Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


114 Rainn Bhìobaill mu Fhìon

114 Rainn Bhìobaill mu Fhìon

Tha am fìon air ainmeachadh iomadh uair anns a’ Bhìoball, agus tha e a’ cluich pàirt chudromach ann an iomadh sgeul. Bidh e tric na shamhla air aoibhneas agus comharrachadh, ach tha na cunnartan aige air an ainmeachadh cuideachd.

Faodaidh fìon a bhith a’ riochdachadh beannachdan agus cunnartan, a rèir a’ cho-theacsa. Anns an t-Seann Tiomnadh, tha fìon ceangailte ri pailteas agus beannachdan Dhè. Mar eisimpleir, anns an leabhar Ghinesis, bidh Noah a’ plantadh fìonain às dèidh na Dìle agus a’ dèanamh fìon às na fìon-dhearcan. Tha am fìon a’ riochdachadh toradh na talmhainn a tha Dia a’ toirt dhuinn.

Ach, tha na Sgriobtairean cuideachd gar rabhadh mu chunnartan cus fìona. Anns an leabhar Ghnàth-fhocail, tha e ag ràdh gum faod fìon a bhith na bhuaireadh agus gun toir e gu misg agus dìth breithneachaidh. Tha sinn air ar brosnachadh gus cus a sheachnadh agus smachd a chumail oirnn fhìn.

Anns an Tiomnadh Nuadh, rinn Ìosa a’ chiad mhìorbhail aige aig banais ann an Cana, nuair a thionndaidh e uisge gu fìon. Tha seo a’ sealltainn a chumhachd agus a mhiann gus aoibhneas a thoirt dhuinn. Ach, tha e cudromach cuimhneachadh gun do bhrosnaich Ìosa sinn gu bhith meadhanach agus stuama. Mar sin, dèanamaid a h-uile rud gu cubaidh agus ann an òrdugh.




Ephèsianach 5:18

Agus na bithibh air mhisg le fìon, anns a bheil anabarr; ach bithibh air ur lìonadh den Spiorad:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eclesiastes 9:7

Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas, agus òl d’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 32:14

Im cruidh, agus bainne chaorach, maille ri saill uan agus reitheachan de shìol Bhasain, agus ghobhar, maille ri reamhrachd àirnean a’ chruithneachd; agus dh’òl thu fuil fhìorghlan nam fìondhearc.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 9:20-21

Agus thòisich Nòah air a bhith na fhear-saothrachaidh na talmhainn, agus shuidhich e fìonlios: Agus dh’òl e den fhìon, agus bha e air mhisg: agus bha e lomnochd a‑staigh na bhùth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eclesiastes 2:3

Dh’iarr mi ann am chridhe mi fhèin a thabhairt do fhìon (gidheadh a’ seòladh mo chridhe ann an gliocas), agus greim a ghabhail air amaideachd, gus am faicinn ciod e am math sin do chloinn nan daoine, a bu chòir dhaibh a dhèanamh fo nèamh air feadh uile làithean am beatha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 14:18

Agus thug Melchisedec rìgh Shàleim a‑mach aran agus fìon: agus b’esan sagart an Dè as ro‑àirde.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 5:23

Na òl uisge nas mò, ach cleachd beagan fìona airson do ghoile, agus d’anfhainneachd mhinig.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 27:37

Agus fhreagair Isaac, agus thubhairt e ri Esau, Feuch, rinn mi e na uachdaran ort, agus a bhràithrean uile thug mi dha mar sheirbhisich; agus le arbhar agus le fìon chùm mi suas e: agus dhutsa ciod a‑nis a nì mi, a mhic?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 29:40

Agus maille ris an aon uan, an deicheamh cuid de fhlùr mìn measgte leis a’ cheathramh cuid de hin de ola bhrùite; agus an ceathramh cuid de hin de fhìon, mar thabhartas-dibhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Àireamh 6:26

Gun togadh an Tighearna suas a ghnùis ort, agus gun tugadh e sìth dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 10:9

Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Esteir 5:6

Agus thubhairt an rìgh ri Ester aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 23:13

Agus is e a thabhartas-bìdh dà dheicheamh earrainn de fhlùr mìn measgte le ola, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna, a‑chum fàile chùbhraidh: agus bidh a thabhartas-dibhe de fhìon, an ceathramh cuid de hin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Daniel 5:1

Rinn Belsasar an rìgh cuirm mhòr do mhìle de a thighearnan, agus dh’òl e fìon ann an làthair a’ mhìle.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Daniel 5:4

Dh’òl iad fìon, agus chliùthaich iad na diathan, òir agus airgid, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Àireamh 6:3

O fhìon agus o dhibh làidir sgaraidh e e fhèin; fìon-geur fìona, no fìon-geur dibhe làidir chan òl e, cha mhò a dh’òlas e a’ bheag de shùgh nam fìondhearcan, cha mhò a dh’itheas e fìondhearcan ùr no tioram.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Daniel 5:23

Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 14:26

Agus bheir thu an t‑airgead sin airson gach nì a mhiannaicheas d’anam, airson buair, no airson chaorach, no airson fìona, no airson dibhe làidir, no airson gach nì a mhiannaicheas d’anam: agus ithidh tu an sin an làthair an Tighearna do Dhia, agus nì thu gàirdeachas, thu fhèin, agus do theaghlach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Amos 2:8

Agus tha iad gan sìneadh air aodaichean a ghabhadh ann an geall, aig taobh gach altarach; agus tha iad ag òl fìon na muinntir a dhìteadh ann an taigh an diathan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:14-15

Bheir e air feur fàs don sprèidh, agus air luibh a‑chum seirbhis an duine, a‑chum aran a thabhairt as an talamh, Agus fìon a nì cridhe an duine subhach, ola a nì a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Amos 6:6

A tha ag òl fìona ann an cuachan, agus gan ungadh fhèin le tagha gach ola: ach nach eil duilich airson àmhghar Iòseiph.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 104:15

Agus fìon a nì cridhe an duine subhach, ola a nì a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Amos 9:14

Agus bheir mise air a h‑ais a‑rìs bruid mo shluaigh Israel, agus togaidh iad na bailtean fàsa, agus nì iad an àiteachadh; agus suidhichidh iad fìon-liosan, agus òlaidh iad am fìon; nì iad fòs liosan, agus ithidh iad an toradh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 20:1

Is cealgach an nì fìon, is buaireasach an nì deoch làidir; agus ge bè neach a mheallar leo, chan eil e glic.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 9:2

Mharbh i a feòil; mheasg i a fìon; dheasaich i mar an ceudna a bòrd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 14:21

Is math an nì gun fheòil ithe, no fìon òl, no nì air bith a dhèanamh leis am faigh do bhràthair tuisleadh no oilbheum, no leis an dèanar lag e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Àireamh 15:5

Agus bheir thu seachad an ceathramh cuid de hin fìona mar thabhartas-dibhe, maille ris an tabhartas-loisgte no an ìobairt, airson aon uain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 23:30-35

Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon; iadsan a thèid a dh’iarraidh fìona measgte. Na amhairc thusa air an fhìon nuair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath anns a’ chupan, a thèid e sìos dìreach. Mu dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an rìgh-nathair sàthaidh e a‑ghath. Amhaircidh do shùilean air mnathan coimheach, agus cuiridh do chridhe an cèill nithean claona: Agus bidh tu mar an tì a laigheas sìos ann am meadhon na fairge, no mar esan a laigheas air bàrr croinn-siùil. Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: cuin a dhùisgeas mi? An sin iarraidh mi fhathast e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 7:13

Agus gràdhaichidh e thu, agus beannaichidh e thu, agus nì e lìonmhor thu: mar an ceudna beannaichidh e toradh do bhronn, agus toradh d’fhearainn, d’arbhar, agus d’fhìon, agus d’ola, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach, anns an fhearann a mhionnaich e dod athraichean a thabhairt dhut.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eclesiastes 3:13

Agus mar an ceudna gun itheadh agus gun òladh gach duine, agus gum mealadh e math a shaothrach uile, is e sin tìodhlac Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 27:34

Thug iad dha ri òl fìon-geur, measgte le domblas: agus air dha a bhlasad, chan òladh e e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ioel 3:18

Agus tàrlaidh anns an là sin gun sil na slèibhtean a‑nuas fìon nuadh, agus sruthaidh na beanntan le bainne; agus sruthaidh uile aibhnichean Iùdah le uisgeachan; agus thig tobar a‑mach o thaigh an Tighearna, agus uisgichidh e gleann Shitim.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 23:9

A‑thaobh nam fàidhean. Tha mo chridhe briste an taobh a‑staigh dhìom; tha mo chnàmhan gu lèir air ghluasad; is cosmhail mi ri fear air mhisg; is ionann mi is duine air an d’fhuair fìon làmh-an‑uachdair, airson an Tighearna, agus airson briathran a naomhachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 55:1

Ho! gach neach air a bheil tart, thigibh-se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 22:20

Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil-sa, a dhòirteadh air ur son-se.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Genesis 27:25

Agus thubhairt e, Thoir am fagas dhomh e, agus ithidh mi de shidhinn mo mhic, a‑chum is gum beannaich m’anam thu. Agus thug e am fagas dha e, agus dh’ith e; agus thug e da ionnsaigh fìon, agus dh’òl e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 31:12

Uime sin thig iad agus seinnidh iad ann an àirde Shioin, agus cruinnichidh iad ri chèile a‑chum maitheas an Tighearna airson cruithneachd, agus airson fìona, agus airson ola, agus airson àlach an treud agus na sprèidhe: agus bidh an anam mar ghàrradh uisgichte, agus cha dèan iad air aon chor bròn nas mò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 22:13

Ach feuch, aoibhneas agus aighear, marbhadh dhamh agus casgairt chaorach, ithe feòla agus òl fìona; itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 9:17

Cha mhò a chuireas daoine fìon nuadh ann an seann searragan: no brisear na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragan nuadha, agus bidh iad araon tèarainte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 25:6

Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 21:17

Bidh esan na dhuine bochd a ghràdhaicheas sògh; an tì a ghràdhaicheas fìon agus ola chan fhàs e saoibhir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 26:29

Ach tha mi ag ràdh ribh nach òl mi à seo suas de thoradh seo na fìonain, gus an là sin anns an òl mi e nuadh maille ribh ann an rìoghachd m’Athar.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 44:21

Cha mhò a dh’òlas sagart air bith fìon, nuair a thèid iad a‑steach don chùirt a‑staigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 14:25

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach òl mi nas mò de thoradh na fìonain gus an là sin anns an òl mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 29:6

Cha d’ith sibh aran, cha mhò a dh’òl sibh fìon, no deoch làidir; a‑chum gum biodh fios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 2:22

Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 5:37-38

Agus cha chuir duine sam bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear e fhèin, agus caillear na searragan. Ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha; agus bidh iad le chèile tèarainte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 7:34

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 22:18

Oir tha mi ag ràdh ribh, nach òl mi de thoradh na fìonain gus an tig rìoghachd Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 2:1-11

Agus air an treas là bha pòsadh ann an Cana Ghalile; agus bha màthair Iosa an sin. Agus thubhairt e ris, Cuiridh gach duine fìon math an làthair air tùs; agus nuair a dh’òlas daoine gu leòr, an sin am fìon as miosa: ach ghlèidh thusa am fìon math gus a‑nis. Seo toiseach nam mìorbhailean a rinn Iosa ann an Cana Ghalile, agus dh’fhoillsich e a ghlòir; agus chreid a dheisciobail ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 2:13

Ach thubhairt dream eile a’ fanaid, Tha na daoine seo làn de fhìon ùr.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 10:21

Chan eil e an comas dhuibh cupan an Tighearna òl, agus cupan dheamhan. Chan eil e an comas dhuibh co‑roinn a bhith agaibh de bhòrd an Tighearna, agus de bhòrd dheamhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 11:25

Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa: dèanaibh-se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 1:11

Air ur lìonadh le toradh na fìreantachd, a tha tre Iosa Crìosd a‑chum glòir agus cliù Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tìtus 2:3

Mar an ceudna na mnathan aosda a bhith nan giùlan mar as cubhaidh do naomhachd, gun a bhith nan luchd-tuaileis, gun a bhith trom air fìon, a bhith nan luchd-teagaisg air nithean matha;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:10

Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 3:11

An cuir tobar a‑mach as an aon sùil uisge milis agus searbh?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:19-21

A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas. Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall-ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd. Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh. Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 16:5

Is e an Tighearna cuibhreann m’oighreachd agus mo chupain; is tusa a chumas suas mo chrannchur.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 75:8

Oir tha cupan ann an làimh an Tighearna, agus tha am fìon dearg; làn coimeisg tha e, agus dòrtaidh e cuid as; ach a dheasgainnean fàisgidh agus òlaidh uile dhaoine aingidh na talmhainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 116:13

Glacaidh mi cupan na slàinte, agus gairmidh mi air ainm an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:5

Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann; tha mo chupan a’ cur thairis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 78:65-66

An sin mhosgail an Tighearna mar neach a bha na chadal, mar churaidh a nì iolach an dèidh dha fìon òl. Agus bhuail e a naimhdean nan deireadh; thug e masladh bithbhuan dhaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 60:3

Nochd thu dod shluagh nithean cruaidhe; thug thu oirnn fìon a’ bhuaireis òl.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 69:12

Tha iadsan a tha nan suidhe anns a’ gheata a’ labhairt am aghaidh, agus tha mi am òran acasan a tha ag òl dibhe làidir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 31:6-7

Thugaibh deoch làidir dhàsan a tha ullamh gu bàsachadh, agus fìon dhaibhsan a tha ann an searbhas anama. Oladh e, agus dìochuimhnicheadh e a bhochdainn, agus na cuimhnicheadh e a thruaighe nas mò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 24:7

Tha am fìon nuadh ri caoidh, tha an fhìonain lag, tha luchd a’ chridhe aoibhinn uile ag osnaich.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 55:2

Carson a tha sibh a’ caitheamh airgid air nì nach aran, agus ur saothair air nì nach sàsaich? Eisdibh le deagh aire riumsa, agus ithibh an nì a tha math; agus gabhadh ur n‑anam toil-inntinn ann an cuirm shòghmhoir.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 35:5-6

Agus chuir mi air beulaibh mic taigh nan Rechabach soireachan làn fìona, agus cupain; agus thubhairt mi riu, Olaibh fìon. Ach thubhairt iadsan, Chan òl sinne fìon: oir thug Ionadab mac Rechaib ar n‑athair àithne dhuinn, ag ràdh, Na òlaibh-se fìon, sibh fhèin no ur mic gu bràth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tuireadh Ieremiah 3:15

Lìon e mi le searbhadas, chuir e air mhisg mi le searbh-luibhean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 27:18

B’e Damascas do cheannaiche ann an lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu, airson pailteas an uile shaoibhreis: ann am fìon Helboin, agus ann an olainn ghil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ioel 1:5

Dùisgibh, a mhisgearan, agus guilibh; agus dèanaibh-se caoidh, uile phòitearan fìona, airson an fhìon-nuaidh, oir tha e air a ghearradh air falbh o ur beul.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Micah 2:11

Ma nì duine sam bith, ag imeachd ann an spiorad brèige, agus ceilg, fàistneachd dhut airson fìona agus airson dibhe làidir, bidh eadhon esan na fhàidh don t‑sluagh seo.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Sechariah 10:7

Agus bidh Ephraim mar ghaisgeach; agus nì an cridhe gàirdeachas mar le fìon: seadh, chì an clann, agus bidh iad ait; nì an cridhe gàirdeachas anns an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:19

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 26:27

Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibh e, ag ràdh, Olaibh uile dheth:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 14:23

Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibhsan e: agus dh’òl iad uile as.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 1:15

Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 10:34

Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 6:55

Oir is biadh gu fìrinneach m’fheòil, agus is deoch gu fìrinneach m’fhuil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:14

Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh-se, mo bhràithrean, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 11:21-22

Oir ithidh gach aon air tùs a shuipear fhèin, agus tha neach acrach, agus neach eile air mhisg. An e nach eil taighean agaibh a‑chum ithe agus òl annta? No a bheil sibh a’ dèanamh tàire air eaglais Dhè, agus a’ nàrachadh na muinntir aig nach eil? Ciod a their mi ribh? Am mol mi sibh anns a’ chùis seo? Cha mhol.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 10:16

Cupan a’ bheannachaidh a tha sinne a’ beannachadh, nach e comann fuil Chrìosd e: an t‑aran a tha sinn a’ briseadh, nach e comann corp Chrìosd e?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 5:14

Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:24

Agus iadsan as le Crìosd, cheus iad an fheòil, maille ri a h‑an‑tograidhean agus a h‑ana-miannan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 2:1-2

Uime sin, ma tha comhfhurtachd air bith ann an Crìosd, ma tha sòlas air bith gràidh, ma tha co‑chomann air bith an Spioraid, ma tha truas air bith agus tròcair; A‑chum do ainm Iosa gun lùbadh gach glùin, de nithean a tha air nèamh, agus de nithean a tha air thalamh, agus de nithean a tha fon talamh; Agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Crìosd an Tighearna, a‑chum glòir Dhè an t‑Athair. Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith: Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin. Dèanaibh na h‑uile nithean gun ghearan, agus gun deasbaireachd: A‑chum gum bi sibh neo-choireach, agus neo-chronail, nur cloinn do Dhia, neo-lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t‑saoghail; A’ cumail a‑mach facal na beatha; a‑chum gun dèan mise uaill ann an là Chrìosd, do bhrìgh nach do ruith mi gu dìomhain, agus nach do shaothraich mi gu dìomhain. Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh-se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile. Air an dòigh cheudna biodh aoibhneas oirbhse, agus dèanaibh gàirdeachas maille riumsa. Ach tha dòchas agam anns an Tighearna Iosa, Timòteus a chur gu goirid dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi mise mar an ceudna ann an deagh mhisnich, air dhomh fios fhaotainn ciod as cor dhuibhse. Coileanaibh mo ghàirdeachas, gum bi sibh a dh’aon inntinn, a dh’aon ghràdh, a dh’aon toil, a dh’aon bhreithneachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:16

Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Tesalònianaich 5:6-8

Uime sin na caidleamaid mar dhaoine eile; ach dèanamaid faire agus bitheamaid stuama. Oir an dream a chaidleas, is anns an oidhche a chaidleas iad: agus an dream a tha air mhisg, is anns an oidhche tha iad air mhisg. Ach bitheamaid-ne, a tha den là, stuama, a’ cur oirnn uchd-èideadh a’ chreidimh agus a’ ghràidh, agus mar chlogaid, dòchas na slàinte:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 5:14

Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 5:13-14

A bheil neach sam bith fo thrioblaid nur measg? Dèanadh e ùrnaigh. A bheil neach sam bith subhach? Seinneadh e sailm. A bheil neach sam bith tinn nur measg? Cuireadh e fios air seanairean na h‑eaglais; agus dèanadh iad ùrnaigh os a chionn, ga ungadh le ola ann an ainm an Tighearna:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 4:3

Oir is leòr dhuinn a’ chuid a chaidh seachad de aimsir ar beatha gu toil nan Cinneach a dhèanamh, nuair a shiubhail sinn ann am macnas, ann an ana-miannan, ann an anabarr fìona, ann an geòcaireachd, ann am pòiteireachd, agus ann an iodhal-adhradh ain-dligheach:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Peadar 2:13

Agus gheibh iad tuarasdal na h‑euceirt, mar dhream a mheasas mar shubhachas sògh anns an là: is smalan iad agus adhbhar-maslaidh, a’ gabhail toileachas-inntinn nam mealltaireachd fhèin, am feadh a tha iad air cuirmean maille ribh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 5:12

Oir beannaichidh tusa am fìrean, a Thighearna; le deagh-ghean cuartaichidh tu e, mar le sgèith.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 4:7

Is e gliocas an nì sònraichte; faigh gliocas, agus maille rid uile fhaghail faigh tuigse.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 16:10

Agus tha aoibhneas agus gàirdeachas air an toirt air falbh on mhachair thorraich; agus anns na fìonliosan cha dèan iad ceòl, cha tog iad iolach; anns na h‑amaran cha bhrùth am fear-bruthaidh fìon; thug mise air an iolach sgur.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 18:6

Mura d’ith e air na slèibhtean, cha mhò a thog e suas a shùilean ri iodhalan taigh Israeil, no a thruaill e bean a choimhearsnaich, no a thàinig e dlùth do mhnaoi a chuireadh air leth;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Amos 9:13

Feuch tha na làithean a’ teachd, tha an Tighearna ag ràdh, anns am beir an treabhaiche air a’ bhuanaiche, agus fear-bruthaidh nam fìondhearc air fear-cur an t‑sìl; agus silidh na slèibhtean fìon milis, agus leaghaidh na h‑uile chnuic.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Micah 6:15

Cuiridh tu, ach cha bhuain thu: bruthaidh tu meas a’ chroinn-ola, ach chan ung thu thu fhèin le ola; agus dearcan an fhìon nuaidh, ach chan òl thu fìon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:6

Is beannaichte an dream air a bheil acras agus tart na còrach: oir sàsaichear iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Marcus 10:43-44

Ach cha bhi e mar sin nur measg-se: ach ge bè neach len àill a bhith mòr nur measg, bidh e na òglach agaibh: Agus ge bè neach agaibh len àill toiseach a bhith aige, bidh e na sheirbhiseach do na h‑uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lùcas 14:12-14

An sin thubhairt e ris an tì mar an ceudna a thug cuireadh dha, Nuair a nì thu dìnnear no suipear, na gairm do chàirdean, no do bhràithrean, no do luchd-dàimh, no do choimhearsnaich shaoibhir; air eagal gun toir iadsan mar an ceudna cuireadh dhutsa a‑rìs, agus gum faigh thu a’ chomain cheudna. Ach nuair a nì thu cuirm, gairm na bochdan, na daoine ciurramach, na bacaich, na doill: Agus bidh tu beannaichte, a chionn nach urrainn iad a’ chomain cheudna a thoirt dhut: oir gheibh thu comain ann an aiseirigh nam fìrean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 2:10

Agus thubhairt e ris, Cuiridh gach duine fìon math an làthair air tùs; agus nuair a dh’òlas daoine gu leòr, an sin am fìon as miosa: ach ghlèidh thusa am fìon math gus a‑nis.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 14:16

Air an adhbhar sin na labhrar olc mu ur math.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 6:12

Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh; tha na h‑uile nithean ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mi fo chumhachd nì sam bith.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:8

Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 6:10

Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tìtus 1:7

Oir is còir do easbaig a bhith neo-choireach, mar stiùbhard Dhè, gun a bhith fèin-thoileil, no feargach, no òlmhor, no tuasaideach, no cionail air buannachd shalaich;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 13:9

Na bithibh air ur giùlan mun cuairt le teagasgan eugsamhail coimheach: oir is math an nì an cridhe a bhith air a dhaingneachadh le gràs, chan ann le biadhan, nithean nach tug tairbhe don dream a ghnàthaich iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Seumas 4:4

Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:103

Cia milis lem bhlas do bhriathran! Nas mìlse tha iad na mil dom bheul.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 10:9

Esan a ghluaiseas ann an ionracas, gluaisidh e gu tèarainte; ach esan a chlaonas a shlighean, aithnichear e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eclesiastes 10:19

Nìthear cuirm a‑chum aiteis, agus nì fìon duine subhach: ach freagraidh an t‑airgead na h‑uile nithean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 14:17

Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac

Urnuigh ri Dia

A Dhè, anns do chaoimhneas gun chrìoch, is tu airidh air gach glòir 's àrdachadh. Tha mi a' toirt taing dhut airson nan iongantasan a bheir thu dhuinn gach là. Tha do ghràdh gar cuairteachadh 's gar stiùireadh anns gach àm. Le taingealachd, tha mi a' mothachadh do làthaireachd anns gach ceàrnaidh de mo bheatha agus a' cur luach air na beannachdan uile a tha thu air a thoirt dhomh. Ann am meadhan nan dùbhlan 's nan cnapan-starra, tha thu air mo chumail suas 's air neart a thoirt dhomh gus cumail a' dol. Tha thu a' toirt dhomh na gliocas gus co-dhùnaidhean ceart a dhèanamh agus a' lìonadh mo chridhe le dòchas anns na h-amannan as duilghe. A ghràidh Iosa, anns an uair seo tha mi ag iarraidh ort mo chuideachadh gus a bhith beò a rèir do thoil, gun dad a dhèanamh a shàsaicheas miannan mo cholainn, ach a bhith beò gus do thoileachadh anns gach nì a nì agus a smaoinicheas mi. Lìon mi le barrachd de do làthaireachd agus neartaich mi anns mo laigsean. Thoir dhomh d'eagal gus nach tuit mi ann am buaireadh agus saor mi bhon olc. Tha mi ag iarraidh ort mo stiùireadh anns do cheartas, gus am bi mi comasach air do àitheantan 's do reachannan a chumail anns gach àm gun a bhith a' claonadh bhuapa idir. Cruthaich annam, a Dhè, cridhe a rèir do chridhe fhèin, agus ùraich spiorad ceart annamsa. An ainm Iosa, Amen.
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan