1 Timòteus 6 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Measadh a mheud is a tha fon chuing, nan seirbhisich, gur airidh am maighistirean fhèin air an uile urram; a‑chum nach faigh ainm Dhè, agus a theagasg, toibheum. 2 Agus iadsan aig a bheil maighistirean creidmheach, na dèanadh iad tarcais orra, airson gur bràithrean iad: ach gum b’fheàrr leo seirbhis a dhèanamh dhaibh, do bhrìgh gu bheil iad creidmheach agus ionmhainn, nan luchd-compàirt de thìodhlac a’ ghràis. Na nithean seo teagaisg agus earailich. 3 Ma bheir aon neach atharrachadh teagaisg uaithe, agus nach aontaich e do bhriathran fallain, eadhon do bhriathran ar Tighearna Iosa Crìosd, agus don teagasg, a tha a rèir na diadhachd: 4 Tha e uaibhreach, gun eòlas aige air nì sam bith, ach tha e as a chèill mu thimcheall cheistean, agus bhriathar-connsachaidh, on tig farmad, còmhstri, ana-cainnt, droch amharasan. 5 Fiar-dheasbaireachd dhaoine aig a bheil inntinn thruaillidh, agus as eugmhais na fìrinn, a’ meas gur buannachd an diadhachd: dealaich ri an leithidean sin. 6 Ach is buannachd mhòr an diadhachd maille ri inntinn thoilichte. 7 Oir cha tug sinn nì air bith leinn don t‑saoghal seo, agus is soilleir nach urrainn sinn nì sam bith a thoirt as. 8 Uime sin air dhuinn biadh agus aodach a bhith againn, bitheamaid toilichte leo sin. 9 Ach an dream len àill a bhith beartach, tuitidh iad ann am buaireadh, agus ann an ribe, agus ann an iomadh ana-miann amaideach agus ciùrrail, a bhàthas daoine ann am milleadh agus ann an sgrios. 10 Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh. 11 Ach thusa, O òglaich Dhè, teich o na nithean sin: agus lean fìreantachd, diadhachd, creideamh, gràdh, foighidinn, ceannsachd. 12 Còmhraig deagh chòmhrag a’ chreidimh, gabh greim den bheatha mhaireannaich, a‑chum mar an ceudna an do ghairmeadh thu, agus dh’aidich thu deagh aidmheil an làthair mòran fhianaisean. 13 Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, a bheothaicheas na h‑uile nithean, agus ann am fianais Iosa Crìosd, a rinn fianais air deagh aidmheil an làthair Phontiuis Philait, 14 Thu a choimhead na h‑àithne seo gun smal, gun lochd, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd: 15 Nì, na àmannan fhèin, a dh’fhoillsicheas an Tì a tha beannaichte, agus a‑mhàin cumhachdach, Rìgh nan rìgh, agus Tighearna nan tighearnan; 16 Neach na aonar aig a bheil neo-bhàsmhorachd, a tha na chòmhnaidh anns an t‑solas a dh’ionnsaigh nach faodar teachd; neach nach faca duine sam bith, agus nach mò a dh’fhaodas e fhaicinn: dhàsan gu robh urram agus cumhachd sìorraidh. Amen. 17 Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn: 18 Iad a dhèanamh maith, iad a bhith saoibhir ann an deagh obraichean, ullamh gu roinn, compàirteach; 19 A’ tasgadh suas dhaibh fhèin deagh bhunait fa chomhair an àm ri teachd, a‑chum gun dèan iad greim air a’ bheatha mhaireannaich. 20 O Thimòteuis, coimhead an nì sin a dh’earbadh riut, a’ seachnadh faoin-chòmhraidh mhì-naomha, agus co‑chogadh eòlais don toirear gu breugach an t‑ainm sin: 21 Nì air a bhith do dhream àraidh ag aidmheil, chaidh iad air seachran a‑thaobh a’ chreidimh. Gràs gu robh maille riut. Amen. |