Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 103 - Am Bìoball Gàidhlig 1992


Salm le Daibhidh.

1 Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus moladh gach nì a tha an taobh a‑staigh dhìom a ainm naomh-san.

2 Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile.

3 Is e a mhaitheas dhut do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas d’easlaintean uile;

4 A shaoras do bheatha o sgrios, a chrùnas thu le coibhneas gràidh agus le caomh-thròcairean;

5 A shàsaicheas do bheul le nithean matha, air chor is gun ath-nuadhaichear d’òige, mar òige na h‑iolaire.

6 Nì an Tighearna ceartas agus breitheanas dhaibhsan uile a tha air an sàrachadh.

7 Dh’fhoillsich e a shlighean do Mhaois, a ghnìomharan do chloinn Israeil.

8 Is tròcaireach agus is gràsmhor an Tighearna, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an coibhneas gràidh.

9 Cha bhi e a’ cronachadh gu sìorraidh, agus cha ghlèidh e a fhearg gu bràth.

10 A rèir ar peacaidhean cha do rinn e oirnn, agus a rèir ar n‑euceartan cha tug e luigheachd dhuinn.

11 Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e.

12 Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais.

13 Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e;

14 Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn.

15 An duine, mar fheur tha a làithean; mar bhlàth na machrach, mar sin fàsaidh e fo bhlàth;

16 Oir gabhaidh a’ ghaoth thairis, agus cha bhi e ann, agus chan aithnich a ionad fhèin e nas mò.

17 Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne,

18 Dhaibhsan a chumas a choicheangal, agus a chuimhnicheas a àitheantan a‑chum an dèanamh.

19 Shocraich an Tighearna a rìgh-chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile.

20 Beannaichibh an Tighearna, sibhse a ainglean, treun ann an neart, a’ dèanamh a iarrtais, ag èisdeachd ri fuaim a fhacail.

21 Beannaichibh an Tighearna, a shlòigh uile, sibhse a luchd-frithealaidh a tha a’ dèanamh a thoile.

22 Beannaichibh an Tighearna, a obraichean uile, anns gach àite de a thighearnas; beannaich an Tighearna, O m’anam!

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan