Taisbeanadh 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo. 2 Agus air ball bha mi anns an Spiorad: agus, feuch, bha rìgh-chathair air a suidheachadh air nèamh, agus bha neach na shuidhe air an rìgh-chathair. 3 Agus bha an Tì a shuidh, ri amharc air, cosmhail ri cloich iasper, agus shardis: agus bha bogha-frois timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt, cosmhail, ri fhaicinn, ri emerald. 4 Agus timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt bha ceithir-cathraichean-fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir-seanairean-fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir. 5 Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè. 6 Agus fa chomhair na rìgh-chathrach bha fairge ghloine cosmhail ri criostal: agus ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus mun cuairt den rìgh-chathair, bha ceithir beò-chreutairean làn de shùilean air am beulaibh agus air an cùlaibh. 7 Agus bha an ciad bheò-chreutair cosmhail ri leòmhann, agus an dara beò-chreutair cosmhail ri laogh, agus bha aig an treas beò-chreutair aghaidh mar dhuine, agus bha an ceathramh beò-chreutair cosmhail ri iolair ag itealaich. 8 Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas. 9 Agus nuair a thug na beò-chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal, 10 Thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh-chathrach, ag ràdh, 11 Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad. |