Eòin 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, An tì nach tèid a‑steach tron doras do chrò nan caorach, ach a thèid suas air sheòl eile, is gadaiche agus fear-reubainn e. 2 Ach an tì a thèid a‑steach air an doras, is esan buachaille nan caorach. 3 Dhàsan fosglaidh an dorsair; agus èisdidh na caoraich ra ghuth: agus gairmidh e a chaoraich fhèin air an ainm, agus treòraichidh e a‑mach iad. 4 Agus nuair a chuireas e a‑mach a chaoraich fhèin, imichidh e romhpa, agus leanaidh na caoraich e: oir is aithne dhaibh a ghuth. 5 Agus cha lean iad coigreach, ach teichidh iad uaithe, do bhrìgh nach aithne dhaibh guth choigreach. 6 An cosamhlachd seo labhair Iosa riu: ach cha do thuig iadsan ciod iad na nithean a labhair e riu. 7 An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach. 8 Iadsan uile a thàinig romhamsa, is gadaichean agus luchd-reubainn iad: ach cha d’èisd na caoraich riu. 9 Is mise an doras: ma thèid neach air bith a‑steach tromhamsa, tèarnar e, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh. 10 Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte. 11 Is mise am buachaille math: leigidh am buachaille math a anam sìos airson nan caorach. 12 Ach am fear-tuarasdail, agus an tì nach e am buachaille, agus nach leis fhèin na caoraich, chì e am madadh-allaidh a’ teachd, agus fàgaidh e na caoraich, agus teichidh e: agus glacaidh am madadh-allaidh iad, agus sgapaidh e na caoraich. 13 Ach teichidh am fear-tuarasdail, a chionn gur fear-tuarasdail e, agus nach eil suim aige de na caoraich. 14 Is mise am buachaille math, agus is aithne dhomh mo chaoraich fhèin, agus aithnichear lem chaoraich fhèin mi. 15 Mar as aithne don Athair mise, mar sin is aithne dhòmhsa an t‑Athair: agus tha mi leigeadh m’anama sìos airson nan caorach. 16 Agus tha caoraich eile agam, nach eil den chrò seo: is èiginn dhomh iad sin mar an ceudna a thoirt a‑steach, agus èisdidh iad rim ghuth; agus bidh aon treud ann, agus aon bhuachaille. 17 Air an adhbhar seo is ionmhainn leis an Athair mise, airson gun leig mi sìos m’anam, a‑chum gun glac mi e a‑rìs. 18 Chan eil neach air bith ga thoirt uam, ach tha mi ga leigeadh sìos uam fhèin: tha cumhachd agam a leigeadh sìos, agus tha cumhachd agam a ghlacadh a‑rìs. An àithne seo fhuair mi om Athair. 19 Air an adhbhar sin, dh’èirich eas-aonachd a‑rìs am measg nan Iùdhach airson nam briathran seo. 20 Agus thubhairt mòran dhiubh, Tha deamhan aige, agus tha e air bhoil; carson a tha sibh ag èisdeachd ris? 21 Thubhairt cuid eile, Chan iad seo briathran duine anns a bheil deamhan; a bheil deamhan comasach air sùilean nan dall fhosgladh? 22 Agus bha fèill-chuimhne an ath-choisrigidh ann an Ierusalem, agus b’e an geamhradh a bha ann. 23 Agus bha Iosa a’ sràideamachd anns an teampall ann an sgàth-thaigh Sholaimh. 24 An sin chruinnich na h‑Iùdhaich ma thimcheall, agus thubhairt iad ris, Cia fhad a chumas tu ar n‑anaman ann an amharas? Mas tu Crìosd, innis dhuinn gu follaiseach. 25 Fhreagair Iosa iad, Dh’innis mi dhuibh, agus cha do chreid sibh: na h‑obraichean a tha mi a’ dèanamh ann an ainm m’Athar, tha iad sin a’ toirt fianais mum thimcheall. 26 Ach chan eil sibhse a’ creidsinn; oir chan ann dem chaoraich sibh, mar a thubhairt mi ribh. 27 Tha mo chaoraich-sa ag èisdeachd rim ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi: 28 Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad. 29 M’Athair a thug dhòmhsa iad, is mò e na na h‑uile; agus chan urrainn neach air bith an spìonadh à làimh m’Athar. 30 Mise agus an t‑Athair, is aon sinn. 31 Uime sin thog na h‑Iùdhaich clachan a‑rìs a‑chum a chlachadh. 32 Fhreagair Iosa iad, Nochd mi dhuibh mòran obraichean matha om Athair; cia de na h‑obraichean sin airson a bheil sibh gam chlachadh? 33 Fhreagair na h‑Iùdhaich e, ag ràdh, Airson obraichean matha chan eil sinn gad chlachadh; ach airson toibheim, agus airson, air a bhith dhutsa ad dhuine, gu bheil thu a’ dèanamh Dè dhìot fhèin. 34 Fhreagair Iosa iad, Nach eil e sgrìobhte nur lagh-sa, Thubhairt mi, Is diathan sibh? 35 Ma thubhairt e diathan riùsan, a dh’ionnsaigh an tàinig facal Dhè, agus nach faodar an sgriobtar a bhriseadh; 36 An abair sibh ris-san, a naomhaich an t‑Athair, agus a chuir e a‑chum an t‑saoghail, Tha thu a’ labhairt toibheim; airson gun dubhairt mi, Is mi Mac Dhè? 37 Mura dèan mi obraichean m’Athar, na creidibh mi. 38 Ach ma nì, ged nach creid sibh mise, creidibh na h‑obraichean, a‑chum gum bi fhios agaibh, agus gun creid sibh gu bheil an t‑Athair annamsa, agus mise annsan. 39 Uime sin dh’iarr iad a‑rìs a ghlacadh: ach chaidh e as an làimh. 40 Agus chaidh e a‑rìs gus an taobh thall de Iòrdan, don ionad anns an robh Eòin air tùs ri baisteadh; agus rinn e còmhnaidh an sin. 41 Agus thàinig mòran da ionnsaigh, agus thubhairt iad, Cha do rinn Eòin aon mhìorbhail: ach bha na h‑uile nithean a thubhairt Eòin mun duine seo fìor. 42 Agus chreid mòran anns an àite sin ann. |