidh, agus bha an t‑sàbaid am fagas. 55 Agus lean na mnathan a thàinig maille ris o Ghalile, agus chunnaic iad an uaigh, agus cionnas a chuireadh a chorp. 56 Agus thill iad, agus dh’ullaich iad spìosraidh agus ola deagh fhàile; agus ghabh iad tàmh air là na sàbaid, a rèir na h‑àithne. |